Skip to main content

‹‹‹ prev (196) Page 188Page 188

(198) next ››› Page 190Page 190

(197) Page 189 -
AN DEO-GREINE.
189
foghluim a thoirt do’n 6igridh, ach tha mi am
beachd gu bheil e gle bheag tuilleadh ’sa
ch6ir a bhi a’ toirt orra fuireach arms an
sgoil ann an seadh gus am bi iad a suas ri
seachd bliadhna deug a dh’aois.
An Taillear—Seachd bliadhna deug a
dh’aois! A Shiorraim ’sa Righ! Nach
ioma fear is te a bha posda aig an aois sin.
Ma leanas an ruith air an ruaig chan fhada
gus an cluinn sinn fear-eiginn a bhi air a
thoirt air beulaobh an t-Siorraim a chionn
nach ’eil e a’ cumail na mnatha ’san sgoil.
An cuala duine riamh a’ leithid de
bhlaomasdaireachd ? Seachd bliadhna deug!
Mise, mise ’n diugh!
Domhnull—Is e sin ma tha sinn a’
tuigsinn an Achd.
An Taillear—Tuigsinn ann no as, tha sinn
a’ tuigsinn gu bheil seachd bliadhna deug a
dh’aois mum fag balach an sgoil mi-
chiatach.
Domhnull—Thig an gnothuch trom oimn
gun teagamh, ach nach breagh an rud an
sluagh a bhi air am fbghlum ?
An Taillear—Is breagh gun teagamh agus
is math, ach chunnaic mi riamh “gur a
miosa nan t-uireasbhuidh tuilleadh ’sa
chbir. ’ ’ Tha am fbghlum an deidh cuid de ’n
bigridh fhagail cho proiseil cheana is nach
fhada gheibh thu duine a chuireas a Ikmh an
obair shalaich idir.
Domhnull—Agus nach gasda gun teid aig
neach air aran Ibthail a chosnadh le Ikmhan
glana.
An Taillear—Is gasda, gasda, a
Dhomhnuill, ach tha measarachd anns a
h-uile rud. Giod e am feum a tha an
Laidionn, an Greigis no an Eabhra a dhol a
threabhadh do dh’Achadh a’ Charragh no a
dh’iasgach ghiomach gu Sgeir an t-Saoth-
aich ? An innis thu sin dhomh ?
Domhnull—Ach, a Chailein, cha leig
duine aig am bi am fbghlum sin a leas lamh
a chuir an crann no air rkmh, ach am peann
a ghlacadh.
An Taillear—Nach e so a nis an gnothuch.
Nach ann air a sin a tha mi a’ tighinn. Tha
thu a’ faicinn, a Dhomhnuill, tha bunaitean
na rioghachd air an dearbh-st&dheachadh
air obair l&mh—obair Ibmh anns a h-uile
seadh. Ach ma tha an sluagh air fad a’ dol
a bhi ’nan dotairean, ’nam fir-lagha is ’nam
ministeirean, co, a nis, a tha a’ dol a
dh’obair? Chan urrainn fear a’ phinn aon
sgriob a chuir air paipeir gus am bi fear na
piocaid ag obair greis an toiseach. Am bheil
thu a’ faicinn?
Domhnull—Gle cheart, a Chailein. Ged
a bha mi an aghaidh nan clsean bha mi air
taobh an fhoghluim, ach cha do sheall mi
idir ’san rathad sin air a’ chuis. Chan
urrainn do na buill a tha sinn a’ cur do’n
Pharlamaid gin de an geallaidhean a
ghleidheadh agus feumaidh iad rud-eiginn a
dheanamh ged a b’e cron fhein e.
An Taillear—Neo-ar-thaing mur a geall
iad, agus creidear iad a h-uile h-uair a thig
iad an Am taghaidh, ged a bhios fios againn
gun d’thug iad an car asainn a h-uile h-uair
roimhe sin. Tha an sluagh, a Dhomhnuill,
coltach ris an each odhar agad fhein an uair
a theid thu a bhreith air do’n mhonadh.
Bidh tu agus boineid fhalamh ann ad laimh
agus tu a’ glaodhaich, “pruisoth”!
“pruisoth”! “pruisoth”! Thig an t-each
bochd ’nad chbmhdhail ’na ruith, is fiughair
aige ri lan bebil de shiol; agus is ann an uair
a bhios e agad air dhosan a chi e gun deach
an car a thoirt as. Sin agad, a Dhomhnuill,
mar a tha an fheadhainn a bhios ag iarraidh
do’n Pharlamaid. Tha cleas a’ chait orra,
a’ deanamh crbnan doibh fein, agus cleas an
eich uidhre fAin oimne, creididh sinn iad a
h-uile h-uair a thig iad.
Domhnull—Tha thu ceart ann an seadh,
a Chailein, ach
An Taillear—Tha mi ceart anns a h-uile
seadh.
Domhnull—Is e bha mi a’ dol a radh gu
bheil e gle fhurasda coire fhaotuinn do neach
an ughdarras ge b’e air cho math is gum bi a
rim. Seall thu, ma’s e am ministear fhein
e, mur ’eil an sluagh a’ tighinn am mach
do’n eaglais thAtar a tagair a’ mhinisteir;
ach ma theid a h-uile duine do’n eaglais cho
trie ris a’ mhinistear cha bhi aite suidhe
falamh innte Dbmhnach ’sa bhliadhna.
Buinidh dleasnas do’n dA thaobh.
An Taillear—Ceart agus ro-cheart, a
Dhomhnuill, ged nach buin an dA rud d’a
cheile, ach nan rachamaid air an amhuil
cheudna air fad do’n PhArlamaid bhiodh
gach ni a bhuineadh do’n rioghachd tur a
rAir ar miann. Nam biodh a’ chilis mar sin
nach fad o’n bha am fearann air a roinn, ha!
ha! ’Dhomhnuill!
Domhnull—Faodaidh sin a bhi, ach mar
tha fios agadsa, agus aig a h-uile tAillear, tha
e eu-comasach an sluagh uile a riarachadh,
ach air a shon sin ’s air fad, is ioma ath-
leasachadh math a tha a’ PhArlamaid a’
deanamh, ged a tha iad a’ tighinn gle throm
air cuid. Nach gasda an rud “Achd an
Dion ShlAinte”?
An Taillear—An e sin an t-Achd so nach
leig thu leas an dotair a phaigheadh? ’S e
na tha mise a’ faicinn anns an Achd sin ged
bhithinn ri uchd bAis nach tig an dotair g’am