Skip to main content

‹‹‹ prev (108) Page 50Page 50

(110) next ››› Page 52Page 52

(109) Page 51 -
adh ’nan aghaidh, agus mur toireadh sin buaidh,
cha robh gainne uair air bith air ceilg. Ach
far an robh na Gaidheil a’ nochdadh na
lagchuise a bu lugha, troimh eas-aonachd no do
bhrigh dith-stiuiridh, cha bu diii tighinn gu
cordadh riu, agus cha robh soradh air an
laimh laidir. Faodaidh duine an siud a bhith
ag arach air a’ Phrionnsa Tearlach, agus fear
an seo a bhith a’ cur na coire air Blar Chuil-
lodair, ach ge air bith a liuthad cuspair a
dh’ainmichear mar chinn-fath cor anfhann na
Gaidhlige an diugh, chan’eil annta air fad ach
toraidhean air siol a chuireadh anns an t-sean
aimsir—cinneas fior air innleachdan a bha ag
abachadh fad nan ceudan bliadhna, le
suaicheantas Shasainn agus bias na Beurla air
gach aon diubh. Ged is docha gun do ghreas
Blar Chuil-lodair mor-chas nan Gaidheal, cha
robh an sin ach, mar gum b’eadh, aon rann
dubhach an Cumha Mor nan trioblaidean a
thoisich air ais anns an aona linn deug.
Ge air bith ball de an chorp anns am buail
galar an duine, tha buaidh na trioblaide, air a’
cheann mu dheireadh, a’ ruigheachd a’ chridhe
agus na h-eanchainne. Tha a’ chuis co-ionann
a thaobh na Gaidhlige. Ged is ann anns a’
Ghaidhealtachd as leir dhuinne easlaint ar
canaine an diugh, cha b’ann idir an sin a
thoisich an trioblaid. Aig aon am bha na
Gaidheil agus a’ Ghaidhlig a’ riaghladh air
feadh farsaingeachd Albann. Thoisich an
galar an cuirt righrean Albann, agus an ain-
fheoil bhuirbeineach a nochd i fhein an sin,
naoi ceud bliadhna air ais, tha i air leudachadh
a nis gu ruig na h-eileanan as iomallaiche an
Innse Gall.
Chan ’eil anns a’ Ghaidhealtachd ach, mar
gum b’eadh, mir de chorp Albann. Is e sin
ni a tha Gaidheil agus Albannaich eile ro-
ealamh air a bhith a’ dith-chuimhneachadh,
agus ann a bhith a’ dearmad sin, tha iad
iomadh uair a’ deanamh mearail agus a’ dol
fada air seachran. Bhiodh e ro-fheumail gum
biodh iadsan aig a bheil leigheas na Gaidhlige
anns an amharc a’ cumail cor agus eachdraidh
Albann daonnan fa chomhair an sula; oir
gach ni a tha ag oibreachadh cron Albann, tha
e aig a’ cheart am a’ deanamh call nan Gaidheal;
agus air a’ mhodh cheudna, gach ni a tha a
chum leas nan Gaidheal agus piseach na
Gaidhlige, tha e gun cheist a’ meudachadh
maith Albann air fad. Tha cor na Gaidhlige
agus staid Albann an daimh cho dluth is nach
’eil e glic a bhith a’ cur dealachaidh eatorra, no
a bhith a’ beachdachadh orra air an sgaradh
bho a cheile.
Ged cheadaicheadh iiine sin, cha bhiodh
tairbhe dhuinn mion-sgrudadh a dheanamh an
seo air gach beam a rinn na galar-sileanan
Sasannach air callaid na Gaidhlige, no air gach
burach faobhachail ,a rinn iad air feadh aorabh
Albann, ach seallaidh sinn air beagan de an
obair.
Thug righrean Shasainn, air ceann an cuid
armailtean, iomadh ionnsaigh gharbh air ar
sinnsearan a chur fo chis, ach cha deachaidh
leo. Gidheadh, an rud a dh’fhairtlich air a
chlaidheamh, thug cleamhnas agus clichdeachd
gu buil. An toiseach an t-samhraidh, anns a’
bhliadhna 1603, dh’fhag righ Seumas ar
ceann-bhaile, Dim Eideann, agus thug e a
chuirt rioghail gu ruig Lunnainn, priomh-
chathair nan Gall an Sasann. Is liutha Gall
agus Gaidheal fiughail a mheall seanas an
taoibh dheis air falbh a Albainn bho an la sin.
A ris, anns a’ bhliadhna 1707, chuir Achd an
Aonaidh a’ chlach-mhullaich air earn ar
doilgheis air a’ bhealach sin. Chaill muinntir
Albann an sin an coir agus an cothrom air
cuisean an tire fhein a riaghladh. An Taigh
Mor nan Cumantan an Lunnainn, tha guth
beag, tuchanach nan Albannach air a mhuchadh.
Le deich Sasannaich mu choinneamh gach
aon Albannaich, deachdar laghannan a tha a
chum mor dhochann do Albainn; agus air a’
mhodh cheudna, air agartas Shasainn, bacar
reachdan a bhiodh ro-bhuannachdail do shluagh
ar diithcha. Bha cairdean Shasainn a’ cur
iomchoire gu leor air an Ridire Ualtar Scot,
a chionn gun do ghabh e air fhein sgrlobhadh
gun do “reic ar luchd-conaltrachd araon an
onair fhein agus onair Albann’ ’ aig am an
aonaidh. Ach, ged bha na briathran car
tuaileasach, bha freumh na firinne aig an
Ridire ghleusda. Oir, mur do reic iad siud
da-rireadh an onair fhein, gu firinneach thug
iad ceum ciamhair, tuisleach; agus trid a’
chimnraidh chearbaich ud liubhair iad do
mhuinntir Shasainn araon dlighe an cineil
fhein agus saorsa an cuid chloinne. Faodaidh e
a bhith gun do choisinn iomadh Albannach
ainm mor dha fhein, agus cuibhreann chuibh-
easach de mhaith an t-saoghail seo ri linn an
aonaidh; gidheadh, rinn an t-Achd ud call nach
gabh tomhas do Albainn. Tha sinn a’ faicinn
aireamh sluagh ar duthcha a’ dol an lughad.
Tha earrann mhor de ar mao in agus de ar
malairt air falbh du deas, agus tha an corr a’
teicheadh. Tha eadhon cuid mhor de an toradh
as priseile a tha ar rioghachd ag arach—oigridh
ar n-oil-thaighean—a’ togail orra gach bliadhna
gu deas, agus a’ deanamh an dachaigh an
Sasann. Gheibhear luach air bathar, ach
imreachadh eilthireach ar n-oileanach taghte,
tha ’na dhosgainn nach gabh meas, seadh, ’na
lochd do-leasaichte do ar rioghachd.
Bha an cuid fhein de gach deuchainn dhiubh
seo a’ driiidheadh air a’ Ghaidhealtachd agus
air a’ Ghaidhlig, ach mar nach bu leor na
cuimrigean sin, chaidh na Gaidheil a chur gu