Skip to main content

‹‹‹ prev (345) Page 41Page 41

(347) next ››› Page 43Page 43

(346) Page 42 -
€aoilto Agus Am Fuamliair
Le TORMOD DOMHNALLACH
(Air a leantainn bho Aireamh a’ Ghearrain, t.d. 26)
“Tha am fuamhair Tosg air
tighinn a nail a Sorcha an de,
agus is mor an taig a tha aige
bhith dol ann an comh-fharpais-
ruith ris an Fheinn. Chan ’eil
duine air an t-saoghal cho luath
ris. Thainig Tosg tri uairean a
thoirt diibhlan do’n Fheinn agus
gach uair dhiubh sin chaidh aon
mu seach de na diimlaoich as
luaithe a tha agamsa a mach a
thoirt deuchainn-ruith dha, ach
mus deach an ruith ro fhada air
adhart chaidh aig Tosg air an cur
fo dhuatharan air a leithid de
dhoigh is gun do gheill aon an
deidh aoin dhiubh gu tubaisteach
do a chuilbheartan is chaill iad a’
bhuaidh.
“B’e Oscar a chaidh a mach le
Tosg an toiseach. ’S e latha
briagha a bha ann anns an Og-mhios
Shamhraidh. Bha a’ ghrian gu
meadhrach an airde nan speur, an
iarmailt gun sgoth oirre, agus
coileach-an-teas gu boillsgeil a’
dol eadar thu is gach fa ire
ghuirm.
“De is ceann-uidhe dhuinn?’’
arsa Oscar. “Bithidh ar ceann-
uidhe mu thuath,’’ fhreagair Tosg.
“De cho fada tuath?”
dh’fheoraich am fear eile.
“Cho fad ’s a leigeas fairge,”
ghlaodh Tosg.
Ann an sin thoisich an ruith, is
b’e sin an ruith!
Nuair a bha na suinn a’
teannadh dlhth ris an abhainn sin
shlos (abhainn Chill Mhartainn),
bhuail tart anabarrach Oscar is air
dha a ruigheachd chaidh e air a
bheul-fodha air a bruaich is
thbisich e ri 61.
Air dha a shath 61, mhothaich e
do th6rr cruinn de shligean-
madaidh an grunnd na h-aibhne
agus bhuail ’na inntinn gum biodh
corra iomha (neamhnaid) bh6idh-
each am broinn na bha ann an
siud de shligean. An sin chaidh
e steach do’n uisge is theann e ri
togail nan sligean-madaidh is air
am fosgladh a’ sireadh nan iomh-
achan is dhi-chuimhnich e gu tur
fcith an turuis air an robh e.
Thug e uine mhor mar siud a’
sealltainn air son iomhachan, ach
cha d’fhuair e ach aon a mhain.
Am feadh agus a bha e car greis
ag amharc na leug ’na bhois,
thachair gun do thog e a shuil
thun na h-aird a tuath agus co
a chunnaic e a’ tighinn ’na dheann
dearg ach gum b’e Tosg is e air an
ceann-uidhe ruigheachd agus
tilleadh. Cho luath ’s a rainig e
Oscar rinn Tosg biirt-mhagaidh
dheth air son gun do chaill e an
latha.
An ceann iiine ghoirid an deidh
siud thainig am fuamhair a rithist
air son dol ann an comh-fharpais-
ruith ris an Fheinn. An uair seo
chaidh Goll a mach leis.
“De is ceann-uidhe dhuinn?”
arsa Goll.
“Bithidh ar ceann-uidhe mu
thuath, ’ ’ arsa Tosg.
“De cho fada tuath?” dh’¬
fheoraich Goll.
“Cho fad ’s a leigeas fairge, ”
fhreagair am fear eile.
Le seo a radh, thoisich an ruith
is b’e an ruith i da-rireabh.
MU leitheach slighe, am feadh
’s a bha Goll a’ sior dhol
ann an spionnadh, de a chual
e ach an ceol bu bhriagha ris an do
dh’eisd e riamh.
Thhladh an ce61 an iolair bho’n
lach, an d6bhran bho’n bhreac,
agus thhlaidh e Goll cho mor is
gum b’eiginn dha seasamh far an
robh e agus cas chan fhaigheadh e
air son ceum a thabhairt a Ihrach
nam bonn. Ann an sin fein shuidh
e air tolman fraoich air a shior
thaladh gus na dhi-chuimhnich e
an turus air an robh e.
An ceann deagh ghreis, ged
nach do shaoil Goll fada e, scad an
ceol. Ann sin thog Goll a shhil
ris an bird a tuath agus co a chun¬
naic e a’ tighinn bho thuath le
luathas an uamhais ach gum b’e
Tosg is e air an ceahn-uidhe
ruigheachd agus tilleadh. Nuair a
rainig am fuamhair e rinn e burt-
mhagaidh dheth air son gun do
chaill e cho leibideach an latha.
An treas uair thainig Tosg air
son dol ann an comh-fharpais-
ruith ris an Fh6inn, agus an latha
seo chaidh Daorghlas a mach leis.
Nis, is e Daorghlas an sealgair as
fhearr agus an t-aon as luaithe a
tha anns an Fheinn air fad, agus
mar sin bha ar d6chas uile an taic
ris air son na buaidh-laraich.
"D6 is ceann-uidhe dhuinn?’’
arsa Daorghlas.
“Bithidh ar ceann-uidhe mu
thuath, ’ ’ arsa Tosg.
“De cho fada tuath?”
“Cho fad ’s a leigeas fairge,”
ghlaodh am fuamhair.
An sin th6isich an ruith agus
b’e sin an ruith! Bheireadh iad
air a’ ghaoith luath Mhart a bha
air thoiseach orra, agus a’ ghaoth
luath MMrt a bha air dheireadh
orra cha bheireadh i orra! Am
feadh a bha iad a’ dol troimh
bugha luachrach, de a dh’eirich
air thoiseach air Daorghlas ach gum
b’e am fiadh bu sgoinneile a chun¬
naic e bho chionn iomadh bliadhna.
MAR shealgair math, cha
b’urrainn Daorghlas ach
seasamh ’ga amharc agus an
sin thug fear na croic a mach, a’
deanamh air Beinn Eadra agus siud
Daorghlas ’na shinteagan ’na
dheidhinn.
Bha Daorghlas a’ ruag an
fheidh fad na corr de’n uine bho
bhealach gu bealach, bho chnoc gu
cnoc, is bho chiiil gu cixil, gus mu
dheireadh thall an do rinn am
fiadh air a’ bhugha luachrach
bho’n do dh’fhalbh e.
Am feadh a bha Daorghlas a’
dluthachadh ris an aite sin,
dh’amais e air sealltainn uaithe
ris an aird a tuath agus co a
chunnaic e ann an siud a’ tighinn
le leideag is ceum is leum ach gum
e Tosg agus e air an ceann-uidhe
ruigheachd agus tilleadh.
Cho luath ’s a thhinig Tosg
far an robh e rinn e biirt-
(An cbrr air t.d. 44)
Executive Council (from p. 41)
revenue and expenditure con¬
nected with the Mod and submit
the statement to a specially
convened meeting of the Mod
Local Committee for approval.
This obtained, the Mod Local
Committee shall be d;ssolved’. ’ ’
This motion was rejected.
Mr Donald Thomson’s motion to
delete Bye-law 7 and substitute
a new Bye-law was rejected.
In the absence of Mrs Macphail
Holt, Mr Donald Thomson moved
the motion of which she had given
notice, but there was no seconder.
Mr Angus Maclver and Mr Donald
Thomson gave notices of motion for
consideration at next meeting.
Tlie next meeting was fixed for
24th March, 1950, at 6 p.m. in
Glasgow.
Mr Donald Thomson asked that
a committee be appointed to con¬
sider the Constitution and Rules of
the Association. On the suggestion
of the President it was decided to
remit this matter to the Advisory
Committee for report to next
meeting of the Council.
It was agreed that a notice should
appear in the February issue of An
Gaidheal, inviting subscriptions
towards a testimonial to Mr
Alasdair Matheson, who had been
Assistant Secretary for fourteen
years—the closing date to be 17th
March.
A vote of thanks to the Chairman
terminated the meeting.
— 42 —