Skip to main content

‹‹‹ prev (497) Page 69Page 69

(499) next ››› Page 71Page 71

(498) Page 70 -
biodh e air saoghal eile. Cha chuala e guth
de na bha timcheall air. Ach aon fhuaim air
an robh e eolach. Gnusad na ba.
Cairistiona NicIllinnein,
Sgoil an Oib.
Leasain Ghaidhlig, 1964-65
Le Iain A. MacDhomhnaill
An coigeamh leasan
Bha latha breagha ann Di-Sathurna a rithis
agus bha a’ chlann uile gle thoilichte oir cha
robh iad a’ dol do’n sgoil Di-Sathurna. Thuirt
Iain gun robh e dol do’n mhonadh agus thuirt
Alasdair gun robh e dol do’n mhonadh
comhla ri athair. Is toigh le Alasdair a bhith
dol do’n mhonadh comhla ri athair. Cha
toigh le Sine a bhith dol do’n mhonadh. Tha
Sine ro bheag fhathast. Is toigh le Sine a
bhith a’ cluich comhla ris na eaileagan eile
an uair a tha an side breagha. Bha Alasdair
agus athair anns a’ mhonadh trath anns a’
mhadainn. Bha biadh aig athair Iain ann am
maileid agus bha bainne aige cuideachd. Tha
caoraich aig athair Iain anns a’ mhonadh.
Chunnaic iad caoraich air na cnocan agus bha
caoraich anns a’ ghleann cuideachd. Chunnaic
iad fiadh mor cuideachd. Bha am fiadh aig
an loch faisg air a’ Chnoc Bhuidhe. Bha
Alasdair agus athair gle thoilichte anns a’
mhonadh agus an uair a chaidh iad dhachaidh
feasgar bha Iain ag innseadh do Mhairi agus
do Shine de chunnaic iad anns a’ mhonadh.
Mairi—A bheil sibh sgith?
Iain -Chaneil mise sgith ach tha Alasdair
sgith.
Mairi—A bheil an t- acras ort?
Iain—Chaneil. Bha biadh gu leor againn anns
a’ mhaileid.
Sine—An robh sibh a’ coiseachd fad an latha?
Iain—Cha robh sinn a’ coiseachd fad an latha
idir.
Sine—De chunnaic sibh anns a’ mhonadh?
Iain—Chunnaic sinn na caoraich ach chunnaic
sinn fiadh cuideachd.
Sine—An robh am fiadh mor?
Iain—Bha gu dearbh.
Sine—C’ait’ an robh am fiadh?
Iain—Bha e aig an loch faisg air a’ Chnoc
Bhuidhe.
An siathamh leasan
Cha robh a’ chlann anns an sgoil Di-
Sathurna agus cha robh iad anns an sgoil
Di-D6mhnaich. Bha iad anns an eaglais anns
a’ mhadainn Di-D6mhnaich ach feasgar chaidh
iad uile air chuairt comhla ri an athair. Is
toigh leotha a bhith dol air chuairt comhla
ri an athair. Tha moran sgeulachdan aig an
athair agus is toigh leis a bhith ag innseadh
sgeulachdan an uair a tha e fhein agus a
chlann a’ dol air chuairt. Tha sgeulachdan
aige mu na daoine a bha a’ fuireach anns an
aite o chionn fada agus is toigh leotha uile
a bhith a’clunntinn mu na daoine a bha a’
fuireach an seo o chionn fhada.
Tha a’ chlann gle thoflichte Di-sathurna agus
Di-Ddmhnaich ach Di-luain bithidh a’ chlann
a’ dol do’n sgoil a rithis. Bithidh Sine gle
thoilichte a’ dol do’n sgoil oir is toigh le Sine
a bhith comhla ris na caileagan eile. Cha
bhi na gillean cho toilichte idir oir is toigh
leis na gillean a bhith a’ cluich aig an taigh
agus is toigh leotha a bhith dol air chuairt
comhla ri Iain an uair a tha an side math.
Comhradh
Mairi—C’ait’ an robh thu Iain?
Iain—Bha mi air chuairt aig a’ chladach.
Mairi—An robh a’ chlann comhla riut?
Iain—Bha. Bha iad uile comhla rium.
Mairi—De chunnaic sibh an diugh?
Iain — Chunnaic sinn an t- each faisg air a’
chladach.
Mairi—An robh caoraich aig a’ chladach?
Iain—Cha robh. Tha na caoraich uile anns a’
mhonadh.
Mairi—An robh thu ag innseadh sgeulachdan
an diugh?
Iain—Bha. Is mi a bha.
Mairi—De na sgeulachdan a bha thu ag inns¬
eadh an diugh?
Iain—Bha mi ag innseadh sgeulachdan mu na
daoine a bha a’ fuireach an seo o chionn
fhada.
Mairi—Tha mi cinnteach gun robh a’ chlann
toilichte.
Iain—Bha e a’ cordadh riutha gu dearbh.
An seachdamh leasan
Ged nach robh na gillean cho toilichte a’
dol do’n sgoil Di-Luain, bha iad uile gle
thoilichte a’ dol do’n sgoil Di-Mairt. A h-
uile Di-Mairt bithidh a’ chlann uile toilichte,
oir bithidh iad a’ cluich anns an achadh aig
an sgoil feasgar. Bithidh na gillean ag iomain
ach cha bhi na caileagan ag iomain idir. An
uair a bhitheas na gillean ag iomain bithidh
na caileagan a’ cluich le ropa no bithidh iad
a’ cluich falach fead agus cluichean eile mar
sin.
Bithidh camain aig na gillean a’ dol do’n
sgoil a h-uile Di-Mairt ach bithidh camain aca
laithean eile cuideachd. Is toigh leis na
gillean a bhith ag iomain agus an uair a
bhitheas an side math bithidh iad ag iomain
aig an sgoil a h-uile latha aig ceithir uairean.