Skip to main content

‹‹‹ prev (63) Page 43Page 43

(65) next ››› Page 45Page 45

(64) Page 44 -
44
AN GAIDHEAL.
An Dudlachd, 1932.
h-inntinn, agus dh’ iarr i air tighinn agus
a toirt leis do ’n Ghaidhealtachd comhla ris.
Cha d’ fhuair e a leithid sud de litir riamh
’n a bheatha: dh ’ iiraich e dha gach solas
agus sonas a thug am boirionnach ud a stigh
do a anam anns na laithibh a dh’ fhalbh.
Leig e mu sgaoil an sgoil, dhuin e an dorus,
agus thog e air ball gach a direach gu
Liverpool airson aon sealladh eile fhaighinn
air an ribhinn a Icon e. ’N uair a rainig e
Sruibhle bhuail an t-aithreachas e, agus
thill e dhachaidh gu Gearrloch le cridhe
trom tursach gun uiread agus aon ghathan
sblais ris am b’ urrainn e a aigneadh
a thogail. Chaidh e gu laighe na leapadh
agus cha d’ eirich e tuilleadh. Bha duil aig
M6ir ris gach latha, agus cha tug i riamh suas
a dochas nach cluinneadh i e a’ gnogadh ’s
an dorus an uair bu lugha a shaoileadh i.
Oidhche de na h-oidhcheanan bha dannsa
gu bhi anns a’ bhaile, agus rinn Mor deas
airson a dhol ann feuch am bathadh i a
dblas le sblas. An uair a bha ’n t-
searbhanta aice toirt laimh-chuideaehaidh
dhi leis an deise dhannsa shaoil leatha gu’n
cuala i gnogadh aig an dorus. “Sud Uilleam
a’ tighinn ’g am iarraidh,’’ arsa ise, agus
ruith i ’na deann sios an staidhir le
coinneal ’n a laimh airson failte chur air a
seann leannan. Dhf fhosgail i an dorus, ach
cha robh duine ann, agus an am dhi
tionndadh a thaobh leis a’ choinneil rinn an
lasair greim air a h-aodach tana, agus
loisgeadh gu bks i. Beagan mhionaidean de
fhulangas m6r agus dhuin a siiil anns a’
bhks, agus ghabh lion-aodach nam marbh-
phaisg kite riomhadh an dannsa, agus
chaidh a’ chir mu dheireadh troimh a ciabh-
agan 6r-bhuidhe. Air a’ cheart oidhche agus
aig a’ cheart uair ’s an do thachair an ni
bronach ud, bha cairdean gradhach timchioli
air leabaidh bais Uilleim Hois ann an Gearr¬
loch, agus mar sin chaidh e fhein agus an
ainnir a chuir aiceid a’ bhais ann, a stigh
do’n t-siorruidheachd mhoir cbmhla: fhuair
ise a guidhe—ach fois Dhe do a h-anam.
So, mata, deireadh beatha Uilleim Hois.
Cha robh e ach ochd bliadhna fichead an
uair a chaochail e, direach an uair a bha a
ghrian ann an airde nan speur agus a
fheumalachd agus a bhuadhan ’n an Ikn
neart; aeh cha robh gach ni air a dheanamh
am folach air freasdal caomh an Ti a tha
riaghladh, agus nach eil an sean-fhacal
Greugach bho shean ag radh, “Esan is
ionmhuinn leis na diathan bksaichidh e 6g.”
Tha Mac-Coinnich ann an “Sar Obair nam
Bard’’ a’ toirt dhuinn cunntas eagnuidh air
pearsa a’ bhaird. Tha e ’g radh gu’n robh
e ’n a dhuine cuimir annsanta anns an
robh cbrr agus se troidhean a dh’ airde.
Bha fait donn air, agus bha a aodann
fosgorra agus a chruthachd dealbhach anns
gach ball mar is gnath le clann nam beann;
agus cha robh meang air a’ ghrinneas leis
an rachadh e ’n a aodach. Bha e ’n a
sgoilear cho maith agus a rinn a’
Ghaidhealtachd ’n a latha: bha e fileanta
ann an Laidionn agus an Greugais agus
ro-bhuadhmhor an laimhseachadh na
Gaidhlig.
Chan eil moran, ma tha aon idir eile ann,
a rinn a leithid de ghreim daingean teann air
inntinnean nan Gaidheal agus a rinn
bardachd Uilleim Rois. Tha a aignidhean
agus a bhkigh agus a charthannas a’
dearrsadh troimh gach ceathramh a rinn e,
agus saoilidh sinn gu bheil sinn a’ faicinn a
chruth grinn fhein a’ starachd mu’r
coinneamh air uachdar gach brain. Tha ar
co-fhaireachadh a’ sior dhol a mach do a
ionnsaidh an uair a tha esan a’ dbrtadh a
mach ’n ar lathair gach cneadh agus leon a
tha a chridhe bochd a’ faireachadh; agus tha
sinn mar sin a’ gabhail ceum no dha ann an
turus an fhasaich so comhla ris, agus tha ’n
comhluadar sin a’ deanamh misnich dhuinn,
an uair a chuimhnicheas sinn gu’n robh aige-
san mbran de na cnapan-starra a dh’ fhaodas
a bhi againn an reis ar beatha. B’e
Bums na Gkidhealtachd gun teagamh.
Dh’ fhag e, coltach ri treabhaiche mbr Aoir,
cuimhne chubhraidh as a dheidh do bhrigh
’s gu’n do ghluais e a chlarsach direach a
reir ’s mar a bha a. fhaireachaidhean aig an
am. Ma bha a ghradh mor do chaileig araidh,
dh’ innis e sin dhuinn an bran gun lideadh
a chleith: ma bha e faighinn sblais ann an
glaine de mhac-na-braiche, cha do chum e
sin fo luirich uainn, agus an uair a bha gloir
obair naduir mu’n cuairt da a’ tarruinn suas
a inntinn a dh’ionnsuidh Dhe, ughdar na
cruinne, nach do chuir e na faireachaidhean
sin ann an dubh ’s an geal dhuinn chum
agus gu’m biodh sinn, gach uair a leughas
sinn a chuid bran, le tlachd a’ leantainn gu
dluth ’n a chois-cheuman-san agus gathan
sblais a’ ruigheachd air ar n-anam dlreaeh
mar a thkrmaich iad timchioli air fhein. Bha
e fhein agus Raibeart Burns a’ faicinn
sgeimh ann an uile chruthachadh Dhe, agus
theagaisg an luaidh ghrinn a rinn iad air
na nithean sin dhuinn gu bheil e
iomchuidh dhuinn a bhi sealltainn le spbis
agus buidheachas air obair naduir gu leir, a
chionn nach do dhealbh Dia aon ni an
diomhanas.
(Ri Leantainn.)