Skip to main content

‹‹‹ prev (125) Page 87Page 87

(127) next ››› Page 91Page 91

(126) Page 90 [i.e. 88] -
dainn sios ? ” ’S thill a’ fear eile ’s cha d’thug e
deoch dha’n each ’s dh’fhaighneachd Boban
dha, “ D’thug thu deoch dha’n each ? ” “ Cha
d’thug,” os esan. “ Cha d’fhuair mise struth
an aghaidh aird ann.” “ O cha d’fhuair,” os
esan, Boban, os esan. “ Faodaidh tusa do
cheithir rathada fichead a ghabhail,” os esan.
“ Chan ’eil turus againne riut.” Agus chuir e
air falbh a’ fear sin. ’S an fheodhainn, ’eil fhios
agad, a thug ’ad an deoch dha na h-eich, bha
fios aige gu’m b’e ’n fheodhainn aige fhein a
bh’ann.
Well, bha fear dha na gillean sin a bheireadh
feairt air fhein, air Boban, a chuile sgath a
dh’ iarradh e air, ’s cha d’thug a’ fear eile feairt
riamh air—cha deanadh e sgath dha na
dh’ iarradh air. ’S bha esan cho math ’s cho
miadhail air an fhear a bheireadh feairt air
fhein, ’s bha e cho coma dha’n fhear nach
toireadh feairt air. Phos a seo a’ fear nach
toireadh feairt air. Phos e’s chaidh e edmh ri
cuideachd na mnathadh. Agus bha stall aige
fhein shios comh ri cuideachd na mnathadh, ’s
cha robh sgath meas aig cuideachd na mnathadh
aire-san, leis cho mi-dhoigheil’s a bha e. Bha
seo sabhal aige’s nuair a bhiodh e cruadhachadh
’s an t-sabhal, bhiodh a’ sabhal dol ’na theine—
’n gill’ aig Boban. Bha ’n t-snidhe riamh’s an
tigh aige. Chan fhac e snidhe riamh an tigh
athar fhein. Cha ruigeadh e leas a dhol g’a
fhaighneachd dha athair, ’eil fhios agad, gu de
mar a bha. Thainig e seo dhachaigh a thigh
athar la’s an t-uisg’ ann, agus tholl e ’n tigh—tigh
athar. Agus chaidh e fhein a stigh’s shuidh e
fo’n toll ’s thainig an t-snidh’ air. Thuirt e ri
athair, “ Tha’n t-snidh’ agu’s an tigh, a m’athair,
am bliadhn’,” os esan, “’s chan fhaca mi
riamh reimhid i.” “ ’S neonach Horn fhln sin,”
os esan, Boban, os esan, “ gun do dh’fhag mi
fhin sop briste na liiibte riamh ann,” os esan,
“ an am dhomh bhi ’ga thughadh.” Fhuair
esan an tughadh an uair sin, ’eil fhios agad !
Agus bha seo athair la ag cruadhachadh ’s an
t-sabhal, ’s chaidh esan ann, a stigh, ’s thug e
mach aithinne, ’s chuir e fo’n tughadh e, ’s chuir
e ’na theine a’ sabhal aig athair. Chaidh e
stigh ’s thuirt e ri Boban, “ Tha sabhal agu,”
os esan, “ a’ dol ’na thein’,” os esan, “ rud nach
fhaca mi riamh.” “ Tha sin gle neonach,” os
esan, Boban, os esan, “ Feadan caol cam ’s
aghaidh ’s an aird an iar, cha deach e riamh
suas.” Thog esan sabhal dha fhein, ’s rinn e
feadan caol cam ’s aghaidh ’s an aird an iar,
’s fhuair e sin air thaillu athar.
Ach co dhiubh, dh’iarr Boban air a seo, air
an fhear a bha comh ris fhein, a’ fear a bhiodh
a toirt feairt air, posadh—gu robh’n t-am aige
posadh. Agus bha esan deonach gu leor
posadh o’n a dh’iarr athair air e. Agus bha
feill ann a’ la bha seo, agus dh’fhalbh Boban
agus chuir e ’n gille a dh’ionnsaigh na feilleadh
le da mholt, agus thuirt e ris, “ Creicidh tu na
muilt,” os easan, “ ach,” os esan, “ ga b’e
cheannaicheas bhuat ’ad, feiridh e dhut fhein
a rithist ’ad.” Agus dh’fhalbh an gille
dh’ionnsaigh na feilleadh. Bhiodh feodhainn
a tighinn far a’ robh e, dh’fhaighneachd, “ ’Eil
thu creic na muilt ? ” “ Tha.” “ De tha thu
’g iarraidh orra ? ” “ Tha leithid seo, ach
feumaidh tu ’n toirt dhomh fhin a rithist ! ”
“ O, ciamar a cheannaicheas mise bhuat ’ad
’s tu fhein ’ga faighinn a rithist ! ” Cha robh
ach chaidh an fheill seachad, ’s cha d’fhuair
esan creic dha na muilt. ’S bha e tilleadh
dhachaigh leis na muilt, ’s bha e tigh’nn seachad
air tigh, ’s thainig boirionnach a mach. “ Cha
’reid mi fhin ’ille,” os ise, “gun d’fhuair thu
creic idir dha na muilt.” “ Cha d’fhuair,” os
esan. “ Ceannaichidh mise bhuait ’ad,” os
ise. “ Gle mhath, ma tha,” os esan. Dh’fhalbh
ise ’s thug i orra na b’fhiach a’ chloimh, ’s
riiisg i ’ad, ’s thug i na muilt dha fhein a rithisd
agus chaidh an gille dhachaigh.
Nuair a chaidh e dhachaigh, thuirt Boban ris,
“ ’S fhuair thu creic dhaibh ? ” os esan.
“ Fhuair,” os esan, an gille. “ ’Ne boirionnach
a cheannaich ’ad ? ” os esan, Boban. “ ’Se,”
os esan. “ Fhala dh’ iarraidh na te sin,” os
esan, “ ri posadh.” Dh’fhalbh e’s rainig e’m
boirionnach-sa’s thuirt e rithe gu robh e ’ga
h-iarraidh airson a posadh. “Cha ghabhainn
fear a muigh,” os ise, “’s cha ghabhainn fear
a stigh, ’s cha ghabhainn fear air muin eich, ’s
cha ghabhainn fear ’ga chois.”—(Sgoileireachd
tha siod !)—Thill e dhachaigh ’s thuirt e ri
athair nach gabhadh an te ud fear sam bith.
“ De thuirt i riut ?” Dh’inns e. “ Fhala ’na
bheinn,” os esan, “’s thoir as na muilt.” ’S
dh’fhalbh an gille dha’n bheinn’s thug e as na