Skip to main content

‹‹‹ prev (323) Page 87Page 87

(325) next ››› Page 89Page 89

(324) Page 88 -
“Chan eil airgiod agam ach bheir mi
buidheachas is taing dhuit ma leigeas thu learn
suidhe car greis ri taobb an teine, oir tha e
cho fuar an diugb. Bha mi a’ coiseachd fad
na h-oidhche, bbeil fbios agad.”
“A chiall beannaich mise! Binn tbu turns
fada ma ta,’’ thubbairt Donnchadh.
“Fada gu leoir. Bho’n taobb thuath,”
fhreagair a: chailleach, ach cha dubhairt i
tuilleadb.
Sheas Donnchadh a leth-taobb, agus smeid
e oirre a thighinn a steach do’n chitsin.
Mhothaich a’ chailleach teas an t-sebmair
bhig air a collainn rebdhta, agus bba e mar am
blaths a Ilonas cridhe mathar nuair a thilleas a
h-aon-mhac bho’n fhairge.
Bha bean Dhonnchaidh a’ measgadh na lite
ann am poit a rinn siosarnaich air a’ chagadt.
Smuainich a’ chailleach gun robh am fuaim
mar ghuth a’ cagarsaich ainmean anns a’
Ghaidhlig:
“ Siadar, Siabost, Seann-bhaile, Siphort,
Seall, seall, tha mi deiseil a nis!’’
“Gabhaidh tu balgam lite,’’ thubhairt Bean
Dhonnchaidh gu seasmhach, caoimhneal.
Shuidh a’ challeach air cathair ri taobh an
teine agus shin i a Ibmhan caola, cnamhach,
aslachail do na lasraichean mar gum b’ann air
son an glacadh agus an cumail.
“Och, cha ghabh, oir cha bhi mi a’ leantuinn
air do dhruim. Bithidh i dhith oirbh agus air
a’ phaisd bhig an sin.”
“Is mairg dhuinn mur teid againn air Ian
beoil de lit a thoirt dhuit. Tha tuilleadh ’s
a chbir againn. Gu minig tha sinn a’ toirt a’
bharrachd do na cearcan co-dhiu. Is ann ort
fhein a tha neul an acrais a bhrbnag, agus thu
air coiseachd fad na h-oidhche fuaire.”
Gun tuilleadh maille ghabh bean
Dhonnchaidh a’phoit mh6r bharr an teine agus
chuir i air clar fiodha i air a’ bhord. An sin
thbisich i air taomadh a mach na lite ann am.
miasan geala.
Thainig Donnchadh a steach le d£t fhbid
mhbine dhubh, a chuir e air an teine, far an
do chaith na lasraichean glamach iad. Thog e
a h-aon de na miasan lana agus spbin, agus
thug e iad do’n chaillich.
“Seo agad. ’S fhearr dhuit itheadh aig an
teine, far am bheil e blath. Agus siod agad
boinne bainne.”
Ghabh a’ chailleach iad le facai
buidheachais.
Ged a bha i air a tolladh leis an acras,
dh’fheith i air Donnchadh nuair a bha e mar
fhear an taighe, ag radh an altaich fhaid roimh
bhiadh.
“A Dhe bheannaichte,” thubhairt e gu
brbnach, sblaimte, “Thoir maitheanas dhuinn
ann ar peacadh ...”
Dh’osnaich a bhean.
. . . bi reidh ruinn, agua buin o na
tiodhlaicean seo am mallachadh a tha a’
leantuinn air son ar peacaidh ; agus
naomhaich na sochairean seo chum ar feum,
agus debnaich dhuinn itheadh agus 61 chum
do ghloire-sa, air sgath losa Criosd.”
“Amen,” thubhairt na h-uile.
An deidh an altaich, dh’ith a’ chailleach a
lit gu mall, a’ blasadh gach lan-beoil mar gum
bu bhiadh nan dia Greigeach i, a chuiinh-
nicheadh i la-eigin eile nuair nach bitheadh
greim aice ri itheadh ach lan-diiirn de smeuran
geura.
An deidh do’n mhnaoi a mias a sgriobadh
gus an robh i glan, thug bean Dhonnchaidh
copan tea dhoibh agus slis arain. Ged a bha
a’ chailleach ’na strainnsear, fhuair i gabhail
aice cho math ri ball an teaghlaich.
An ceann uine ghoirid bhaa’chiadthrath-bidh
agus trasgadh na h-oidhche seachad agus bha
na h-uile ullamh an dail gach tuiteamas an
latha hire.
“Well,” thubhairt Donnchadh ris a mhnaoi,
Saoileam gun t^id mi thairis gus am faic mi
cia mar a tha na h-uain oga sin, air Ach-an-
Amhuinn. Tha am fearann eho reidh an sin
agus tha eagal orm gun cuir an abhuinn thairis
air na bruachan. Ma’s math mo chuimhne
cha robh i riamh cho krd ’s a tha i a nis. An
deidh sin, sabhaidh mi suas an t-seann chraobh
sin air son connadh a’ gheamhraidh.
Rinn a bhean cromadh cinn.
“ Bithidh tu air ais son do chuid dinnearach,
ma ta?”
“Bithidh.”
Thionndaidh Donnchadh anns a’ chathair
gu bhruidhinn ris a’ chaillich agus theab e a
dhol a cochull a chridhe leis an eagal nuair a
chunnaic e i a’ sealltuinn air agus troimhe, agus
bha an druidheadh air gun robh i a’ faicinn gu
bonn a shuilean, mar gun robh i ag iarraidh
diamhaireachd a bheatha.
Is beag nach do ghluais a bilean agus ise ag
radh.
“Am feum thu dol thar na drochaide an
diugh?”
“Feumaidh. Tha mi a’ dol do’n achadh an
siod, bheil fhios agad—aig taobh an rathaid air
an tainig thusa an diugh.”
Chuir na thachair an d6idh sin iongantas ro
mhor air Donnchadh agus air a mhnaoi.
Thbisich a’ phaisd fhein air sgiiiganaich, oir
dh’fhas aghaidh na chailliche cho cruaidh ri
cloich shnaidhte. Cha robh gluasad innte ach
plosgadh na faireig ri taobh a beoil, a bha a’
toinneamh mar nathair. Dh’ fhks a suilean