Skip to main content

‹‹‹ prev (172) Page 164Page 164

(174) next ››› Page 166Page 166

(173) Page 165 -
AN DE0-GR2INE.
165
A’ PHIOBAIREACHD FHALAICH.
Le Iain Mao Cormaic.
(A’ cheud duals aig Mod 1915).
Cha robh am Paruig Mac Lucais ach mac
baintrich bhochd, air oigreachd Fir-Stafa,
an ceann-a-tuath Mhuile. Mar bu ghnaths le
balachain, anns an linn a bh’ann bhiodh
Paruig o mhoch gu dubh a’ cluich feadain—
feadan cuilc a rinn e fein—agus le ribheid
mhath chonlaich cha robh idir an droch cheol
anns an inneal.
De gach balach aig an robh feadan b’e
Paruig Mac Lucais a b’ fhearr meur.
Theireadh cuid gu’n do lean an duthchas e,
oir bha Paruig de shiol phiobairean
urramach, air an do thog beul-aithris sgeul
gu’n do dh’ionnsaich a’ cheud fhear diubh an
ealain, a dh’aon oidhche anns an t-sithein.
An uair a bhiodh Paruig a’ buachailleachd
a’ chruidh taobh nan cnoc, bhiodh am feadan
beag daonnan ’na chuideachd. Chluicheadh
e sguinn de’n Taorladh ’s de’n Chrunluadh
aig cuid de phuirt, cho loinneal, ’s gu’n
abradh cuid ghisreagach de na seann daoine,
le crathadh cheann “ Moire! tha thusa de na
h-eoin agus a’ faotainn leasan anns an
t-sithein.” Aon la sin bha Fear Stafa a’ dol
seachad air tigh na bantraich, air muin eich.
Bha Paruig aig a’ cheart am na shuidh air
cloich taobh an tighe, a’ cluich an fheadain.
Bheachdaich an duin-uasal air grinneas meoir
a bhalachain, agus mharcaich e ’nunn chuige.
“ An cluinn thu ’ille bhig? ” ars esan “ am
biodh tu toileach dol a dh-ionnsachdh na
piobaireachd ? ”
“ Bhitheadh ” ars am balach na’n leigeadh
mo mhathair learn.” Anns an bhruidhinn a
bh’ann thainig a’ bhantrach a mach do’n
dorus agus chuir Fear Stafa deagh thairgse
mu a coinne agus ’s e ’thainig as gu’n deach
Paruig a chur do Ullbha, gu Mac Artuir, a
bha ’san am ainmeil mar phiobaire agus mar
oileanach.
Cha robh Paruig ach mu dheich bliadhna
a dh-aois mu’n am, ach bha e cho ealamh a
thogail a’ chiuil, s gu’n deach e seachad air
moran de na bha roimhe, agus fada na bu
shine na e. Cha robh “ glug ” na “ snaoim ”
na “ gearradh ” am port nach deanadh e cho
glan sgiobalta, gus mu dheireadh an robh
farmad aig Mac Artuir fein ris.
Chluicheadh Paruig puirt phiobaireachd air
nach toireadh a h-aon da choimh-impirean
aghaidh, agus air uairibh chan aithnicheadh
na coimhearsnaich co a bhiodh a’ cluich,
Paruig no Mac Artuir, an uair a chluinneadh
iad fuaim na pioba.
’Se thainig as a sin gu’n do thoisich Mac
Artuir air falach a chiuil air Paruig. Thuig
Paruig so. Thug e ’n aire gu’m biodh Mac
Artuir ’ga chur air thurus greis air falbh
uair air bith a thigeadh coigreach urramach
an rathad.
Aon la’ an sud thainig duin-uasal an
rathad tigh Mhic Artuir. Mar a b’abhaist
chaidh Paruig a chur air ghnothach, ach an
deidh dol crioman air falbh, thill e, is sheas e
’s an dorus chuil.
Thoisich a phiobaireachd, agus dh’eisd
Paruig gus an do thog e a h-uile meur ’san
“ phiobaireachd fhalaich.”
La no dha an deidh so chual Mac Artuir
fuaim an fheadain anns an t-sabhul. Dh’eisd
e gu mean ris a’ cheol bho thoiseach gu
deireadh a’ phuirt.
Chaidh e ’n sin a steach air bhainne le
feirg.
“ C’aite a dhearg pheasain an d’ionnsaich
thu’m port sin? ” ars esan.
“ Dh-ionnsaioh ” ars, am balach “ anns an
dorus chuil an la roimhe, an uair a bha sibh
’ga chluich do’n duin’ uasal ud agus tha mi
a’ dol a dh-innseadh do Fhear Stafa gu
bheil sibh a falach a chiuil orm.”
“ Na toir guth air a ruin ” ars Mac Artuir
“ agus bheir mise dhuit a h-uile meur anns an
Phiobaireachd Fhalaich.”
Bha Mac Artuir cho math r’a ghealladh,
agus an la a dh-fhag Paruig Mac Lucais
Ulbha, cha do chuir piob air guala a b’fhearr
na e.