Skip to main content

‹‹‹ prev (90) AdvertisementAdvertisement

(92) next ››› Page 42Page 42

(91) Clar-Innsidh [Contents] -
THE GAEL
THE MONTHLY MAGAZINE OF
AN COMUNN GAIDHEALACH
Editor
Rev. T. M. Murchison, M.A.
All correspondence should be addressed to the Editor,
except that concerning advertising, which should be
addressed to the Secretary, while Subscriptions should
be sent to the Treasurer.
< 9. tIMWKimi
Principal Pontont*
Gaidhlig
La Ur do na Croitearan - - - 41
Naidheachd Albann Nodha - - 48
English
The Late Prime Minister of Nova
Scotia ----- 43
Northern Notes - - - - 44
Southern Notes - - - - 44
B.B.C. Gaelic Assistant - - 45
Mr. Murdo Murray, H.M.I.S. - - 45
The New Northern Organiser - 45
Letters to the Editor - - - 46
Badenoch-Strathspey Mod - - 48
An Gaidheal Og
An Rud A Thig leis a’ Ghaoith - 21
Comhradh nan Creutairean - - 22
Orr A Bhonnagan, A Ghaoil - - 24
65 West Regent Street,
Glasgow, C.2.
Telephone: DOUglas 1433.
Leabhar XLIX AN T-OG-MHIOS, 1954 Aireamh 6
La llr Do \ii Croitcaran?
TRI bliadhna air ais chuir Riinaire na
Staite air son na h-Alba air chois
Comhairle a rannsachadh agus a bheachd-
achadh mu shuidheachadh nan croitearan anns
a’ Ghaidhealtachd. Is e an t-Ollamh Tomas
Mac an Tailleir, Prionnsapal Oil-thaigh Obar-
dheadhain, a bha mar Cheann-suidhe air a’
Chomhairle, agus leis-san air an ceann rinn a’
Chomhairle siubhal is rannsachacjh an iomadh
cearn, eadar Sealtainn is He agus bho Inbhir-
Theorsa gu Eilean Idhe. Chuir iad cuairt air
an Eilean Fhada gu h-iomlan, agus bha iad
anns a’ mhor-chuid de na h-eileanan eile.
Ann an ceud taobh-duilleig tha a’ Chomhairle
a’ cur an ceill mar a tha cuisean, a reir is mar a
chuala is mar a chunnaic iadsan, na h-aobharan
a tha air ciil an t-suidheachaidh, agus mar an
ceudna nithean as coir a dheanamh gun dail a
chum is gun tig leasachadh.
Mar a dh’fhaodadh duil a bhith, tha moran
anns an leabhar seo nach ’eil aon chuid ur no
annasach do neach sam bith a tha eolach air
eachdraidh na Gaidhealtachd agus a tha a’
gabhail iiidh ann an cuisean an la an diugh.
Nach iomadh comhairle a bha ann, agus nach
iomadh rannsachadh mor a rinneadh, agus nach
iomadh facal a chaidh a radh mu chor na
Gaidhealtachd!
Tha cdtean soirbheachail agus croitearan
soirbheachail an siod is an seo air feadh na
Gaidhealtachd. Chan ’eil bochdainn air feadh
na diithcha an diugh mar a bha anns na linntean
a dh’fhalbh. Tha na “taighean dubha” air
dol gu ire gle mhoir a bith agus eadhon a
cuimhne. Tha goireasan ura aig daoine agus
comhfhurtachd nach robh aig an seanairean.
Ach, a dh’ aindeoin sin, tha an sluagh a’
falbh agus tha bailtean a’ dol fas. Agus sin a
chionn is nach ’eil obair an fhearainn a’
taladh dhaoine mar a bha, oir chan ’eil duais
no beoshlaint chothromach an cois an fhearainn
do 'n mhor-chuid. Mar sin, tha moran chroitean
falamh, fas, gun neach a’ fuireach orra no ’gan
oibreachadh; moran eile le feadhainn a’
fuireach orra ach fhathast gun iad air an
oibreachadh. Agus, aig a’ cheart am, tha fir
oga ann a mhiannaicheadh fearann fhaotainn,
agus chan ’eil iad a’ faighinn a’ chothroim.
Gu de, ma tha, a tha a’ Chomhairle a’
moladh a chum is gun deanar leasachadh ? A
reir am barail-san, is e freumh a’ ghnothaich
gu bheil cus de na croitean ro-bheag agus
feumar am meudachadh. Faodar am meudach-
adh le tuathanasan mora a roinn a mach ’nan
gabhalaichean cuimseach, no faodar a dha no
tri no barrachd de na croitean beaga a chur
comhla agus aon chroit mhor a dheanamh
dhiubh.
A his, a reir an lagha mar a tha cheana, tha
ughdarras aig Rimaire na Staite agus aig Bord
an Aiteaohais an da rud sin a dheanamh—
gabhalaichean beaga a mheudachadh agus
41 —