Skip to main content

‹‹‹ prev (106) AdvertisementsAdvertisements

(108) next ››› Page 74Page 74

(107) Aireamh 7, An-t-Iuchar -
Dll GAIDUEAL
THE GAEL
Editor—DONALD GRANT, B.A., 95 MUNRO ROAD, GLASGOW, W.3,
tc whom all correspondence should be addressed except that concerning advertising which should
be addressed to the Secretary, while Subscriptions should be sent to the Treasurer.
65 WEST REGENT STREET, GLASGOW, C.2.
Telephone: DOUglas 1433.
Leabhar LVII
AN T-IUCHAR, 1963
Aireamh 7
An Oigridh, A’ Ghaidhlig,
Agus An Comunn
AN Gairm an earraich tha Iain Mac-a-
Phearsain a’ toirt dhuinn a bheachdan
air “ An Oigridh agus a’ Ghaidhlig.”
Bithidh cuimhne aig a’ mhor-chuid gun do
choisinn Mgr. Mac-a-Phearsain crun na bard-
achd aig a’ Mhod o chionn bliadhna no dha.
Aig an am leig Gairm ris dhuinn, ged a bha e
deonach a bhith air a chrunadh, nach bu mhath
leis gun saoileadh daoine gu robh e dad na bu
mheasaile air A’ Chomunn na bha e roimhe.
Theagamh gu robh fir-dheasachaidh Ghairm
fior-thoilichte a’ bheachd seo a chur an ceill, oir
cha sheachainn iad fhein cothrom uair ’sam
bith air sglog a thoirt do ’n Chomunn anns an
dolseachad.
Chan eil cuimhn’ agam an drasda air a’
bhardachd leis an do choisinn Mgr. Mac-a-
Phearsain an duais, ach b’ i mo bheachd-sa,
feumaidh mi aideachadh, nach do chuir a
dhoigh-labhairt, ge b’ oil le Gairm, gu mor ri a
chliu. Aig a’ cheart am bu mhath learn a radh
gun d’ fhuair mi sealladh ur air an duine nuair
a chunnaic mi an dealbh-chluich a sgriobh e,
“ Gheibh Foighidinn Furstachd,” an Aitreabh
nan Gaidheal am bliadhna. Bha seo cho snasail
’s cho aighearach ri ni dhe ’n t-seorsa a chunnaic
mi riamh.
Is math learn an dealbh-chluich seo a bhith
cho urail ’nam chuimhne nuair a leughas mi
cuid dhe na tha Mgr. Mac-a-Phearsain a’
sgriobhadh ann an Gairm. Tha na fir-deasach-
aidh ag innseadh gun do dh’ iarr iad air a
bheachdan a thoirt seachad air “ An Oigridh
agus A’ Ghaidhlig.” Theagamh gu robh
deagh bharail aca gun gabhadh e an cothrom a
rithist slaic no dha a thoirt do ’n Chomunn
Ma bha, cha robh iad air am mealladh.
Tha e fhein an dochas gun ruig na tha e ag
radh “ seicean na feadhainn a tha e a’ lorg.”
Bu mhath leis cuideachd beachdan dhaoin’ eile
fhaotainn anns an ath aireamh de Ghairm. Ach
chan ’eil e furasda freagairtean coimhlionta
a thoirt do nithean a chaidh a sgriobhadh tri
miosan roimh-laimh. Ged a tha “ An Gaidheal”
a’ tighinn a mach cho trie ri uair ’sa’ mhios, ’s
ann gle ainneamh a chi duine freagairtean no
beachdan a’ leantainn air dad a bh’ anns a’
mhios a chaidh. Gnothach bochd agus droch
chomharradh air beothalachd luchd na Gaidhlig,
ach siud mar a tha.
Tha mise a’ dol a thogail puing no dha an
seo, agus eadhon ged nach b’ fhiach le Mgr.
Mac-a-Phearsain An Gaidheal a cheannach e
fhein, ’s docha gun innis fear dhe a chairdean
dha gun d’ rainig a bhuillean aon seice co-dhiu.
Tha an sgriobhadair seo, mar a tha sinnuile,
a’ caoidh mar a tha a’ Ghaidhlig a’ sior dhol
sios. Tha a’ h-uile fear aig a bheil suim anns a’
chuis, co-dhiu a tha e a’ ” bragadaich air ard-
urlar an Glaschu,” no a’ labhairt gu pongail
air urlar iseal an Loch-nam-madadh, dhe’n aon
inntinn ‘‘nach bi canan ’sam bith fallain mura
bi e air bilean na h-oigridh.”
— 73 —