Skip to main content

An Comunn Gàidhealach Publications > Deo-gréine > Volume 17, October 1921 to September 1922

(153) Earrann 10, Treas Mìos an t-Samhraidh, 1922

‹‹‹ prev (152) Page 144Page 144

(154) next ››› Page 146Page 146

(153) Earrann 10, Treas Mìos an t-Samhraidh, 1922 -
AN DEO-GREINE
Leabhar XVII.J Treas Mios an t-Samhraidh, 1922. [Earrann 10.
CLAR-INNSIDH.
Page.
Beachdan agus Radhan nan Gaidheal mu na
Siantan 145
The Mines of El Dorado 147
Impressions of the Lochgilphead Mod 148
Mid Argyll Provincial Mod 149
Secretary’s Page 151
Domhnull M6r a’ Bhocain 152
Leaving Certificates Examination 157
Branch Reports 158
BEACHD AGUS RADHAN NAN
GAIDHEAL MU NA SIANTAN.
Is beachd choitcheann e am measg dhaoine
fiosrach gun robh na sean Gbaidheil ’nan
sluagh geur chuiseach agus seadhail. Faodar
seo a dhearbhadh le bhi ag gabhail
mothuchaidh air an gnath-fhocail, agus na
radhan brxghmhor a chuir iad a mach air
feadh an criochan fein. Mar an robh an
eolas air moran nithibh cho farsuing ’sa
bhuilich am Freasdal air daoine a bha a’
tuineachadh an criochan eile, agus
cuartaichte le cothroman a chaidh a chleith
orrasan, rinn iad na dh’fhaodadh iad anns an
t-suidheadchadh a thachair do’n crannchur a
bhith. Dheothail iad eolas anns an sgoil ud
a tha an comhnuidh fosgailt© agus saor do na
h-uile—sgoil naduir.
* * *
Air an druideadh taobh a stigh an criochan
fein, agus mar sin taobh a muigh buaidh an
leasachaidh a bba an comh-chreutairean a’
mealtuinn, thionndaidh iad an aire agus am
buadhan ri aghaidh naduir mar a bha sin air
fhoillseachadh am beanntan, an uillt is anns
a’ mhuir. Bha an Cruinne-ce ’na
thoimhseachan dhaibh, a bha ’gan saruchadh
re am beatha gun diiil ri fuasgladh. A bheil
e ’na iongnadh ged bhiodh iad mar bu trice
fo imcheist? Gheibh sinn eisimpleir air an
cor inntinn anns na radhan a dheilbh iad o
am gu am, beachdan grinn a mhair troimh
na linntean gus an la an diugh.
* * *
Ach am measg gach iongnadh a ghlac an
aire, is e diomhaireachd nan speuran a lion
iad le h-urram le h-uamhas agus le annas
neo-chumanta—a’ ghrian, a’ ghealach, na
reultan, na neoil, agus na siantan. Chan
iongnadh ged bhiodh paganaich ag aoradh
do’n ghrein is do na ghealaich am feadh 's
a bha solus an eolais air a chleith orra. Bha
eirigh agus laidhe greine, cho math ri
atharrachadh na gealaich do-thuigsinn leo. A
thaobh nan siantan rinn iad laghannan dhaibh
fein, agus mur ’eil na radhan a dheilbh iad
mu’n t-side is mu’n aimsir air an creidsinn
gu h-iomlan le daoine an diugh, chan
urrainnear aicheadh nach ’eil iad, a’ nochdadh
mothuchaidh a tha air leth geur. Bha iad
a lan chreidsinn gu robh buaidh shonraichte
aig a’ ghealaich air side. Ged nach ’eil sin
ach faonineas no saobh-chreidimh, tha moran
eadhon ’nar la fhein ag altrum a’ bheachd, a
dh’aindeoin gach dearbhadh a thug
speuradairean is feallsanaich ainmeil dhuinn
nach ’eil buaidh as lugha aig a’ ghealaich
air na siantan.
* * *
Chan e Gaidheil a mhain a chuir a mach
radhan mu’n ghealaich, agus a buaidh air na
siantan. Bha na sean Ghreugaich ris a’
cheart obair, agus co an cinneach a bu ghlice
na iadsan aig aon am 2 Chan ’eil e eu-coltach
nach do sgap na radhan sin air feadh thirean
eile gus mu dheireadh an d’rainig iad
corsachan Bhreatann agus Eirinn. Bha na