Skip to main content

‹‹‹ prev (367) Page 15Page 15

(369) next ››› Page 57Page 57

(368) Page 16 -
An Gaidheal Og
SGEULACHD A UIBHIST
Altachadh A’ Bharraich
Ochionn bhliadhnaichean bha fear a’
fuireach anns a ’ Bhaile Shear ris an canadh
iad ‘ ‘Am Barrach. ’ ’ Bha e fhein, a bhean
is an teaghlach a’ fuireach ann an taigh beag
tughaidh ann am meadhoin a’ bhaile. Chan
’eil cho fada idir o’n a bha e ann, oir tha a’
bhathach is na taighean beaga eile a bha aige
suas fathast.
Tha e coltach gu robh iad uile deidheil air
buntata.
Aon latha mu dheireadh an t-samhraidh no
mu thoiseach an fhoghair smuainich Domhnall
—oir is e sin an t-ainm a bha air a' Bharrach—
gun rachadh e sios do’n mhachair feuch am
faiceadh e ciamar a bha am buntata a’ fas.
Leis cho math is a bha am buntata air fas
smuainich e gun togadh e na dheanadh dinneir
dhaibh.
Nuair a rainig e an taigh chuir a bhean am
buntata ann am poit agus chuir i air an teine i.
An ceann greise bha am buntata bruich; thog
a bhean air truinnsear e; ach cha robh duine
ri meoir a chur air gus an deanadh am Barrach
altachadh.
Shuidh a h-uile duine a bha a staigh mu’n
bhord, dhuin am Barrach a dha shuil, agus
thoisich an t-altachadh, agus tha e coltach
gu robh an t-altachadh rud beag na b’fhaide
na bu choir dha a bhith. An uair a dh’fhosgail
am Barrach a shixilean cha robh ni sam bith
air a’ bhord ach an truinnsear is na ruisg.
Thoisich an duine bochd air guidheachan
do’n mhnaoi is do’n teaghlach. Thubhairt e,
mur am bitheadh gu robh e mor leis, gun
cuireadh e a mach as an taigh iad.
Riamh an deidh sin, an uair a bhitheadham
Barrach ag altachadh, cha robh e diinadh ach
aon te de a shuilean.
J. M. D.
(Sgoil Phaibil).
Litir Eachainn (bho t.d. 15)
dhag (dh’fhag) iad seann bodach (bhodach)
na (’na) curam. Thuairt (Thubhairt) am
bodach rithe, ‘Tha e ri cur moran ioghnadh
(ioghnaidh) oirt (ort) nach ’eil a (a’) mhin
anns a (a’) chisde ri dol a (an) lughad. Na
cur (cuir) an fhallaid air ais do’n chiste agus
theid a (a’) mhin a (an) lughad.’ Rinn ise
mar a dh’iarr e agus chaidh a (a’) mhin a (an)
lughad. Thainig na sithean (sithichean) a
steach agus thuairt (thubhairt) i riu. ‘Chaidh
(chaith) a (a’) mhin, tha mi mise saor.’
“ ‘Chan b’ann le do thoil fhein a chaidh a
(chaith a’) mhin,’ ars (arsa) iadsan; ach
thus’ (thusa) a bhroinean (bhroinein) bhochd,
ma thainig crioch a (an) latha so, thainig
crioch do latha sa (latha-sa)! ’ Mharbhadh
esan, agus fhuair ise saor. A (A’) chlann a
dh’fhag i aig an tigh, bha iad a nise (nis) nan
(’nan) seann daoine, agus cha robh i fhein dad
na b’aosda.’ ”—Bhur Car aid Dileas,
Eachann MacDhughaill.
Fo’n Eallach {bho t.d. 13)
cuid anns a bheil sia puinnd, agus, ma bha iad
maith aig na Scarpaich, dheanadh iad eadar
da phunnd gu leth is tri puinnd an ceann. ’ ’
“Stad gus an dean mi suas a’ chunntas
phunnd,” arsa Bus-dubh. “Abair tri puinnd
am fear, agus a dhci-dheug san dusan—sin
agad sia puinnd dheug ar fhichead—agus a
cheithir uibhir deug eile: fill iad ceithir
uairean deug—is e sin, coig ceud punnd agus a
ceithir! ’ ’
“Agus cuimhnich am bocsa, a chuilein,”
arsa Blaran.
“Ged nach biodh bocsa mhaidseachan ’nan
coir bha eallach aige. An deanadh duine
bed a leithid ? ’
“O dheanadh, is rinn, a chuilein; ach
cuimhnich thusa an rud a tha mise ag radh
riut-—na feuch thusa gu brdth ri a Leithid a
dheahamh! ’ ’
Luinneagan {bho t.d. 14)
CO DHETH THA BALAICH BHEAG
DEANTA?
(What are Little Boys made of?)
Is co dheth tha balaich bheag deanta?
Sreangannan is tairnean,
Piosan iarainn ’s leathair,
Aran coirc is eorna,
Pros is lit is feamainn,
Spuicean puill is tearr-a’-ghuail,
Luchain agus seileanan,
Seilcheagan is smiiir is luath,
Eigheach, bragail, ’s peileirean
Is ann dhiubh siud tha balaich bheag deanta.
Is c6 dheth tha clann-nighean bheag deanta?
Ribeanan is sioda, griogagan ioma-dhathach,
Lilidhean is rdsaichean, mil is cndthan agus
bainne,
Orainsearan ’s ubhlan, siucair is aran-cridhe;
Nach beag a nis an t-ionghnadh
Chlann-nighean bheag bhith cho milis!
Is ann dhiubh siud tha chlann-nighean bheag
deanta.