Skip to main content

‹‹‹ prev (110) Page 102Page 102

(112) next ››› Page 104Page 104

(111) Page 103 -
AN DEO-GMNE.
103
cheolmhor a chaidh troimh mo chluasan
riamh. “0,” arsa mise, “nach ann agam a
bha sgiathan oolumain feuch a siubhalainn
gu iomall na talmbain ’s gu’m faicinn c6 e
tha seinn a’ chiuil ro bhoidheach sin.”
‘‘Ma thig thu leamsa, ” chuala mi guth
beag a eagair, mar gu’m b’eadh, ’na mo
chluais, ‘‘seallaidh mise dhuit co tha ri
seinn, agus nithean iongantach eile cuid-
eachd. ”
Sheall mi air gach taobh feuch a faicinn
c6 a bhruidhinn rium. Direach ma mo
choinne, air taobh a muigh na h-uinneig,
bha ’na seasamh a’ chailin bu bhbidhche
air-talamh. Bha deise oirre cho geal ri
canach an t-sleibh, agus crim soluis m’a
ceann. Na sheasamh ri taobh, bha balachan
beag an deise chumhaing a bha deklradh
mar airgiod. Bha d& sgfeith air an killeagan
so mar chuideachadh dha, gu leum luath a
sealladh na muinntir nach robh ’ga iarraidh.
“C6 sibhse?” dh’fhaighnich mi gu modhail
dhi. ” ’S mise Spiorad Gian, agus is e so mo
mhac Grkdh,” fhreagair i, ‘‘agus ma thig
thu comhla ruinne bheir sinn thu gu cuirm
Slthichean-an-Earraich, a tha iad gu bhi
cum ail ann an Doire an Aigh.”
Air dhi so a radh, rug iad air laimh orm,
agus dh’dirich sinn an aird do’n aileadh, mar
gu’m b’eadh, air sgiathan agus sheol sinn
troimh ’n iarmailt cho luath ri gobhlanan-
gaoith. Ann an uine ghoirid thainig sinn gu
glasach chomhnard am meadhon na coille.
Bha na craobhan dumhail air trl taobh do’n
ghlasaich agus rathad coise falbh o’n
cheann eile.
Bha na gucagan air brfxchdadh a mach air
na flhrain agus na meanganan, agus feur
min boidheach, uaine fas air a ghlasaich.
Aig aon cheann de’n chomhnard, bha da
chathair chdinich air an suidheachadh air son
an High ’sa Bhan-righ.
Thbiseach an sin na Slthichean a’ tigh’nn,
iad a eoiseachd air an rathad-coise. Air an
toiseach, thainig cuid a bha air an c6mhd-
achadh ann an giiintean fada glas agus am
fait a sebladh a mach bho’n cinn.
‘‘Sin agad Faoilich-an-Earraieh,” thubh-
airt Spiorad rium; ‘“’s toil lebsan a bhi
guineach, ach seall Gathan-na-Grbine a
ruith ’nan ddidh, agus cha’n fhaod iad
gluasad fhad sa sheasas na Gathan ri’n
taobh. ”
’Se killeaganan bbidheach a bh’anns na
Gathan. Bha deiseachan buidhe orra mar
an t-6r, agus slatan deklrach aca ’nan
Ikmhan. Chum iad ’nan seasamh ri taobh
na Faoilich a bha ’na suidhe air an fheur.
Chunnaic mi sin a’ tighinn ’nan cruaidh
ruith daoine beaga, uaine, agus an
culaidhean comhdaichte le neamhnaidean a
bha tuiteam chum an Ikir na frasan mar a
bha iad a ruith.
“’S iadsan Erasan Blkth na Fkis,”
thubhairt an Spiorad rium a rithist.
Dlreach air an skilean thkinig cuid eile,
agus cha robh fios agam an ann a coiseachd
no a falbh air iteig a bha iad. Thug e toil-
inntinn mh6r dhomh a bhi gabhail eala
riutha. Sgaoileadh iad, agus an sin ruith-
eadh iad an ceann a chbile, dh’digheadh iad
mar sid, ’s dh’eadh iad mar so, a null agus
a nail. Cha robh iad a gabhail mionaid
foise.
‘‘Nach sbnraichte iad,” thubhairt mi ri
Spiorad Gian; ‘‘co iadsan, air talamh.”
‘‘Tha iadsan cho lionmhor, agus tha daoine
cho eblach orra, ’s nach smaoinich iad gu
bheil nl boidheach ’sam bith ’nan lorg, ach
bi thusa gabhail beachd orra, agus chi thu
de cho mlorbhuileach ’s a tha iad, agus cho
spbiseil ’s a bhithis iad leat. ’S ainm
dhaibh Sgeothan,” fhreagair Spiorad.
‘‘Thig a nis a Chbisir agus gabhaidh iad
an kit’ am measg meanglan nan craobh, ”
lean Spiorad air aghart.
Chum mi mo shuilean air na craobhan
feuch a faicinn c6 a thigeadh. Ann am
priobadh na sula bha na craobhan Ikn de
coin an athair. Cha’n fhaca mi a leithid de
shealladh na mo bheatha. Thoisich iad air
seinn, agus dh’eisd mi gu furachail. Cha
robh mi fada gus na rinn mi mach guth mo
cheolaran bbidheach fhln. Cha do thuig
mi riamh roimhe gu robh ceileir nan eun cho
ro fhlor ghloirmhor, agus cho m6r inbhe
airson an anam a thaladh chum a h-uile nl
luachmhor airson tlm agus siorruidheachd.
‘‘Co esan seach ckch a rinn a leithid de
ghreim air m’aigne?” dh’fhebraich mi de’n
Spiorad.
‘‘Ah! sin agad an Uiseag;—ged is iriosal
i ’na gnk, ’s m6r an t-aoibhneas a bheir i
dhaibh-san aig a bheil cluasan a chluinneas, ’ ’
thubhairt an Spiorad rium ann an guth cho
ciuin, seimh ri osag a’ cronan am measg
duilleach nan craobh. ‘‘Eisd a nis ris an
bran a tha iad a’ dol a sheinn dhuit, agus
dhaibhsan uile a dh’&sdeas ris.”
Sheinn iad bran, an Uiseag a gabhail nan
rann, agus ckch gu Idir a’ cuir fonn air a cho-
sheirm.
AN ATH OIDHCHE.
’Nuair a sguir an t-seinn air an d’thug
mi iomradh anns a sgeulachd roimh so,
thubhairt Spiorad rium gu’n robh sid seall-