Skip to main content

‹‹‹ prev (109) Page 75Page 75

(111) next ››› Page 77Page 77

(110) Page 76 -
Gleann Ruaidh
Ann Am Braighe Loch Abar
Le Lachlainn Mac Fhionghuin
GED nach talaidh Gleann Ruaidh am fear-
siubhail mar a ni iomadh gleann eile
ann& a’ Ghaidhealtachd is gleann ion-
gantach e air son sin, agais ann an eachdraidh,
sgeulachd agus beul-aithris chan eil ann moran
a bheir barr air.
Tha an rathad gu Gleann Ruaidh a’ fagail an
rathaid aird o Dhrochaid Speathain gu Baid-
eanach aig Drochaid Ruaidh agus gu cama-
lubach, carach, a’ ruigheachd gu comhnard
deich mile o’n Drochaid. Leathach suas an
rathad tha aite-fradhairc air a dheanamh as
am faic am fear-turuis sealladh farsaing air a’
Ghleann agus air na monaidhean mun cuairt.
Co-ionann ri iomadh gleann eile tha Gleann
Ruaidh air ainmeachadh o an abhainn a tha,
troimh na linntean, air cladhach cursa domhain
garbh creagach gus an comhlaich i Abhainn
Speathain aig Bun Ruaidh. Fad na slighe o
bhraighe a’ ghlinne, ach a mhain a’ sruthadh
troimh ’n t-srath aig Braighe a’ ghlinne, tha an
abhainn air a cuingleachadh eadar bhruthaich-
ean arda, casa.
Ach dh’ fhaodte gur h-e a’ cheud annas gus
an treoraichear suil a’ choigrich na tri “ rath-
aidean ” co-shinte a chithear gu h-ard air gach
taobh de’n ghleann fad an t-seallaidh, agus ris
an abair muinntir an aite “ Casan a’ Ghlinne.”
Is e seann fhacal a tha an cosan, no casan, a tha
ciallachadh “ frith-rathad,” “ lorg,” no larach a
dh’ fhag sruth uisge. Tha tri de na “ rathaidean”
so ri am faicinn an Gleann Ruaidh, agus is e tha
annta barr-cladaich de mhol, de chlachan, is de
chreadh a dh’fhagadh le loch uisge a lion an
gleann ’sna linntean fad as. Tha iad aig airde
aon cheud deug, mile, agus ochd ceud troigh.
Tha “ rathaidean ” de’n aon seorsa ri’m
faicinn anns na glinn eile am Braighe Loch Abar
ged nach eil iad uile aig an aon airde. Tha daoine
foghluimte de’n bharail gu robh tri lochan mora
anns gach aon de na glinn agus iad fa-leth
duinte aig an ceann iseal. Ach leis gu bheil na
“ rathaidean ” ann an taobh a’ mhonaidh os
cionn Lianachan gu bruachan Abhainn Churr
cha bhiodh e do-chreidsinn gu robh Srath
Lochaidh air fad fo uisge aon uair.
Air do na Cuimeinich, a bha ’nan uachdarain
fearainn ’san chearn so de’n diithaich mu’n
cheathramh linn deug agus roimhe sin, am
fearann a chall an Loch Abar thugadh ceannas
do Chlann Domhnaill an eirig na taic a thug iad
do Raibeart Brus. Thug ceann-cinnidh nan
Domhnallach—Eoin mac Aonghais Oig—
uachdranachd thairis air Braighe Loch Abar
do a threas mac, Alasdair Carrach, agus is
esan a bu cheud cheann-cinnidh air a’ Cheapaich
B’e Alasdair, brathair do Dhomhnall Ballach
nan Garbh-chrioch, a bha air ceann nan
Domhnallach aig Cath Gairbheach agus aig a’
cheud bhlar aig Inbhir-Lochaidh. Is ann ri linn
na h-aramach sin a chaill e coir air fhearann
agus a thugadh e do Mhac an Toisich, tighearna
Chlann Chatain. Tha “Comhachag na Sroine”
a’ toirt iomradh air Alasdair mar so :—
Chunnaic mi Alasdair Carrach,
An duine as allaile bha’n Albainn ;
Is minig a bha mi ’ga eisdeachd
Is e reiteach nan tom sealga.
Do an fhear leis an fhearr bhith siubhal a’
mhonaidh seach na rathaidean mora tha frith-
rathaidean gu leor aige a dh’fhaodas e leantainn
o bhraighe Ghleann Ruaidh.
(R’ a leantainn)
Gaidhlig O An Bh. B.C.
AG seo barailtean o dhuine de an phoball
choitcheann, a sgriobhas do reir mar a
fhuair e fein tlachd agus toilinntinn as
(no a fheargachadh).
Treall seachad, chualas brain a chruinnich
Padraig, no Eosaf, MacDhomhnaill. Bu mhath
mar a thaitinn e siud riumsa. Is caomh learn,
gu mor, sean brain d’an leithid ud.
Seal de mhiosaibh seachad, chualas seinn o
“ Cheblraidh Ghaidhlig Ghlascho.” Chualas
trie roimhe iad, agus math daonnan iad. Ach,
an trath seo, bha ni eile ann, a chord rium gu
ro-mhath. An coitchinne, bidh Sasunnach ann,
agus blas-cainnt Oxford agus Cambridge aige,
agus e a’ bruidhinn fa dheidhinn nan bran
Gaidhlig. Is coltach gu bheil an truaghan a’
deanamh a dhleasnais agus a dhichill, brbinean,
— 76 —