Skip to main content

‹‹‹ prev (136) Page 128Page 128

(138) next ››› Page 130Page 130

(137) Earrann 9, Dara Mìos an t-Samhraidh, 1922 -
AN DEO-GREINE
Leabhar XVI I.J Dara Mios an t-Samhraidk, 1922. [Earrann 9.
CLAR-INNSIDH.
Page.
Feidh agus Frithean, 129
Spring School for Gaelic Missionaries, 130
Cuilm nam Flath, 131
The Highland Dress, 134
Eirigh Greine, ... ... ... ... ... 135
The Celts and Towns, 136
Secretary’s Page, 138
Propaganda Tour in Skye, 139
From the Book of the Dean of Lismore, ... 140
An Seilean, 142
FEIDH AGUS FRITHEAN.
Is beathach uasal am Fiadh. Bha e air
a mheas le ar n-athraichean mar sin bho
linn na Feinne. Tha na seann sgeulachdan
ag Innseadh dhuinn mu’n ghreadhnachas
agus mu na cuirmeanabhacomh-cheangailte
ri faghaidean na Feinne. Anns na linntean
ud, cha robh lagbannan no riaghailtean ’gam
bacadh, mar a th’againn an diugh.
Gun teagamh, bha riaghailtean seilge air
chois an ceann deas Bhreatann, ach cho
robh eifeachd no iighdarras aca air a
Ghaidhealtachd, ma rainig iad na crlochan
sin idir. Beagari bhliadhnachan an deidh
linn Chuil-lodair thainig car eile an adharc
an daimh. Gus a sin, bha na Gaidheil a’
dol air adhart fo an cuid riaghailtean fh^in.
Dli’fhaodamaidaradh gun robh iad ’nan lagh
dhoibh fein, chan e a mhain a thaobh seilge,
ach a thaobh gach ni a bhuineadh do’m
be6-shlainte, agus gach ni a bha iad a’ meas
freagarrach do an cor. Ach cha b’urrainn
sin mairsinn. An uine ghearr thuit iad ge
b ’oil leo fo an rian Fhiiidalach—rian nach do
chaill a ghreim orra an tomhas fhathast.
Chan fhaicear air cliathach beinne
beathach ceithir-chasach na’s boidhche, no
aon as Kighmhoire ceum na fiadh, an uair
a bhios e a tarruing ris an aonach le cheann
cabrach rloghail. Mhothaich Donnchadh
Ban Mac-an-t-Saoir do sin, agus dhuisg a
mheanmna gu bhi seinn mu thimcheall anns
an oran shnasmhor ud, “Moladh Beinn
Dobhrain.” Tha cuid ’nar measg de’n
bharail gum bu ch6r na feidh a sgiiirsadh a
Alba gu tur, a chionn gu bheil iad a’
Uonadh £iitean a dh’fhaodadh a bhi fo
chrodh is fo chaoraich a chum feum an
t-sluaigh. Chan ’eil an seo ach dara leth na
firinne, oir air na monaidhean arda, cha
chinn crodh no caoraich. Feumar na
frithean fhagail aig an fhiadh fhein. Tha
fios gu bheil feidh millteach air arbhar nan
croitearan, ma gheibh iad cothrom air
briseadh a mach &s na frithean slos gu na
machraichean. B’abhaist daibh a bhi
’dkanamh sin an uair a bhuaileadh an
t-acras iad, no an uair a thigeadh a’ cheud
chur sneachda, deireadh an fhoghair no
toiseach a gheamhraidh. Bha seo na
aobhar gearain am measg an t-sluaigh.
Cha b’iongnadh e, an uair a chlte na
cruachan arbhair ’sa’ mhaduinn air an
tolladh le feidh. Gun teagamh, feumaidh
na creutairean ruaig a thoirt do ’n losal a
chum greim bldh fhaotainn. Ach cha bu
ch6r sin a bhi air cosdais an duine bhochd.
Nam faighteadh seol air an cumail taobh a
stigh an crlochan fein, cha bhiodh aobhar
gearain ann. Buinidh an dleasannas seo do
na h-uachdarain a tha ’faotainn m&il air an
son o bhliadhna gu bliadhna.