Skip to main content

‹‹‹ prev (51) Page 35Page 35

(53) next ››› Page 37Page 37

(52) Page 36 -
36
AN GAIDHEAL
An Dudlachd, 1032.
AIT-AI N MEAN LOCHLANNACH
(SCANDINAVIAN PLACE NAMES)
Le K. W. G
VIII.
Tha mar an ceudna moran ait-ainmean
air an co-mheasgadh le buaidh-fhacal
(adjectives) agus le ainmean bheathaichean,
eoin, &sg, craobhan, agus cinneas na
talmhainn; dhiubh sin feudar beagan
cisimpleir a thoirt.
bcathaichean, coin; agus eisg:—Hestr,
hross (each); liafr (rcithe); hjortr (fiadh);
kottr (cat-fiadhaich); lambr (uan); naut,
neyti (feudail); alka (ale); haukr
(speireag); kraka (cnaimheach, feannag);
orn (iolaire); skarfr (sgarbh); skari
(faoileag); lax (bradan); sild (sgadan);
selr (ron); all (easgann).
Craobhan, cinneas:—askr (uinnseann); hesli
(calltuinn); birki (beithe); eikr (darach);
yr (iubhar); reynar (caorann); melr
(muran, seorsa feoir); gras (feur); lyng
(fraoch); hri's (preasarnach); b'n (lion).
Chan eil an sin ach beagan as a’ mhoran a
tha ann diubh.
Gheibh sinn mar an ceudna ainmean
dhaoine mar ait-ainmean; mar eisimpleir,
Dun Eistinn (Eysteinn); Loch Hacoin
(Haakon); Thormaid — binnein no sgor
(Thormodr); Raonuil—eilean-Raghn-hildr);
Groa—eilean beag; Beinn Ghriam (Grumr);
tha ainman mar sin mar an ceudna an ait-
ainmean co-mheasgte: Aulavaig (Bagh
Amhlaidh); Egilsay (Eilean Egill); Helms¬
dale (Gleann Halmund); Skulamus
(Mointeach Skuli); Olistadh (Aite
Amhlaidh); Caryshader (Fardoch Chari);
Suaineart (Loch Shuain); Ungshader
(Fardach Ungi); Trottenish (Rudha
Thrand); Timsgarry (fearann Thumi); agus
sgaoth a thuilleadh.
Tha moran de na h-ait-ainmean a tha air
an cur sios gu h-ard fathastannanLochlainn,
Iceland, nah-Arcaibh agus anns na h-Eileana
Sealtaineach, gun a bheag de mhuthadh orra
o linn nan Vikinger, ami feadh a tha na ceart
ainmean ri fhaotainn mar an ceudna ann an
sean aitean-tuinidh nan Lochlannach an
Eirinn, an Sasunn siar is deas, a’ Chuimridh,
An Com, agus an Fhraing. Tha co-
ionnanachd nan ainmean anns gach cearn
dhiubh sin a’ dearbhadh riaghailteachd nan
Lochlannach ann an toirt ainmean do
kitean.
A leigeil ris so bheir mi na h-eisimpleirean
a leanas de ait-ainmean a fhuaradh an
Normandi agus an comh-chiallach dealbh
an Albainn; mar a chunnaic sinn cheana an
earrann na h-eachdraidh de ’n sgriobhadh so,
bhuilich righ na Frainge Normandi anns an
naodhamh linn air “Ganger Rolf,’’ “Rolf
Coisiche.’’ Mac lari Raonuil nan R&dh-
mhonadh, o’n tainig Uilleam Buadhair
Shasunn.
Normandi.
Colbost, Colbosc
Scambosc,
Stambosc
Grimbost
Tourabois
Milleboisc
Robois
Argnebos
Kergnebusc
Orbois
L’etacq
Albainn.
Colbost
Scambuster,
Stambuster
Grimbuster
Torabus
Melbost
Robois
Arkebuster
Kirkabost,
Kirkabuster
Orbost, Orbester
Stack.
Thug na Lochlannaich tomhaisean an
fhearainn a stigh do na h-Innse Gall, agus
gheibhear an lorg ann an ait-ainmean; mar
a tha cunntas iomadh aite a leigeil ris. B’e
riaghailt-thomhais nan Lochlannach air an
fhearann an ‘‘eyrisland” = unnsa-fearainn,
a phaigh unns de dh’airgiod aon chuid an
cuinneadh no an toradh, do n lari Loch-
luanach mar chis=: “skattr”; tha so air a
chumail an cuimhne anns an fhacal
Ghaidhlig “tirunga’’ = tlr-imnsa; bha ’n
“eyrisland” air ath-roinn gu 18 gu 20 “tir-
pheighinn’’ agus gach “tir-pheighinn’’
gu “tir-feoirling”; b’e ’m facal Loch¬
lannach air son an tomhais so
“fjorungr” = an ceathramh cuid, no
feoirling: o so thainig an t-kit-ainm
Feoirlig, agus Feoirlinn, a’ ciallachadh
“fearann-fairdein,’’ agus Garbh-cheathramh
“garbh-fhearann fairdein.’’ Tha ’m facal
Lochlannach “peningr” = peighinn ri
fhaotainn an ait-ainmean mar: Peighinn
(dluth air an t-Seasgann); Peighinn
Meadhonaeh ’s a Bheurla Pinmiimoch;
Peighinn a’ Chiiirn = Pinwhirn; Peighinn a’
Ghobhainn — Pennygown; Peinvaila =
Peighinn a’ bhaile (am Beinn nam faoghla —
Benbecula); Lethpheighinn = Lephin;
Pennyghael = Peighinn a’ Ghaidheil agus
moran eile.
Air a cheann so tha’n Dotair MacEanruig
a’ toirt air adhart ’n a leabhar Norse
Influence on Celtic Scotland rud a thuirt