Skip to main content

An Comunn Gàidhealach Publications > Gaidheal > Volumes 44--45, January 1949--December 1950

(421) Aireamh 7, An t-Iuchar - Clar-Innsidh [Contents]

‹‹‹ prev (420) AdvertisementAdvertisement

(422) next ››› Page 90Page 90

(421) Aireamh 7, An t-Iuchar - Clar-Innsidh [Contents]
THE fwAE E
PUBLISHED MONTHLY

Editor
Rev. T. M. Murchison, M.A.
Advertising and Circulation
Manager
James Harrison Miller
All correspondence should be
addressed to the Editor, except that
concerning advertising and circula¬
tion, which should be addressed to
the Manager.
131 West Regent Street,
Glasgow, C.2
Telephone: Douglas 1433

Leabhar XLV Aireamh 7
AN T-IUCHAR, 1950
Principal Contents
GAIDHLIG
“ Baile nan Caimbeulach ” 89
Uilleaon Ros ... ... 90
A’ Togail nan Cliabh ... 93
ENGLISH
Notes and Comments ... 90
What is a “Gaelic Text”? 91
Cape Breton News ... ... 92
Local Mod Reports ... ... 95
Book Review 97
Letters to the Editor ... 97
Executive Council Meeting 100
New Life Members ... 100
AN GAIDHEAL OG
Sgeoil bho Dhail-a-brog ... 25
Na h-Uain 26
Litir Eachainn ... ... 27
Iain MacPhaidein 28
Our Cover Picture
Knoydart from Mallaig Bheag
[By kind permission of
W. G. C. Buchanan)
PLEASE MENTION OUR NAME
WHEN
WRITING TO OUR ADVERTISERS
Ann* a* ('lintlinir
FROM THE EDITOR’S CHAIR
BAILE NAN
CAIMBEULACH ”
ED is e sin a’ Ghaidhlig a
tha air an ainm Bheurla
aig a’ bhaile mu’m bheil
ar seanchas, tha na Gaidheil—
mar is dualach dhaibh—a’ toirt
sitil moran nas fhaide air ais,
agus is e “ Ceann-Loch-Chille-
Chiarain ’ ’ a tha aca air an aite.
Fhuair Marcus Earraghaidheal
agus na Caimbeulaich seilbh air
Cinn-tire mu thoiseach na seachd-
amh linn deug, ach rainig
Ciaran Naomh na cladaichean sin
mile bliadhna roimhe sin. Nach
math an comharradh air Gaidheil
Chinn-tire gur fhearr leotha gum
biodh ceanna-bhaile na duthcha
aca air a shloinneadh air teachd-
aire Soisgeul na Sithe a shaoth-
raich ’nam measg an tits an
eachdraidh seaoh air fine a thug
a mach an duthaich le foill is le
lamhachas-laidir beagan linntean
air ais!
0 chionn ghoirid bha muinntir
baile Cheann-Loch-ChHle-Chiarain
ag urachadh cuimhne air an
eachdraidh agus a’ deanamh
gairdeachais gu bheil am baile
aca a nis an deidh a bhith ’na
bbaile rioghail o chionn da cheud
gu leth bliadhna. B’ann anns
a’ bhliadhna 1700 a thug Ian
Righ Uilleam cead is itghdarras
do mhuinntir Cheann-loch a bhitb
air an steidheachadh mar bhaile
rioghail, leis gach sochair "s coir
a tha sin ag gabhail a svach.
Cha robh anns a’ bhaile seo an
toiseach ach baile beag iasgaich,
agus cha robh e ro mhor an uair
a dh’ardaicheadh e gu inbhe baile
rioghail le Probhaist is Baillidh-
ean is Comhairle-riaghlatdh. Is
ann anns an da cheud gu leth
bliadhna mu dheireadh a mheud-
aich agus a shoirbhich am baile
seo, agus tha sinn an dochas
gu bheil tuilleadh soirbheachaidh
roimhe.
Le acarsaid mhaith nadurra a’
toirt fasgaidh is dion do gach.
seorsa luingeis, chan ionghnadh
ged is ann ris an iasgach agus ri
marsantachd thar saile a shoir¬
bhich 1’eis a’ bhaile seo. Faodaidh.
nach ’eil deanamh an uisge-
bheatha ’na obair cho buannachd-
ail ’s a bha e aig aon am ach
is coltach gu bheil meinnearachd
a’ ghuail a’ dol am feabhas a
rithist, agus faodaidh dull a
bhith ri obraichean ura an comh-
cheangal ris a’ chumhachd-
dealain a thatar ri cur an tairgse
an aite a dh’aithghearr. Os
cionn gach ni, thla, anns an sgire
mun cuairt, fearann math air a
dheagh chur gu buil le tuathan-
aich eagnaidh, dhicheallach.
Am meadhon na seachdamh linn
deug dh’fhasaich Alasdair Mac
Colla Chiotaich agus a namhaid.
an Seanalair Leslie, Cinn-tire
eatorra, agus na dh’fhag iadsan
thug a’ phlaigh leatha. B’ann
an uair sin a shuidhicheadh
moran theaghlaichean Gallda a
taobh an iar-dheas na h-Albann
ann an Ceann-loch, agus riamh
bho’n uair sin bha “ Eiaglais
Ghaidhealach ” agus “ Eaglais
Ghallda ” anns a’ bhaile, ag
comharrachadh ^ a mach an da
sheorsa luchd-comhnuidh.
Chan ’eil a’ Ghaidhlig ’ga
searmonachadh an Eaglais
Ghaidhealaich Cheann-loch an
diugh, ach tha sluagh an Ceann-
loch leis am miann aoradh anns
a’ Ghaidhlig agus daoine as
urrainn searmonachadh anns ar
Ghaidhlig. A bharrachd air sin.
tha feadhainn an Cea-nn-loch a
dh’ionnsaich a’ Ghaidhlig an
deidh dhaibh an oige a chur air
an cul. Tha iad ann a tha
deanamh seirbhis mhoir a chum
leas na Gaidhlige, agus tha
eoisridhean-Gaidhlig Cheann-loch
iomraideach am fad ’s am
farsaing.
Gu ma fada a mhaireas a’
Ghaidhlig an ard-chliu ann an
Ceann-loch agus an Cinn-tire!
Cliocas nan Caidheal
B’fhekrr gun t6iseachadh na sguir gun chrlochnachadh.
Firinn air son a’ Mhios seo
An tl a bhuanaicheas chum na criche, is e seo a shaorar.
—Marc xiii, 13.