Skip to main content

‹‹‹ prev (406) Page 82Page 82

(408) next ››› Page 22Page 22

(407) Aireamh 6, Supplement - Gaidheal Og
AM CkAIDHEAL
MIOSACHAN COMUNN NA H-OIGR1DH
Leabhar II AN T OG MHIOS, 1950 Aireamh 6
Feill ifllior twlikii^chu
THA an Fheill mhor seachad, agus is math
a rinn na h-uiie aig an robh lamh anns an
obair ion-mholta sin. Fad ceithir latha bha
Talla an Naoimh Aindreas loma-lkn de shluagli
as gach cearn, agus sgaoilte gu ddigheil,
tlachdmhor f’an comhair bha an lionmhorachd
nithean anns na “ Buithtean.” Thairis air
gach “ Birth ” bha an t-ainm sgrlobhte, ag
innse ciod a’ chearn de’n duthaich a dh’ullaich
an oisinn ud de’n Fh&ll—gach cekrn de’n
Ghaidhealtachd 3gus na h-'Bileanan, Taobh
Deas is Taobh Sear na h-Albann, Glaschu
is Dun-eideann is Lunnainn, is durhchannan
ceine.
B’birdhearc an sealladh a bhith seasamh
air an ird-iirlar agus ag amharc sios air na
Buithtean air feadh an talla, agus an sluagh
’gan diimhlachadh. Aig deireadh a’ cheud
latha bha dk mhile not againn cruinn agus aig
deireadh na Faille nach ann a bha c6rr is ochd
mile not againn!
Chuir a’ Bhan-righ uasal fh&n tiodhlac
priseil—leth-dusan cupa is leth-dusan sksair
—agus thug duine-uasal leth-cheud gini orra !
Cha robh leth-cheud gini agam fh&n no rud
coltach ris, ach thug mi learn do’n Fh&ll suim
mhath airgid agus nach ann a theab tighinn
orm coiseachd ceithir mile dhachaidh air cabh-
sairean cruaidhe Ghlaschu. Cha do dh’fhkgadh
ach gann sgillinn agam air son a’ bhus.
Thall ri taobh an krd-iirlair bha Bixth
Comunn na h-Oigridh agus e Ikn de na nithean
feumail a rinn’s a chruinnich ’s a chuir sibhse,
muinntir Comunn na h-Oigridh, a dh’ionnsaigh
na Feille—chan ’eil iiine agam iomradh a
dheanamh air gach nl annasach a bha an sin.
Thug mi an aire gun do thadhail mdran sluaigh
aig a’ Bhiith seo, agus chuala mi iomadh
neach a’ moladh obair na h-6igridh. Faodaidh
sibhse, a mhuinntir 6ga, a bhith moiteil as ra
rinn sibh a chuideachadh na Faille.
Chaidh mi a ch&lidh air Mkiri agus air a’
Bhodach anns an taigh aca—“ Taigh Mkiri ”
—agus neo-ar-thainig mur an d’fhuair sinn
fkilte! Bha dithis no triiiir mhnathan c6ire
as na h-Eileanan ag ckrdadh agus a’ sniomh
agus a’ fighe aig dorus an taighe.
Bha iomadh nl eile an tallachan ’s se6m-
raichean is ciiiltean eile—gach aon a’ stri n
airgead a thaladh a pocaidean is A sporain an
t-sluaigh—agus tha ar taing aca-san uile a
rinn saothair cho m6r anns an oidhirp seo-
Tha ar taing gu sbnraichte aig a’ Bhean-
uasal NicGhille-na-brataich agus Mgr. Iain
Moireach, oir is iadsan a bha air ceann a’
ghnothaich o thus gu &s.
Mus tig deireadh na bliadhna tha sinn an
dbchas gum bi an t-siiim a chuir sinn romhainn
gu h-iomlan cruinn—’s e sin fichead mile:
punnd Sasannach. Mar thoradh air an
Fheill agus air gach oidhirp is cobhair a
rinneadh cheana tha tri mile deug againn a
nise, agus tha sia miosan againn a chum na
seachd mile eile a thrusadh. Cumamaid oirnn,
ma tha, agus an sin tbisichidh sinn air cur
mu dheidhinn an t-airgead seo a chur gu feum
a chum maith nan Gaidheal 6ga agus mar
chuimhneachan air na laoich a rinn seirbhis.
cho gaisgeil dileas anns a’ chogadh.
“AN CABAIRNEACH ”
AIR a’ cheud chuairt a thug mi steach do’n.
Fheill mhdir an Glaschu thachair balach
6g basgaidh rium, agus pasgan leabhraichean
aige ’na achlais, agus a siud chan fhaighinn
gus am paidhinn “ tasdan co-dhiubh, co-
dhiiibh’’ air leabhran a bha aige ’na dhbrn.
B’e seo An Cabairneach, an leabhran a
chuireadh a mach le Feachd Phort-righeadh
de Chomunn na h-Oigridh. Anns na bliadh-
nachan a chaidh seachad thkinig da kireamh
de’n Chabaimeach a mach, agus thug iad'
mor-thoileachadh dhuinn uile. Tha fear
dhiubh-san aig an robh Ikmh anns a’ cheud
dk Chabairneach a nis an inbhe krd is urramach
aig a’ Bh.B.C.—Fionnladh Dbmhnallach—ach
tha ginealach ur air biridh suas an Sgoil Phort-
righeadh, agus ’s e Murchadh Mac-an-
Tuairneir agus Niall Moireasdan a dheasaich
an treas Cabairneach, agus comhairle-
dheasachaidh ’g^n cuideachadh, agus air an
ciil, mar a bha air ckl a’ cheud dk Chabair¬
neach, mo sheann charaid, Iain Steele, fear-
teagaisg na Gkidhlige an Sgoil Phort-righeadh.
Gu d6 a gheibh thu anns a’ Chabairneach?
Gheibh thu rogha na Gkidhlige—blasda,
coimhlionta, nkdurra- Gheibh thu fiosrachadh
21