Skip to main content

‹‹‹ prev (469) Page 35Page 35

(471) next ››› Page 119Page 119

(470) Page 36 -
An Gaidheal Og
Litir Eachainn [bho t.d. 35)
an r6-sgeul seo, “ Labhraidh Loingseach ” air
taobh-duilleig 44 de’n leabhar seo, le iomadh
rud math eile air feadh an leabhair uile.
Agus a nis, bidh Mbd againn mum bi an ath
sheanachas againn. Tha mi an dbchas gum
bi na h-uiread agaibh aig a’ Mh6d sin, agus
gun t&d dhuibh gu math an ni sam bith ris
an tionndaidh sibh bhur guth no bhur l&mh.
Bhur Caraid Dileas,
Eachann MacDhughaill.
AN T-ASTAR A THEID RON
Le DONNCHADH DOMHNALLACH
(Peighinn Aoirinn, Uibhist a Deas)
BHA peata roin aig Mac Mhic Ailein ann
an Ormicleit an Uibhist a’ Chinn a Deas
uair-eigin de’n t-saoghal, agus bhiodh an r6n
a’ falbh a h-uile Ik a dh’ionnsaigh a’ chladaich
a dh’iasgach, agus cha robh feasgar sam bith
nach robh e tilleadh dhachaidh, agus cha
saoileadh duine sam bith gun deach e na
b’fhaide na an cladach a bha m’a choinneamh
agus a bu ghiorra dha.
Ach feasgar de na feasgair an seo cha do
thill an r6n dhachaidh idir mar a b’kbhaist
dha, agus chuir sin curam air Mac Mhic Ailein.
Ghabh e amharus gu robh rud-eigin cekrr o
nach do thill an rbn mar a b’kbhaist dha. Agus
uair-eigin an Ikrna-mhaireach thill an r6n,
agus bha gath ’na chliathaich. Agus thug
Mac Mhic Ailein an gath as an r6n, agus bha
ceann airgid air a’ ghath agus litrichean
sgriobhte ann, agus chroch Mac Mhic Ailein
an gath air staing anns an rum agus chailleadh
an r6n ri linn an ledin a chaidh a dheanamh
air.
Ach uair air chor-eigin treis de dh’kine an
deidh sin thkinig soitheach do thd de na
lochannan a bh’air an oighreachd, agus thkinig
am maighistir agus duine no dithis de na bha
air bdrd cdmhla ris a choimhead air Mac
Mhic Ailein, agus chaidh an cur g’an rhm
agus, mar a bha nkdurra, chaidh biadh is
deoch a thoirt dhaibh ann.
Agus gu de a thug maighistir an t-soithich
an aire dha ach dh’an ghath, agus dh’fhaigh-
neach e de Mhac Mhic Ailein ciamar a thachair
dha tighinn ’na liiib-san, agus dh’innis Mac
Mhic Ailein dha, facal air an fhacal, mar a
bha mu dheidhinn an rdin agus mar a thkinig
e dhachaidh agus an gath ’na chliathaich ; agus
dh’fhalbh e agus leig e far an staing an gath
agus shin e do mhaighistir an t-soithich e.
“ Ma tk,” arsa maighistir an t-soithich ris
an uair sin, “’s e an t-ainm agamsa a tha an
seo anns a’ ghath, agus ’s ann air uisge na
Bainne ann an Eirinn a lois'g mi air an rim.”
Agus tha sin, a nis, a’ toirt fradhairc
dhuinn air d6 cho fada ’s a thdid r6n ann an
(line ghoirid.
SCEULACHD
BHA siud ann aon uair ann an Uibhist a
Deas seann duine aig an robh trikir mhac.
Bha an dithis bu shine gl£ mhath air piobair-
eachd, ach am fear a b’oige cha robh e ro
mhath idir.
A nis an uair a bha Clann Mhic Cruimein
ann an Dun-bheagan chuala iad mu na gillean
a bha seo. Mu dheireadh smaointich iad
tighinn do Uibhist fiach am faiceadh iad cd a
b’fhekrr air plobaireachd, iad fhein no na
gillean aig a’ bhodach.
Nuair a rkinig iad cha robh gillean
a’ bhodaich a staigh agus dh’innis e dhaibh
nach biodh iad air ais gu ceann latha no dhk.
Aig an dm seo bha an gille 6g a muigh
a’ buachailleachd air cnoc uaine nuair a chuala
e an ce61 bu bhinne a chuala e riamh. Ann
an tiotan smaointich e gur e sldhean a bha
anns a’ chnoc. Chaidh e chun an doruis agus
mun deachaidh e staigh chuir e bior anns an
dorus a chionn, nan deanadh e sin, gheibheadh
e mach a rithist. Chaidh e a staigh agus
dh’iarr e air a’ bhodach a bha ag cluich na
pioba am port ionnsachadh dha. Dh’iarr am
bodach air a theanga a chur ’na bheul. Rinn
esan sin agus dh’ionnsaich e am port. Nuair
a rkinig e an taigh bha Clann Mhic Cruimein
a staigh roimhe agus dh’iarr iad air a’ phlob
a chluich fiach cd dhiubh a b’fhekrr, esan no
iad fdin. Thubhairt am bodach nach robh
slon a dh’fheum anns a’ ghille ud.
“ Chan ’eil sin gu deifir,” arsa iadsan.
“ Fiachadh e co-dhiubh, bitheadh e math no
dona.”
Chuir an gille suas a’ phlob agus chluich
e am port a dh’ionnsaich an sldhiche dha.
Nuair a chuala Clann Mhic Cruimein an ce61
briagha seo thubhairt iad, “ Mas e sin am fear
as miosa, chan ’eil e gu slon a dh’fheum
dhuinne fiachainn ris an fheadhainn as fekrr!”
Agus leis an sin thill iad air ais do Dfiun-
bheagan.
Iain MacRuairidh.
(Sgoil Dhail-a-brog).
36