Skip to main content

‹‹‹ prev (728) Page 92Page 92

(730) next ››› Page 94Page 94

(729) Page 93 -
h-Oigridh o ohionn fada, agus bha sinn gle
thoilichte bhith leughadh gu bheil fleachd
laidir beothail am Port-iigh.
Tha an leabhran air a chur ri eheile gu grinn
snasaii agus air a dhealbhaohadh gu briagha.
Tha sinn gu h-araidh a/ moladh nan dealbhan
aig Hashmi am meadhon an leabhair. Ach
’s e “Graidhlig Na Sgoile Bige” a thug ban-
air na tha san Iteabhran o thoiseach gu deireadh !
’S aim aca fhein tha ’n t-alt air sgeulachd
innse—agus GAidhlig a sgriobhadh. Cha do
feugh sinn riamh na b ’fhearr! Seo aon earrann
a tha dearbhadh dhuinn gu mair a’ Gh&idhlig
bed.
Nam Bas Cha Do Sgaradh lad
Le Tormod Domhnallach
Shniomh mi an dan a leanas a aon de
sheann sgeulachdan Cheap Breatuinn anns an
fhoghar 1933. Is sgeul fhior i, a th’air a
cur sios an seo mar gun robh mi a’ cluinntin
an t-seann duine ’ga h-innse air leabaidh a
bhais.
Is cian an nochd uam tir nan naomh ’s nam
bard,
Rogha Beara is Phadruig thar gach fonn,
’San guirme an t-seamrag fo na frasaibh tlath,
’Sam binne ceol-gair oighean agus shonn.
Bha mise air aon diubh uair ’s mo sholas lan
Mar cuisle an fhuarain tighinn bho’n doimhne
a nios,
Ach mheall an saoghal mi an tus mo la,
Trath. thraigh mo thobar, ’s chaidh mo ghrian-
sa sios.
Aom rium do chluas, na fag mi, ta mi fann
’S neul fuar a’ bhais a’ domhlachadh mun
cuairt,
Is ni mi ’n sgeul seo liubhairt dhuit an am
Mun druid an eug mi anns a’ chadal bhuan.
Rugadh is thogadh sinn an Gleann Dal Righ,
Mi fein is Moira air am bheil mi luaidh ;
i Ach O! nach ann ’na iiir a bha mi sint’
Nuair bhios am fod ’ga chuibhreagadh mu’m
uaigh.
B’e sud an gleann nach d’leig mi riamh a
1 cuimhn’
A la no dh’oidhch’ ’am aoibhneas no ’nam
thiirs’ ;
’Se cridhe briste bhith ’gam chnamh ’s ’gam
chlaoidh
Thug idir deoin dhomh gu bhith cur ris cul.
Bidh tim ar n-6ige tighinn mar bhruadar faoin
Toirt Ion do’n aigne ta fo phramh a’ fas,
Ach iiine ghearr ’s bidh sinn aig fois is saors’,
Chan eil an taobh seo dhuinn ach daors’ a
mhain.
Ach thoiream buidheachas toirt suas an deo
Airson gach sealladh air na dhearc mo shuil,
De mhaise a’ chruthachaidh ta dearbhadh
dhomhs’
Gum bheil cho oirdhearc ris thar aiseag, dliith.
Mar dh’fhas sinn suas bu deine chinn ar baidh
Gun rib an gradh sinn steach ’na bhannaibh
dluth ;
Shaoil mi gun oighre mi an inbhe a b’fhearr
Na ged bu leam-sa or na Spainnt’s a crun.
Mhair cuisean mar sin airson tamull reidh,
Is b’fhada thall uainn smuairean no ceann
fath
Aon dragh no amhghair, ta ’s a’ chruinne-che.
Gun bhuail an t-saighead mi a mhill mo chail.
Chaidh innse am eisdeachd mar fhior sgeul ’s
cha b’ bhreug
Gun robh mo Mhoira thug dhomh gealladh
posd’
A nis air m’ fhagail ’s gum bu mhdr an beud
I bhi aig Gall, a threigeadh i fa-dheoidh.
Ghrad dhuisg mo thamailt agus m’ ardan, garg,
Dh’fheoraich mi ’Mhoira an robh radh ud fior,
Cha d’rinn i aicheadh, las i ’n aird’ le fearg,
Ghlaodh i ’s an laraich: “ Ta ar gradh aig
crioch.”
Mun gann bha raith aig ceann bha mise air
bord
Long mhor nan eilthireach a sheol fo siuil,
Nuair rinn sinn cala dheth bha beanntan mdr
An Rudha Bhreatuinnich fa chomhair ar suil.
Ghabh mi am fearann seo an cois an t-sail’,
A rinn mi aiteach ann an ceann na bliadhn’.
Is cha be sugradh falbh le tuagh is sabh
A chum an ard choill’ thoirt gu lar’s a friamh.
Fos, cha robh m’inntinn-sa aig fois no sith
A la no dh’oidhch’ am bhruadar no ’nam
dhuisg,
Bha m’ chridhe thall aig lanntair Ghleann Dal
Righ,
Ach fath gu pilleadh ann cha robh ’nam dhuil.
Chaidh bliadhna is bliadhna mar sin seach mar
cheo,
Chaidh deich thar fhichead dhiubh gu foill air
chul,
A hath mo chiabhag, a thug dhiom an oig’,
Cha duisgeadh m’aigne dhomh ri ceol no sunnd.
Feasgar sonraicht’ anns an 6g-mhios Mhaigh,
Co-ainm an la a dh’fhag mi Gleann Dal Righ,
Dhuisg, osag chiuin oirnn de ghaoith thioram,
bhlath
Thog cirean ban an t-sail mu mhile bho thir.
Bu doirbh a thuigsinn gu robh call ’na run
A smiiideadh seann ghiubhas ’n a dhuin gu lar,
93