Skip to main content

‹‹‹ prev (320) AdvertisementsAdvertisements

(322) next ››› Page 86Page 86

(321) Aireamh 8, An Lunasdal - Clar-innsidh
AN GAIDHEAL
THE GAEL
Editor—RODERICK MACKINNON, M.A., “CORARDER,” 139 GLASGOW ROAD, PERTH,
to whom all correspondence should be addressed except that concerning advertising which should
be addressed to the Secretary, while Subscriptions should be sent to the Treasurer.
65 WEST REGENT STREET, GLASGOW, C.2
Telephone: DOUglas 1433.
Leabhar LIX AN LUNASDAL, 1964 Aireamh 8
CLAR-INNSIDH
Ag lonnsacliadh Gaidhlig - - - - 85
An Gaidheal ” - - - - - 86
A’ Bhan-fhiosaiche - - - - - 86
An Aois - - . _ . _ 89
Da Dhuanag - - - ■ - - 89
Leodhas—a Teachd-an-tir - - 90
National Mod—Aberdeen, 1964 - - 91
Central Fund - - . . - 92
An Comunn Gaidhealach - - - - 92
New Course of Lessons - - - - 93
As Am Beoil - - - - 93
Letter - - . . - 93
Crofters’ Problems - - - - - 94
An ‘ ‘ Chief ” ur - - - - - 94
Ardnamurchan Provincial Mod - - 96
Ag lonnsachadh Gaidhlig
Ann a bhith a’ gabhail beachd air cor na
Gaidhlig an diugh, saoilidh sinn gu bheil aon
rud gu h-araidh a tha a’ neartachadh ar dochais
gu mair a’ Ghaidhlig beo—co dhiu gu mair i
beo moran nas fhaide na tha daoifie a’
smaoineachadh. ’S e sin an uidh a tha luchd-
ionnsachaidh a’ gabhail innte agus an deigh a
th’aca gun ruigeadh iad air comas a bhith ga
bruidhinn. Tha fios againn gu bheil moran
ann, aig a bheil Gaidhlig mar an canain
m&thaireil, nach toir ho-ro oirre agus a tha
caoin-shuarach co-dhiu bhios i. beo no marbh.
Tha sinn de’n bheachd, mar a th^id na
bliadhnachan seachad, gum bi a’ Ghaidhlig a’
faighinn an taic as motha o’n luach a tha luchd-
ionnsachaidh a’ cur oirre. An seo, tha sinn a’
dol le Mgr. Iain MacGriogair (Litir, Gaidheal
a’ mhios seo). Ach nuair a their sinn sin chan
eil sinn aig ceann an sgebil. Tha taobh eile
air a’ mhaoil. Tha moran fhathasd ri
r&teachadh.
“ Patois.”
Tha Mgr. MacGriogair agus feadhainn eile a
tha ag ionnsachadh Gaidhlig a’ gearain gu trie
air cho aindeonach ’s a tha luchd-Gaidhlig air
cbmhradh a dheanamh riutha an Gaidhlig.
Agus tha Mgr. MacGriogair a’ deanamh dheth
gur e’n t-ardan as coireach ri seo agus gu bheil
luchd na Gaidhlig, ged a bhiodh iad gun
chomas Gaidhlig a leughadh no a sgrlobhadh.
a’ deanamh tair air an luchd-ionnsachaidh.
An seo, mata, tha sinn de’n bheachd gu bheil
Mgr. MacGriogair a’ dol iomrall. Cuireamaid
a’ chuis mar seo. Nam biodh Mgr. Mac¬
Griogair gun chomas leughaidh no sgriobhaidh
am Beurla, agus nam biodh e am freasdal air
“patois” Beurla a fhuair e nuair a bha e ’na
ghiullan, ’s dbcha nach biodh e idir cho ealamh
air a dhol a chbmhradh innte ri fear a bha fad
bhliadhnachan ag ionnsachadh Beurla a
leabhraichean agus a bha ealanta ’na