Skip to main content

‹‹‹ prev (194) Page 186Page 186

(196) next ››› Page 188Page 188

(195) Page 187 -
AN DEO-GREINE.
187
COMHRADH.
EADAR DOMHNULL MOR AGUS
CAILEAN TAILLEAR.
Le Iain MacCormaig, Glascho.
(A’ Cheud Duals aig M6d Ghlascho, 1921.)
Domhnull (a’ teachd a steach)—Co tha
gleidheadh an tighe so an nochd ?
An Taillear (’na shuidhe a’ fuaigheal)—
Tha na chuireadh a mach thusa co-dhiu, cho
mor is ’ga bheil thu, ’s ged a tha an sean-
fliacal ag radh: —
“Cha duine t&illear
’S cha duine dha dhiubh;
Chuireadh fitheach ri creig
D& fhichead ’sa dhk dhiubh.”
Ciod e do bharail air a sin? Ach co-dhiu
nach beag a leigeas tu leas fharraid co a tha
gleidheadh an tighe an uair a thig thu do
thigh t&illear? Nach fhaod thu bhi gle
chinnteaeh gu’m hi an taillear a stigh
co-dhiu. Chan ionann is thusa’s do sheorsa
a dh’fhaodas an duthaich a shiubhal aon
uair is gu’n tuit an oidhche; ach ma theid
rnise sgrlob do thigh mo choimhearsnaich
saoilidh mi gu’m bi a h-uile fear ’san duth¬
aich air a thogail leis na feannagan le cion
aodaich mu’n tig ceann seachduinn. Faod-
aidh gach duine an diithaich a shiubhal ach
feumaidh mise suidhe air a’ bh6rd-dhubh so
gus am bi mi’m chruiplich cho mh6r ris an
each Ghallda a cheannaich Eoghan Ban
bho’n Eirionnach mh6r a bha a’ cruinn-
eachadh nan craicionn an uiridh.
Domhnull—Agus nach blkth seasgar air a ’
bhbrd-dhubh thu, a Chailein, faisg air a’
ghealbhan far nach tig a’ chlach-mheallain
na’s fhaisg ort na sgailc a thoirt air an
uinneig laimh riut, is far nach leig thu leas
arm as truime na snathaid a’ laimhseachadh.
Chan ionann is mise, a dh’fheumas dol gu
m’chruachain ’sa chladach fheamann a
chumail do sheorsa-sa ’san casan paisgte
fodhpa air b6rd seasgar fiodha.
An Taillear—Nach e sin fh&n an doigh air
production a dheanamh, mu’n dubhairt am
maighsteir-sgoil e. Nach math gu bheil thu
dlcheallach a thoirt toraidh as a’ ghrunnd
an deidh an droch bhiadhaidh a bh’oimn an
dm a’ chogaidh. Le6ra! is iad tri rudan as
m6 a dh’fheuch rium riamh—aran-dubh a’
chogaidh, 1m Eoghain mharsanta agus
plobaireachd Eachainn Bhdin. A thaobh an
arain ’san ime tha a’ chilis na’s fhearr, ach
tha plobaireachd EacHainn ’nar taice
fhathast, agus bithidh cho fhad ’sa theid
aige air gaothaire a chuir ’na phluic, no na
spuirean chrbg ud a chuir air tuill sionnsair,
gus a bheil na ceaxcan is na tunnagan an
deidh grain a ghabhail air an gogail ’s air
an racail fein. Ach c’uin a chunnaic thu
paipeir, a Dhomhnuill? Cia mar a tha
ciiisean an t-saoghail a’ dol a nis?
Domhnull—An da fhuair mi paipeir an
diugh fhein bho Iain mo mhac, ’s chan ’eil
cuisean a ’ sealltuinn gu ro mhath idir.
An Taillear—Seadh, a Dhomhnuill.
Domhnull—Tha mi-ch6rdadh anab’arrach
feadh an t-saoghail; ach am facas falaisg
mhor riamh nach biodh smiidan thall ’sa
bhos ’na Idraich ioma la an deidh a cur as.
An Taillear—Nach ana-ceart a nis an rud,
a Dhomhnuill, gum biodh a leithid de
chumhachd aig aon neach ’sam bith is gun
rachadh aige air an t-saoghal gu Idir a chuir
troimhe chdile uair air bith a shanntaicheadh
e, mar a rinn an Ceasar. Agus an deidh ’s
gu Idir cha robh ann ach an gealtair.
B’esan am famhair an uair a bha gnoth-
uichean a’ dol leis. Cleas Dhughaill Ruaidh
a bha ’sa Bhlar Bhuidhe, mharbhadh e
samhanaich gus an rachadh tionndadh air?
Ach bha Diighall na b’fhearr nan Ceasar.
Sheasadh Diighall air an laraich air am
bitheadh e ged a chailleadh e blkr. Ach cha
b’e sin do ghealtair mdr na h-E6rpa. An
uair a chunnaic e gu robh a dhruim ri talamh
chaidh e am fasgadh na h-Olaind, direach
mar a b’abhaist do’n chu ghlas aig Eoghan
Clobair a dheanamh an uair a gheibheadh e
a ghiollachd aig banais-chon. Theicheadh e
do’n Bhaile Mheadhonach far an d’fhuair e
a thogail. Air an amhuil cheudna an Ceasar,
is tha a nis cleas Bodach na Gealaich air,
a’ cur seachad na h-uine a’ gearradh
chraobh. Ach saoil thusa, a Dhomhnuill,
am beir iad am feasd air ?
Domhnull—Tha eagal orm nach beir.
Fhuair e do thigh na dldinn, is faodaidh e
glaodhaich mar a bhitheamaid a’ deanamh
’nar balaich an uair a dhlreamaid gu mullach
na Creige Mdire—
‘‘Tha mi air mo bhaile mdr,
Is feuch co chuireas as mi?”
An Taillear—Nach b’e mo shaighdear e!
An uair a chunnaic e gu robh an ruaig ’na
dheidh dh’fhag e a chuid ’sa chuideachd an
sud gun uiread ’sa radh, ‘‘Chan ’eil aig gach
duine ach a bhi toirt sgairbh a creagan dha
fhdin.” Am balgair. Ach stad ort, a
Dhomhnuill, a bheil guth air an fheadhainn
eile, na War Criminals, mun d’thuirt Eoghan
Bkn e.