Skip to main content

‹‹‹ prev (456) AdvertisementsAdvertisements

(458) next ››› Page 38Page 38

(457) Aireamh 4, An Giblein - Clar-innsidh
AN GAIDHEAL
THE GAEL
Editor—RODERICK MACKINNON, M.A., “CORARDER,” 139 GLASGOW ROAD, PERTH,
to whom all correspondence should be addressed except that concerning advertising which should
be addressed to the Secretary, while Subscriptions should be sent to the Treasurer.
65 WEST REGENT STREET, GLASGOW, C.2.
Telephone: DOUglas 1433.
Leabhar LX
AN GIBLEIN, 1965
Aireamb 4^
CLAR-INNSIDH
B6rd na Gaidhealtachd - - - 37
An Telegram 38
Am Paipear Ban - - - -40
Luchairt nam B&rd - - - - 41
Central Fund - - - 41
Leasain Ghaidhlig 1964-65 -* - - 42
The B.B.C. and Culloden - - 44
National Mod—Aberdeen - - - 44
A Word of Warning - - - - 45
The Culloden Guidebook - - - - 45
Litrichean - - - - - - 46
Learners ’ Problems - - - - 48
Bord Na Gaidhealtachd
Feadh nan linntean—linntean anns an robh
teachd-an-tir na Gaidhealtachd a’ sior dhol
bhuaithe agus, mar thoradh air sin, an, sluagh
a’ slor dheanamh imrich no air an sgiiirsadh
gu duthchannan ceine—’s iomadh b6rd m6r
dochasach a chaidh a shuidheachadh a chum
leas na Gaidhealtachd.
Aig amannan Taghadh nam Ball Pkrlamaid
bha uiread de gheallaidhnean air am malart
airson bhotaichean ’s naeh robh dol as aig an
lucbd-riaghlaidh air a’ cheann thall ach rud-
eigin a dheanamh a bheireadh co-dhiu coslas
comhllionaidh do gheallaidhnean a bha soirbh
gu lehr an deanamh an teas a’ chatha agus
a cheart cho soirbh an cur an dara taobh cho
luath ’s a bhiodh an tuasaid seachad. Agus
sin mar a bha a ’ Ghaidhealtachd air a riasladh
’s air a mealladh fad iomadh linn.
Ach, mar is math tha fios aig luchd-
riaghlaidh, ged is urrainnear an sluagh air fad
a mhealladh cuid de’n uine, agus cuid de’n
t-sluagh a mhealladh fad na h-uine, chan
urrainnear an sluagh air fad a mhealladh fad
na h-hine ! ’S e cruas na flrinn seo a thug
dhuinn Linn nam Bbrd sa’ Ghaidhealtachd—
buird bheaga ’s mhora, agus iad uile gleusda,
comasach anns gach gliocas is tuigse. Bha
eadhon ughdarras aca fo’n lagh rud sam bith
a thogradh iad a dheanamh—ach sgillinn airgid
a chosg ! Cha ghabh mdran deanamh gun
l&mh a chur san sporan—agus a thaobh feuman
na Gaidhealtachd (ma dh’fhagas sinn as B6rd
an Dealain) bha sporan na rloghachd chuige
seo dfiinte.
Nunir nach eil sgillinn san sporan—agus gu
h-kraidh an sporan bfiird air an do leagadh
dleasdanasan sonraichte—chan eil m6ran a
ghabhas deanamh ach bruidheann, ague a dhol
o bhruidhinn gu sgrlobhadh. Agus sin mar a
bha sa’ Ghaidhealtachd—bruidheann is
briathran o bhliadhna gu bliadhna ’s o linn gu
linn. Nuair a dh’fhksadh aona bhbrd caran
tioram le tuchadh bruidhne, bha bord eile ga