Skip to main content

‹‹‹ prev (222) Page 170Page 170

(224) next ››› Page 172Page 172

(223) Page 171 -
An Lunasdal, 1933.
AN GAIDHEAL
171
an ceatharnach air ais brath gun robh esan
ullamb cuideacbd. Acb mun tainig an
ceatharnacb, tbuirt Euairidb Dubh ri mac na
bantraich, “ ma chi thu mise a’ gabhail ceum
air ais anns a’ chomhrag, tuigidh tu gum
bheil mi ’call neirt, ach na leig thusa dad ort;
ma chi thu mi a’ toirt suil air m’ fhiaradh
tuigidh tu gu bheil nithean a’ del ’n am aghaidh,
ach na dean thusa dad gus an seall mi air
m’ fhiaradh an dara uair.” Dh’ aontaich mac
na bantraich, agus thoisich na ceatharnaich ’
ri cruaidh ghleac, agus b’ e sin an gleac.
Dbeanadh iad creagan de’n bhogan agus began
de’n chreagan, agus a h-uile slnteag a ghearradh
iad chite lasair theine as an cuid bhiodag. Chaidh
so air aghaidh car greise ach cha b’ fhada gus
am facas Ruairidh Dubh a’ gabhail ceum air
ais. Cha b’ fhada gus an do sheall e air fhiaradh
air mac na bantraich, agus cha b’ fhada gus
an do sheall e an dara uair. Leum mac na
bantraich ’na aite agus thoisich na laoich air
ur chomhrag. Mu dheireadh thall ghlaodh
Ruairidh Dubh ri mac na bantraich an ceann
a sgathadh bharr a cheatharnaich. Rinn mac
na bantraich so ged nach robh e ’na bheachd
a dheanamh, ach an uair a chunnaic e
ceatharnach Shealtuin air tuiteam, thionndaidh
e ri Ruairidh Dubh agus thuirt e “ A mhic
an leithid so, cha do rinn mise so riamh mur
biodh thusa, cairich a nis ort thu fhein agus
do dhaoine air ais do Bharraidh no chan fhag
mi ceann air amhaich mac mathar agaibh.”
Cha robh cothrom air. Thill Ruairidh Dubh
is a luchd leanmhainn, agus shealbhaich mac
na bantraich is na thainig bhuaithe Sealtuin.
Is trie a chuala sibh an scan fhacal, “ Ged is
fada mach Barraidh ruigear e,” agus is e so
an sgeul a bh’ aig na seann daoine mu dheidhinn.
Bha creachadair ainmeil ann uair ris an abairte
Maclain Ghearr a Muile ; bhiodh e daonnan
a’ togail creiche mu ’n Chaol Mhuileach. Bha
am bata aige dubh air an dara taobh agus
ban air an taobh eile, mar a tha an scan fhacal
ag radh—“ Taobh dubh is taobh ban, mar tha
bata Mhic Iain Ghearr,” Agus mar so bha e
daonnan a’ faotainn teicheadh air an luchd
torach. Ach thig gach ni maith gu crlch agus
mu dheireadh thall chaidh an creachadair a
ghlacadh. Chaidh a thoirt do Dhuneideann
gus fheuchainn agus b’ e MacNeill fear de na
breitheamhan. An uair a chaidh a’ bhlnn
a thoirt am mach, sheall an creachadair air
MacNeill le coltas fiadhaich, chrath e’ dhorn
ris agus ghlaodh e le guth sgairteil—“ Ged
is fada mach Barraidh ruigear e.”
Cha bhiodh e iomchaidh tarruing a thoirt
air Caisteal Chlsmuil gun iomradh a thoirt
air na h-orain a chaidh a dheanamh do ’n
bhirlinn Bharraich. Cha mhor an diugh aig
am bheil uidh ann an ceol, agus gu h-araidh
ann an ceol binn tiamhaidh nan eilean nach
cuala mu ’n bran ainmeil sin—“A’ Bhirlinn
Bharrach ” a dh’ fhoillsicheadh leis a’ bhean
uasail Ceannadaidh Friseal nach maireann.
Mar a thuirt mi cheana bha na Barraich moiteal
a buadhan sgiobaireachd an cinn fheadhna,
agus chaidh an t-6ran so a dheanamh le mnaoi,
a’ buachailleachd chaorach air Beinn Heabhal,
air dhi a’ bhirlinn fhaicinn a’ seoladh troimh
na caoil, “ Sios gu duthaich Chloinn
Ghilleathain.” Bha so air innseadh gu soilleir
anns an bran mar a gheibhte e aig na seann
daoine.
Latha dhomh’s mi’m beinn a’Cheathaich,
Ag cunntas nan caorach is ’gan gabhail,
Chunnaic mi bhta Chloinn Neill ’dol
seachad.”
Tha bran na mna uasail Friseal car eadar
dhealaichte, ach tha e air leth maith a
dh’ aindeoin sin.
Gheibhte bran maith eile aig na seann
daoine mu bhirlinn Chloinn Nbill a’ togail
ri. sail air oidhche nan seachd sian a thogail
creiche.
“ Is flinch an oidhche hu il o ro,
Nochd ’s gur fuair i och o riu o,
Ma thug Clann Neill hu il o ro,
Drium a’ chuain orr’ och o riu o. ”
Tha beul aithris ag rhdh gu’n robh fear
de Chloinn Neill pbsda aig a’ Bhaintighearna
Lebdaich. Bha ise mbr aisde fhbin agus
geur leanmhainneach air muinntir Bharr¬
aidh. Cha robh i riamh toilichte ann an
Clsmul a chionn agus nach robh crodh air
buaile aice, agus nach eluinneadh i luinneag
na banaraich an 4m bleoghann nam bb.
Tha e air a rhdh gu’n robh i tlnn aig aon
4m agus gun deach cailleach de mhuinntir
Thangusdail a choimhead oirre. Bha so ann
an teis meadhoin a’ Gheamhraidh, ann an
traithean dubha na Nollaige. Thug a’ bhean
bhochd leatha measgan de im ur. R4inig i
Clsmul, agus chaidh a toirt suas gu sebmar
laighe na baintighearna. An uair a chunnaic
ise am measgan ime, chuir i a dh’iarraidh
Mhic Nbill, agus thuirt i ris “Seall a’ bhean
bhochd so a Tangusdal, am pailteas a thig
bho a 14imh nach tig bho 14imh na baintigh¬
earna—1m ur aig Nollaig. Cha chuir mise
seachad Geamhradh tuilleadh ann an
Cismul, oir chan fhaodar a r4dh gu’m bheil
pailteas aice-se nach ’eil aig baintighearna
Mhic Nbill.”
Dh’ fhkg iad Clsmul, agus an uair sin
chaidh tigh mbr Eolaigearraidh a thogail.
Tha e air a r4dh nach robh a leithid de