Skip to main content

‹‹‹ prev (127) Page 91Page 91

(129) next ››› Page 93Page 93

(128) Page 92 -
Muilich is Ilich is Deamhain,
Triuir is miosa ’san domhain,
’S miosa am Muileach na’n t-Ileach.
’S miosa an t-Ileach na’n Deamhain.
A fear a thubhairt “Shop am Muileach is
sgriobaidh e thu” feumaidh gun robh droch
shaod air na Doideagan nuair thachair iad.
Dol do Mhuile’s gun saod orra
Cha bhiodh ann ach gnothuch faoineis
Cladach doirbh ri am na Faoillich,
’S mairg a thadhladh ann le ’bhata.
Ach ch> sinn mar a leanas nach robh buille a’
bhata uile gu leir air a’ Mhuileach.
Chan eil an cuil no’n cuihdh
Nach fhaic suil a’ Mhuilich,
’S chan eil an aird. no’n iosal
Nach laimhsich lamh an Ilich;
Na ghoideadh am Muileach
Sgriobadh an Collach uaith e,
Ach’s mairg a dh’earbadh a chuid no anam
Ris a’ chealgaire Bharrach.
A rithisd:—
Am Baoghal leomach ’sam Barrach bleideil
An sgeigire Barrach, ’s am bleidire Baoghalach.
agus se:—
Staoinebrig nan stamh,
Aite ’s miosa modh
Gus an ruig thu Thogh
Thogh nam bodach, Thogh.
Chan eil dad tuille agam ri radh gus an ruig
mi Lecdhas na Birich far am bheil:—
Fir a’ Chladaich’s bodaich Nis,
Daoine uaisle Uige,
Sulairean sgire na h-Uidhe,
’S muinntir aoidheach nan Loch.
Thachair dhomh bhi car fada dol am beirt
airson na:—
Losgainn Lathurnach sgeigeach.
Seadh bha Oban week aig na Waggery Toadies
seachad ach tha mi sgriobhadh earrann de seo
agus seachduin mhor aig “Na Moganaich”;
nach e sin a theireadh iad ri muinntir Duthaich
MhicLeoid? Tha fhios gun do ghabh cearnan
eile mun cuairt comhpairt ’sa’ chridhealas,
leithid Ratharsaidh, “Far bu mhath an sgadan
gus an tigeadh an saoidhean.”
Cailleach hath Ratharsaidh,
’S na ceudan a’ tathaich oirre,
Dh’itheadh i na cudainean
’S gur iomadh te a shluig i dhiu.
Tha mi cinnteach gun d’rinn iadsan tathunn
inntinneach ’sa’ chomhlan:—
Mo chairdean fein coin Throdarnais.
agus gun robh “eireagan a’ Chaoil is cearcan
Shleibhte” togail gog, agus ladsan as an t-Srath
is cruaidhe clach, Is sgaitiche cu is bean,
a’ cumail companais ri; Faoileagan Ard-
shleibhte ’sna “Cait a thainig a Bhatarnais.”
Tha mi sgriobhadh seo, agus mi coimhead
a mach troimh’n uinneig air duthaich nan
Cnodan, oir ’se sin a theireadh cuid ’sna scan
laithean ris na Murchanaich.
Ciamar chaidh an samhlachadh ris an iasgan
stobach na bru miath seo chan eil fios agamsa.
Bho’n tha’n oidhche goirid ’s fearr dhomh
stad. Chan eil e freagarach airson—
“Ceilidh nam ban Shleibhtich”.
Eisd! an cuala mi sibh a radh, “Tha an t-am
agad, a ghlagaire ghranda. Nan robh cothrom
againne chuireamaid—
“Coin a’ Bharrachalltainn”
ri do shailtean.
Coma co-dhiu na co e, ni mi co-dhunadh air
pong chridheil tri-chasach,
Bha tri chasan deiridh
Air a’ choileach aig Iain Fidhlear
’S bu mhath a measg nan eireag e,
An coilleach aig Iain Fidhlear:
agus gealltanas mas maireann mi gun till mi
mur gabh an Granndach gruaim rium—
Granndaich Strathspeidhe
Bodaich bhreun is currac orra.
Feasgar math, cadal gun smal, aisling na
h-oidhche do gach bodach agus caillich, fleasg-
ach is maighdean mar an durachd ged bhiodh
iad cho 6g ris a’ chiocharan ’s cho sean ri
Methusaleh.
Conthradh Eadar Dithis
Chaileag
Ceit.—De a chluicheas sinn a nise?
Anna.—Cluichidh sinn air ospadal.
Ceit.—Gle mhath. Mise an naors
Anna.—Cha tu. Ni mise an naors.
Ceit.—O, thuirt mise an toiseach e.
Anna.—Ceart gu leor. Bithidh mise tinn ma
tha.
Ceit.—Na bi uamhasach tinn no cha bhi
fhios agam de tha cearr ort,