Skip to main content

‹‹‹ prev (384) Page 68Page 68

(386) next ››› Page 70Page 70

(385) Page 69 -
(illoam ISo«: A is A Ilhar<la<*li4l
an duine air an do bhuilicheadh
^ sar bhuadhan inntinn maille ri
cridhe blath, mothachail, nach
fairich a spiorad air a dhusgadh is
air ardachadh agus aigne air a
gluasad gu dain is ranntachd nuair
a tha e air a chuartachadh le maise
is ailieachd a’ chruthachaidh ?
Bha. agus tha, an daimh as diomh-
aire eadar an da ni, oir fhuaireadh
anns gach cearn de ar tir, a tha
fior ainmeil air son obair-naduir,
na baird bn bhuadhmhoire agus bu
cheblmhoire.
Mar sin, chan ionghnadh ged a
tbigeadh bardachd Dhonnachaidh
BKain bho mhonaidhean Dhruim-
Jiaghairt is Dhail-mhailidh, is
liardachd Mhic Mhaighistir Alasdair
bho na Garbh-chrioclian is bho
chbrsachan aillidh Aird-nam-
murchan.
- Is ann san Eilean Sgitheanach a
ghleus Mairi Nighean Alasdair
Ruaidh a clarsach agus oaite am
measg nam bard Gaidhealach air
fad am faigh sinn aon a dheilbh
rainn a bheir barr air a cuid oibre ?
Bho latha Mairi gu ar linn fein cha
do dh’eirieh bard no banabhard
anns an Eilean cheudna air an do
thuit comasan Uilleim Rois.
Rugadh Uilleam Ros anns an
Ath leathann an sgireachd an
t-.Sratha anns a’ bhliadhna 1762.
Bha a pharantan. mar a bha a’
chuid bu mhotha san am, leth-char
math air an doigh ’nan crannehur.
Cha robh an staid aon chuid bochd
no beartach.
Anns na laithean ud cha b’ann a’
tighinn beb air roilsean agus air
biadh Gallda eile, anns nach_’eil
moran tail no taisealadh. a bha an
sluagh idir. Cha ghabhadh iad de
Ion no cle aodach no de chaisbheart
ach na bheireatffi saothair an'lamb
fein d’an ionnsaigh, Uime sin, ged
nach robh iad air am buaireadh le
or is maoin air t-saoghail seo, bha
aca na bha ’gan riarachadh gu 10
mhath gun a bhith ann an eisimeil
duine no duthaich sam bith fo’n
ghrein. Ma bha am beo-shlaint’
’gan cumail saothrachail bho mhoch
gu dubh, bha barrachd agus obair
an lamhan a faotainn an aire.
Cha smaoinicheadh neach air
gniomh no cuirean a dheanamh gun
cheol gun duanag a dhol ’na chomh-
dhail air gach car agus twnndadh.
Faodaidh sinn a radh mu’n deidhinn
mar linn nach robh greim a’ dol
’nam beul no snaim mu’n druim
ach na bha air a dheanamh ri ceol.
B’e siud an sebrsa saoghail anns
an do rugadh am bard.
OHIODH Uilleam Ros ’na
1J chnapach beag nuair a chaidh
an Sasannach mdr agus an sgrio-
bhaiche ainmeil. an t-Ollamh
Le TORMOD DOMHNALLACH
Maclain seachad troimh an Ath-
leathann air a thurus do na
h-Eileanan a dh’fheorach mu
bhardachd Oisein. Foghluimichte
is mar a bha an t-Ollamh Maclain
cha do dh’fhag e aon ealaidh ’na
dheidhinn anns a bheil uiread de
fhior spiorad na bardachd ’s a tha
anns a’ chuid as fearr de dhain
Uilieim.
Bha sinnsireachd Uilleim Rois
air feadh an Eilein Sgitheanaich
bho chionn iomadh linn. Bhuineadh
e do aon de na teaghlaichean cho
sean ’s a bha anns an aite.
Thainig a mhathair a Gearr-loch
an Siorramachd Rois. .Bu nighean
do Iain MacAoidh am Piobaite Dali
a bha innte. ’S e fear-ciuil ainmeil
a bha anns a’ Phiobaire Dhall.
Ihog e foghlum na piobaireachd
bho na piobairean cliuiteach, Clann
MhicCruimein. Nuair a bha e fo
an teagasg choisinn e meas agus,
urram a cho-oileanach leis an alt
iongantach a nochd e air cluich na
pioba. Tha MacCoinnich ag innse
dhuinn gu robh eadhon port aig aon
de Chloinn MhicCruimein air leth-
dheanamh, air nach b’urrainn dha
crioch a chur, agus gur e am
Piobaire Dali, nuair a bha e fathast
’na oileanach, a chuir crioch air.
I’.’e sin am “ Port Leitheach.”
Chan e mhain gu robh Iain
MacAoidh ’na shar fhear-ciuil, ach
thaisbean e fior chomasan bardachd
mar an ceudna. Tha an aireamh
bran a dh’fhag e ’na dheidhinn a’
dearbhadh sin gu soilleir. Anns na
h-earrannan a leanas. cha b’urrainn
ogha, Uilleam Ros fein, barr a
thoirt air:
’S ann o na cinnidhean nach fann
Thainig an bigh as glaine ere,
Gruaidh chorcair agus rosg mall,
Mala chabl, cham, ’s cul reidh.
Tha h-aodann geal mar a’ chailc,
’S a corp sneachdaidh air deagh
dhealbh,
Maoth leanabh le gibhtean saor,
Air nach facas fraoch no fearg.
Tha slios mar eala nan sruth,
’S a cruth mar chanach an fhebir.
Cul cleachdach air dreach nan teud.
No mar aiteal grein air or.
Bu chebl cadail i gu suain,
’S bu bhuaehaill’ i air db-bheus;
Coinneal sholuis feadh do theach,
A’ frithealadh . gach neach mar
fheum.
Gu meal thu fein t’ur-bhean bg,
A Thriath Ghearr-loch nan corn fial.
Le toil chairdean as gach tir,
Gu meal thu i ’s beannachd Dhia.
Puinidh na rainn seo do’n bran
“ Beannachadh Baird do Shir Alas¬
dair MacCoinnich, Triath Ghearr-
loch, Air Dha Nighean Tighearna.
Ghrannd A Phbsadh.” Tha snas
agus grinneas deilbh an brain a’
toirt priomh aite do’n Phiobaire
Dhall am measg nam. filidh as airde
cliu. Mar sin, chan ’eil e iongan-
tach ged a bhiodh buadhan a
sheanar ’gan nochdadh fein an
Uilleam Ros. Thug e fior spiorad
na bardachd, mar a chbir-bhreith,
a" steach do’n t-saoghal.
Do bhrigh ’s nach robh sgoil
fosgailte anns an duthaich a bha
toirt seachad ard-fhoghlum nan
canainean eile, dhebnaich parantan
Uilleim dol a dh’fhuireach air son
beagan bhliadhnachan do Fharrais
a chum ’s gu faigheadh e fein agus
a phiuthar tomhas cuibheasach de
fhoghlum an latha. Am feadh a
bha e san sgoil. dh’fhoillsich e toil
is toighe mhor an geall air eblas
agus gach gne theagaisg buannach-
dail. Leis an adhartas a rirm e
san ionnsachadh, tharraing e d’a
ionnsaigh gradh agus meas a’
rnhaighstir-sgoile, a dh’aidich nach
robh am measg nan oileanach a bha
fo a churam aon aig an robh
meomhair agus breithneachadh
Uilleim Rois.
R,i Uantaiun
NOTES AND COMMENTS
(from p. 66)
An Comunn Badges
IJIfE may not all have a figure for
* * the kilt nor the money to buy
an outfit—extraordinarily expensive
at present, we understand—and in
any case the wearing of the kilt is
no” longer a distinctive mark of the
Highlander or Gael. The official
badge of An Cotnunn is, however,
distinctive and unmistakable, and
members are informed that supplies
are now available and may be had
from the Treasurer, Mr. J. T.
Graham, C.A.. 5 St. Vincent Place,
Glasgow, C.l, price 3/6 (or, by
post, 3/9).
Culloden Memorials
lytR. ALEX. N. N1COLSON,
^ * Secretary of the Gaelic Society
of Inverness, custodians of the
memorials on the battlefield of
Culloden, appeals for funds for the
upkeep of these memorials. A simi¬
lar appeal 27 years ago brought in
sufficient money to restore these
memorials (at that time in a
neglected condition) and leave a
balance which has been used for
upkeep and the payment of a
art-time caretaker. Rising costs,
owever, necessitate an increased
income for this purpose. Contribu¬
tions should be sent to' Mr. Nicolson
at 28 Queensgate, Inverness.
69