Skip to main content

‹‹‹ prev (66) Page 16Page 16

(68) next ››› Page 30Page 30

(67) Page 29 -
[Bho t.d. 28)
ann, thainig Calum cas-ruisgte a nuas air a ’
cheum. Bha e ’n a bhreisleach, agus a’ gut
agus a’ caoineadh, mar bha e roimhe.
[Thig Calum ann, a’ gul
agus a’ caoineadh.]
Silis (ag eirigh air a h-uilinn)—A bheil sgian
agad, a Chaluim?
Calum—Sg-ian ?
Silis—Bi tapaidh. A bheil sgian agad?
Calum—Chan ’eil.
Silis—Gheibh thu sgian anns an tigh. Faigh
sgian. Faigh sgian domh-sa, a Chaluim.
Bi tapaidh.
Calum—Chan urrainn domh-sa a dhol anns an
tigh. Tha e Icin de dhaoinibh marbha.
Silis—Air sgath Dhe faigh sgian air mo shon, a
Chaluim, agus gearr na buill a tha ’g am
cheangladh. Bi tapaidh.
Calum (’« a bhreisleach)—0! Mo chreach, a
Dhe, is mo leirsinn! Mo chreach, a Dhe!
Silis—A Chaluim! Sgian!
Calum—Sgian! C’ &it’ am faigh mi sgian?
Silis {ag eibheach a Gheibh thu sgian
anns an tigh, a bhuachaille, a ghraidh.
Air sgath na Maighdinn’ Gun Smal thoir
sgian domh. Gheibh thu te anns an tigh, a
ghraidh. Faigh i, gu tapaidh, agus gearr na
buill a tha air cacj mo dhorn, air chill mo
dhroma. O! Bi tapaidh! Bi tapaidh! A
Chaluim!
[Theid Calum, air a shocair,
a steach anns an tigh.]
A bheil thu-sa ann, a Mhorag Mhor? A bheil
thu-sa beo?
Morag Mhor {a’ gul agus ag osannaich gu
trom)—Tha-tha mi ann, ach b’ fhearr gu
m6r learn gu robh mi marbh. Chan ’eil ciall
agam. Chan ’eil tuigse agam. O! O!
Silis—Tha Calum a ’ tighinn. 1 ha biodag aige.
\Thig Calum a mach as an
tigh, agus biodag aige ’n a
Idimh. Gearraidh e na buill
aig Silis, air chill a droma.
An sin, gearr aidh Silis na
buill a tha timchioll air a
h-aobrainn.]
Calum—A Dh£! A Dhe! O! Uamhasach!
Uamhasach! A Dhe!
[Suidhidh Calum air an
talamh; paisgidh e a dhd
Idimh.]
0! An Gleann! An Gleann! O! An Gleann!
Silts {air eiginn ag eirigh)—A Mhdrag Mh6r, na
gluais. Is urrainn domh-sa a nis am ball a
tha ort-sa a ghearradh. Th6id mi a null
chugad, Na gluais,
[Gearraidh Silis an ceangladh
air lamhan M dr aig Mdire, air
chill a drama.]
Morag Mhor—A Dhe! A Dhe! Mo lamhan!
Mo chorp! Mo cheann! A Dhe! C ’ ar son
an d’ fhag iad beo mi? A bheil deoch uisge
agad domh, a Shilis?
Silis—Gheibh mi deoch uisge dhuit. Ach
gearr am ball a tha air t’ aobrainn, a Mhorag.
Bi tapaidh. So biodag dhuit.
[Bheir Silis a’ bhiodag do
Mhdraig; leigidh M drag
Mhdr fa sgaoil a cuid cas.]
Morag Mhor {air eiginn ag eirigh'. an sin,
tuitidh i sios a rithist'. fa dhebidh, thdid aice
air seasamh)—Gearr domh thu fhein e, a
Shilis. Chan urrainn domh chromadh. O!
Mo dhalladh leirsinn! O!
[Tha Morag Mhdr a’ gul gu
h-uamhasach; tha Silis ri a
taobh. a’ cuideachadh leatha;
an sin, gabhaidh Mdrag
Mhdr a’ bhiodag ’n a Idimh
fein, agus, .le h-ioghnadh,
seallaidh i gu geur air a ’
bhiodaig.]
So biodag Iain Duibh. C’ ait’ an d’ fhuair thu
i?
Silis—Fhuair Calum i. Dh ’ iarr mi air Calum
sgian a fhaotainn, agus thug e a’ bhiodag
dhomh. Feumaidh gun d’ fhuair e timchioll
an so i. O! A Dhe! Mo chreach! So Iain
Dubh a’ tighinn a rithist.
[Amhaircidh Silis suas, le
fiamh eagail agus uamhasaich
’n a suilibh. Tha Iain Dubh
a’ dliithachadh oirre fein agus
air M dr aig Mhdir.]
Falaich! Falaich! Bi tapaidh. Tha e a’
tighinn! Tha e a’ tighinn! A bheist! A
bhdist!
[Theid Mdrag Mhdr a steach
anns an tigh, agus seasaidh i
air chitl an doruis. Thig
Iain Dubh a nuas chum an
tighe.]
Iain Dubh {ag eibheach a mach gu feargach)—
An e Calum a rinn so ? An e Calum a leig fa
sgaoil thu ? Bithidh thu-sa air do chrochadh,
a Chaluim, bithidh, an uair bheir mi ort.
[Feuchaidh Iain Dubh ri
beirsinn air Calum, ach
ruithidh Calum uaithe. An
sin chi I din Dubh nach ’eil
Mdrag Mhdr ann.]
C’ ait’ a bheil Mdrag Mhdr? C’ ait a bheil
an dubh striopach? *C’ Ait’ a bheil i?
— 29 —