Skip to main content

‹‹‹ prev (483) Page 59Page 59

(485) next ››› AdvertisementsAdvertisements

(484) Page 60 -
le Alasdair a bhith ag obair air a’ chroit
Di-Sathurna ach is toigh le Sine a bhith a’
cluich. Cha toigh le Sine a bhith ag obair
idir.
Comhradh
Mairi—Thig a steach Alasdair. Suidh aig a’
bhord. A bheil thu sgith, Iain?
Iain—Tha. Bha mi gle thrang an diugh. An
robh thusa trang, a Shine?
Sine—Cha robh ach bha mi anns an sgoil fad
an latha.
Mairi—De bha thu a’ deanamh an diugh?
Sine—Bha mi a’ leughadh agus a’ sgriobhadh
anns an sgoil.
Iain—An robh sibh a’ seinn an diugh?
Sine—Bha. Bha sinn a’ seinn anns a’ mhad-
ainn.
Iain—An toigh leat a bhith a’ seinn?
Sine—Is toigh ach is toigh learn a bhith a’
leughadh cuideachd.
AN TREAS LEASAN
Bha an side blath anns a’ mhadainn Di-
Luain agus bha Iain gle thrang ag obair anns
an achadh faisg air an abhainn. Bha a’
chlann gle thoilichte a’ dol do’n sgoil, oir
bha an side blath. Bha iad a’ cluich air an
rathad an uair a bha iad a’ dol do’n sgoil.
Bha na gillean a’ cluich le ball agus bha na
caileagan a’ ruith. Bha iad aig an sgoil aig
deich mionaidean gu naoi agus chaidh iad a
steach do’n sgoil aig naoi uairean. Bha am
maighstir sgoile aig an dorus an uair a bha
iad a’ dol a steach.
An uair a bha a chlann anns an sgoil bha
Iain gle thrang ach cha robh Seumas trang
idir. Bha Seumas a’ bruidhinn ri Iain anns
an achadh. Thuirt Seumas gun robh e ag
iasgach Di-Sathurna ach thuirt Iain gun robh
e anns a’ mhonadh. Bha Mairi ag obair
anns an taigh ach an uair a bha an tea
deiseil aig aon uair deug chaidh Iain agus
Seumas a steach do’n taigh.
Comhradh
Iain — De tha thu deanamh an diugh, a
Sheumais?
Seumas—Chaneil mi deanamh moran an diugh.
A bheil thu fhein trang?
Iain—Oh tha. Tha mi gle thrang an diugh.
Seumas—C’ait’ an robh thu Di-Sathurna?
Iain - Bha mi anns a’ mhonadh anns a’
mhadainn Di-Sathurna.
Seumas—Bha mise ag iasgach.
Iain — Chunnaic mi am bata agad aig an
Rudha.
Seumas—An robh na gillean anns a’ mhonadh?
Iain — Bha mi-fhin agus Alasdair anns a’
mhonadh.
AN CEATHRAMH LEASAN
Bha an side breagha blath fad na seachd-
ainn seo chaidh. Bha Iain gle thoilichte oir
bha moran aige ri dheanamh air a’ chroit.
Bha e a’ treabhadh leis an each agus bha e
a’ cur a’ bhuntata cuideachd. Tha Iain trang
daonnan an uair a tha an side math anns an
earrach.
Bha Alasdair anns an sgoil fad an latha a
h-uile latha bho Dhi-Luain gu Di-Haoine ach
cha robh Sine anns an sgoil anns a’ mhadainn
Di-Ciadaoin. Bha Sine agus a mathair anns
na biithan anns a’ mhadainn Di-Ciadaoin.
Chaneil biith ann am Baile an Diiin idir ach
tha tri buthan anns a’ Chamus Ghorm. Tha
an Camus Gorm coig mile bho Bhaile an Duin
agus chaidh Sine agus a mathair do’n Chamus
Ghorm air a’ bhus. Bha Sine gle thoilichte
a’ dol do’n Chamus Ghorm agus bha i aig
an rathad trath. Bha am bus a’ fagail aig
leth uair an deidh naoi agus bha iad anns a’
Chamus Ghorm aig deich uairean. Bha iad
anns a’ Chamus Ghorm gu da uair dheug
agus bha ad ur agus cota ur aig Sine a’ dol
dhachaidh. Bha leabhar agus peann aig a
mathair do Alasdair agus bha piob ur aice
do Iain. An uair a chaidh Sine do’n sgoil
feasgar bha i ag innseadh de chunnaic i anns
a’ Chamus Ghorm.
Comhradh
Sine—Chaneil mise dol do’n sgoil am mair-
each.
Iain—C’ait’ a bheil thu dol?
Sine—Tha mi dol do’n Chamus Ghorm.
Iain—A bheil Alasdair a’ dol comhla riut?
Sine—Chaneil. Tha Alasdair a’ dol do’n sgoil
ach tha mi-fhin agus mo mhathair a’ dol
do na buthan.
Mairi—Tha sinn a’ dol do’n Chamus Ghorm
air a’ bhus.
Iain—C’uine tha sibh a’ tighinn dhachaidh?
Mairi—Tha aig da uair dheug.
Iain—Gle mhath.
CENTRAL FUND
Previously acknowledged £242 5 —
Thurso Branch 1810 —
Nairn Branch 9 10 1
Skelmorlie and District Highland Asso¬
ciation 1
Miss Jean B. Stewart, Kincardineshire ... — 4 —
Miss Mary Sandeman, Edinburgh ... — 3 8
Miss Jean B. Stewart, Kincardineshire ... — 10 —
Neil Leitch, Esq., Glasgow — 14 ^—
Calum Kennedy, Esq 100
Total as at 31st March, 1965 ... £372 16 9
— 60 —