Skip to main content

‹‹‹ prev (474) Page 50Page 50

(476) next ››› Page 52Page 52

(475) Page 51 -
Do M’Athair
Fhuair tJm sineadh air do laifchean,
Mhic Iain Bhain,
Chan eil moran ’n diugh an lathair,
Mhic Iain Bhain,
Dhe do chomh-aoisean bha luath leat,
A’ ruith cas-ruisgt’ thar nam bruachan,
Tha ceith’r fichead bliadhn’ o’ni uair sin,
Mhic Iain Bhain.
"D^ na smuaintean tha ’nad chridhe,
Mhic Iain B.hain,
Is thu teannadh ri ccann slighe,
Mhic Iain Bhkin ?
An robh ni bu mhiann nach d’fhuair thu,
An robh tachartas a bhuair thu ?
Oir chan fhacas riamh thu’s gruaim ort,
Mhic Iain Bh&in.
Bha thu foghainteach is liudir,
Mhic Iain Bhain.
Neart thar chaieh bha ann ad ghairdean,
Mhic lain Bhain,
Guineas uain a mhain (ad bhroliach,
Neart is cail gum b’fhearr leat fholach,
Lamh cha d’ thog thu riamh an corraich,
Mhic Iain Bhain.
Bha thu aoigheil bha thu baigheil,
Mhic Iain Bhain,
Blia thu fiataidh caomh is ckirdeil,
Mhic Iain Bhain,
Cha d’thug mi-chliu do d’ chomh-chreutair,
BriodaJ, cha bhiodh ann ad ^isdeachd,
B ’fheiirrd an saoghal c6rr de d’ leith’d-sa
Mhic Iain Bhkin.
Cha robh moran sgoil ad 6ige
Mhic Iain Bhhin,
Ach cha d’chuir sin maille-roid ort,
Mhic Iain Bhain,
Bha Bin ghliocas ann ad chrldh-sa,
Bha mor thuigs© ann ad Inntinn,
Bha do shuil'-sa air ceann-crlche,
Mhic Iain Bh&in.
Bha thu snasail le do IMnhan,
Mhic Iain Bhain,
Gne be ni a chaidh thu’n sks ann,
Mhio Iain Bhain,
Ann am maraireachd is sebladh
Cha robh moran ann de d’ shebrsa,
Bha thu sgileil ann ad eblas,
Mhic Iain Bhain.
’S iomadh feasgar fbath no fiadhaich,
Mhic Iain Bhain.
Chaidh sinn cbm hi a mach a dh’iasgach,
Mhic Iain Bhbin ;
Bata stiuireadh ; lion a shlaodadh,
O'n chrann ard an sebl a’ sgaoileiadh,
Dh’ionnsaich mi fo d’ shuilean caomha,
Mhic Iain Bhain.
’S trie mo smuaintean air do chbmhradh,
Mhic Iain Bhain,
Sinn a’ gabhail ceum o’n mhbine,
Mhic Iain Bhain ;
Bu thoil-inntinn dhomh do sgeulachd,
’S mi gu durachdach ag eisdeachd,
Cha bhiodh air’ air cudthrom cleibhe,
Mhic Iain Bhain.
Bha thu daonnan ann a d’aite,
Mhic Iain Bhain,
Moch is anmoch gach lb Sabaid,
Mhic Iain Bhain,
Ard thar chbich do ghuth cho seirmeil,
’S thu a’ trebrachadh nan sailm dhuinn,
Chuir thu. urram anns gach seirbheis,
Mhic lain Bhbin.
Shiubhail thusa cuain an t-saoghail,
Mhio Iain Bhbin.
Chuir thu cearcaH air ’s cha b’aon uair,
Mhic Iain Bhain.
A,ch os cionn gach uile thlrean
B’fhearr leat eilean glas do shlnnsir,
Ghairm e dhachaidh thu is thill tlm,
Mhic Iain Bhbin.
Thug thu greis mun d’ thagh thu maighdean,
?dhic Iain Bhain,
’S math nach d’fhag thu sud ro anmoch,
Mhic Iain Bhbin ;
’Nuair a thainig thu gu pbsadh,
Ann ad ghliocas ghabh thu Sebnaid ;
’S mbr tha m’uaill gur mathair dhbmhs’ i,
Mhic Iain Bhain.
B’e toil-inntinn so a labhairt,
Mhic Iain Bhain,
Dhuit am bhriathran taing a thabhairt,
Mhic Iain Bhain ;
’S e mo dhuraehd gun toir flaitheas
Dhbmhsa ceathramh de’n a’ mhaitheas
A bhios ortsa buian ri aithris,
Mhic lain Bhain,
Iain MaLebid,
Dundbagh.
COMUNN NA H-OIGRIDH
Previously acknowledged £37 12 —
Total as at 31st March, 1965 ... £37 12 —
— 51 -