Skip to main content

‹‹‹ prev (736) AdvertisementsAdvertisements

(738) next ››› Page 98Page 98

(737) Aireamh 9, An-t-Sultuin - Clar-innsidh
AN GAIDHEAL
THE GAEL
Editor—RODERICK MACKINNON, M.A., "CORARDER,” 139 GLASGOW ROAD, PERTH,
to whom all correspondence should he addressed except that concerning advertising which should
be addressed to the Secretary, while Subscriptions should be sent to the Treasurer.
65 WEST REGENT STREET, GLASGOW, C.2.
Telephone: DOUglas 1433.
Leabhar LXI AN T-SULTUIN, 1966 Aireamh 9
CLAR-INNSIDH
Facail Ura
Domhnall Ros
Goethe
Nuair Bha Mi Og
“ Bonn Oir ”
Oran Do Ghiodha
Ban Ban
Litir
lasgaeh ------
The Galloglaigh
Seumas MacGaraidh - - - -
An Comunn appoint P.R. Executive
Great Men in the Language Movement in
Scotland (II)
Am Breac
Suil Air Ais
Eoin Nan Eilean
An Comunn Gaidhealach
Leabhar
An Cuilean
Da Latha
97
98
98
98
99
99
100
101
101
102
103
103
103
105
105
106
107
108
108
108
Facail Ura
Tha sinn a’ tarraing aire ar leughadairean
a dh’ionnsaigh na litreach aig Uilleam Neill
anns an aireimh seo den mhlosachan. Tha
sinn a’ deanamh sin anns a’ bheachd gu bheil
na th’aige ri radh ruinn air leth feumail agus
cudthromach.
Canain sam bith a tha bed chan eil i na
tamh: tha i a dh’aon chuid a’ gluasad air
adhart ann an neart fhacal ura no a’ sioladh
air falbh ann an laigse cion bhriathran. Oir
chan eil an saoghal na thamh, agus feumaidh
canain i fhein a dheanamh reidh ri ctiisean
caochlaideach saoghail a tha ag atharrachadh,
chan ann a mhain o bhliadhna gu bliadhna
ach eadhon o latha gu latha.
Agus chan e mhain cdnain a dh’fheumas
reite a dheanamh ri saoghal air ghluasad.
Tha aig daoine mar an ceudna ri an siiilean
a thionndadh o nithean a dh’fhalbh gu nithean
tha lathair agus sealltainn air adhart gu
suidhichidhean ura agus gu na cothroman
ura a tha gach linn a’ cur nar tairgse. Chan
eil e gu math sam bith a bhith riaraichte le
cuisean mar a tha iad. Feumaidh sinn a
bhith gar ceasnachadh fhin agus a bhith
leagte ri gabhail ri beachdan ura agus ri
doighean ura. Air a’ bhonn seo, tha Fear-
stiuiridh a’ Chomuinn, an iomadh seadh is
oidhirp, a’ fosgladh rathaidean an adhartais
dhuinn.
Chan eil teagamh, roimhe seo, nach robh
sinn tuilleadh is earbsach anns na seann
doighean agus anns na seann riiintean: bha
sinn riaraichte le coslas adhartais agus gu
trie ghabh sinn faileas airson firinn. Ach a
nise tha faireannan lira air an cur nar fradharc
agus criochan ura fa’r comhair. Ma tha sinn
a’ dol gan ruigheachd feumaidh sinn creideas
laidir a bhith againn ann an riatanas agus
ann an ceartas ar n-aobhair agus, air ar
comhnadh le ullachadh a bhios a reir ar latha
’s ar linn, a dhol air adhart comhla.