Skip to main content

‹‹‹ prev (44) Page 28Page 28

(46) next ››› Page 30Page 30

(45) Page 29 -
An t-Saltihum, 1932.
AN GAlbHftAL.
29
UILLEAM ROS.
Le Iain N. MacLeoid.
II.
Thug Uilleam agus a athair sgrlob a null
air a’ Chuan-Sglth. Gheibheadh iad aiseag
ann an sgoth-iasgaich bho Ullabul gu
Steomabhagh mhor a’ Chaisteil, agus
bhitheadh fiughar mhaith aca ri bathar
gu leor a reic ann an Steomabhagh
agus troimh ’n duthaich. Is ann
iomallach a bhiodh badan de Leodhas
anns an latha sin ged a bha Steornabhagh
’n a’ bhaile cuireideach gu leor air
tailleabh na deagh acarsaid a bha ann: ach
cha bu mhisd’ iad beagan do na grinneasan
a bha aig Iain Bos arms a’ mhaileid. A’
cheart oidhche rainig iad Steomabhagh bha
cuirm agus cedi ann an kite- air chor-eigin ’s
a ’ bhaile agus cho luath agus a chaidh farum
troimh chluais no dha gu ’n tainig am bard
6g Sgitheanach air tlr chuireadh fios
cabhagach air gu tighinn a dh’ ionnsaidh na
cuirme: Cha robh cuirm sam bith iomlan
an uair ud gun bhard a bhi air ceann na
cuideachd. Thainig Uilleam gu sunndach,
agus ma bha ’n tinneas-mara ’g a leireadh
air a’ Chuan-Sgith, cha robh lorg a nis air.
Thug Uilleam suil gu geur air gach caileig
agus oganach anns an talla chridheil ud.
Bha iad grinn uile, lan de shlainte ruitich an
fhraoich agus na mara, ach air dha dearcadh
air maighdinn araidh thall ann an oisinn,
sheall e agus sheall e agus sheall e a ris,
agus thuirt e ris fhdin, “Ge b’e co thusa, cha
do chruthaich Dia riamh do leithid, ’s mur
a faigh mise dhomh fhein thu le ordugh
daingeann bho ’n chldir, cha bhi ann ach
marbh-phaisg dhomh-sa.” Mar a tha e
fhein ag r&dh:
“ Ghlacadh mo chridhe ’s mo shuil
comhla,
Is rinn an gaol mo ledn air ball.”
B’e so Mbr Bos, caileag ghlan, eireachdail,
le suilean mlogach, gorma, agus fait buidhe
boidheach—ainnir cho lurach innsginneach
’s a bhuail sail brbige riamh air cabhsair
baile Steomabhagh. Bugadh M6r Bos ann
am Beamaraidh Bheag an sgir Uige an
Leodhas, agus b’ aithne dhomh fhein seana-
bhean am Bearnaraidh a bha suas ris a’
cheud mu ’n do chaochail i, agus bha beachd
math aice air Mor Bos fhaicinn ’s i ’n a
h-ighinn oig, eireachdail. Chuala mi
cuideachd gur h-ann a’ ceilidh air a c&irdean
an Steornabhagh a bha i an uair a choinnich
Uilleam Bos rithe aig a’ chuirm ud, ach a
mach bho’n choinneamh ud fhein ris a’
bhtird Sgitheanach, dh’ fhairtlich orm-sa
seanchas sam bith fhaighinn mu a deidhinn.
Chuir am bard eolas oirre co-dhiu, agus
chuir ise eolas air a’ bhard, agus fhuair
taladh diomhair a’ ghaoil buaidh air an
cridhe le ch^ile. Binn Uilleam Bos bbid
dhith ann an larach nam bonn gu ’ m
pbsadh e i. Thug ise h-aidmheil fhein gu’m
biodh i dileas dha-san, agus airson a taoibh
fhein de’n chumhnant a sheulachadh gu
buan, mhionnaich agus bhoidich i gu’n
iarradh i a bhi air a losgadh gu bas mur
biodh i dileas do a gealladh. ‘‘An oidhche
roimh do bhits thoir do shar-fhacal, ” ars’ an
seann radh, agus chi sinn cho fior agus a
tha e aig deireadh eachdraidh na caileig so—
mar a their cailleachan Strath Mhic-
Fhionghuin fhathast, ‘‘Chuala Dia a boid
agus ’n a dm maith fhein thug e fainear e.”
Dh’ fhag am bard agus a athair baile
Steornabhagh as an deidh ann an latha no
dha; ach ged chuir Uilleam cul gu corporra
ri Eilean Leodhais, cha do charaich a chridhe
ach ro-ainneamh as an talla-chiuil sin anns
an do chomhlaich e ailleagan nan ainnir an
toiseach. Chaidh esan air ais do Ghearrloch
agus fhuair e ’n a mhaighstir-sgoile an sin,
agus tha eachdraidh ag aithris gu’m bu
mhaith a ghnothuch ris an obair chud-
thromaich sin a ghabhail os laimh. Bha
deagh fhoghlum aige, moran os cionn
fiosrachaidh a’ mhaighstir-sgoile chumanta
’s an latha ud. Bha carthannas agus bkigh
agus truas ’n a chridhe maoth. Bha e ’n
comhnuidh 6g ’n a inntinn, mar a thuirt
bodach araidh uime, agus bha na buadhan so
’n am meadhon eifeachdach air aire agus
aigne na cloinne a bha ’m Bad a’ Chro a
tharruinn g’a ionnsaidh. Dh’ fhosgail iad an
cridhe dha, agus dh’ fhoghlum iad uaithe le
tlachd, air chor agus nach robh sgoil air an
astar aig an latha sin aig an robh cliu agus
rian sgoil Uilleim Bois, am Bad a’ Chro.
Thug a’ Chleir dha dreuchd fear togail nan
Salm an eaglais Ghearrloeh, agus na’m
biodh sinn comasach air suil a thoirt a stigh
air Di-Domhnaich do’n eaglais sin anns a’
bhliadhna 1788, chitheamaid Uilleam Eos air
ceann na seinn, duine 6g glas-neulach le
cruthachd thoirteil agus fait donn
cuaileanach. Bha e annsanta direach ’n a
phearsa agus chan fhacas riamh e ach
sgiobalta, guanach.
Chi sinn mar sin nach b’ ann ’n a thamh
a bha am b&rd a’ cur seachad a dine. Bha
e ’n sks a Sh&baid agus a sheachdainn, agus
air do na feasgair ciaradh, bu trie e a’
gleusadh a’ chlarsaich agus a’ cur an cainnt