Skip to main content

‹‹‹ prev (310) Page 18Page 18

(312) next ››› Page 20Page 20

(311) Page 19 -
Aii Tail'll Dulili
Le SEUMAS MACTHOMAIS
(Chaidh an oraid seo a liubhart air an Radioi
ANNS an linn a dh’fhalbh b’e
an taigh dubh dachaidh a’
mhor-shluaigh anns a’Ghaidh-
ealtachd agus anns na h-Eileanan
an lar, agus re iomadh linn air ais
cha robh eplas aig an tuath-
cheatharna air a’ chorr. Faodar
a chreidsinn nach ann gun aobhar
a lean an sluagh iiine cho fada
buidheach le aitreabhan nach robh
aon chuid sgiamhach no goireas-
ach. Dh’fhSs ginealach an deidh
ginealaich suas anns na dachaidh-
ean seo gun mhoran atharrach-
aidh no leasachaidh dheanamh
orra. Car son ?
Bha an taigh dubh farasda a
chur suas, agus saor r’a thogail—-
da ni a bha do-sheachnaichte
feumail do shluagh nach robh
riamh saidhbhir ann am maoin an
t-saoghail. Agus, a thuilleadh
air sin, b’e lagh a’ Ghaidheil nach
tug ni hr no annasach uair air
bith bhrr air na seann nithean air
an robh iad eolach. An rud a
riaraich na sinnsirean, car son
nach biodh an t-hl 6g buidheach
leis ?—lagh leis nach tig piseach
air luathair.
Ach bha aobhar eile a chuir
adhartas fo chis. Cha robh coir-
sheilbh nan Gaidheal air an
fhearann no air an dacjiaidhean
ro chinnteach dhaibh anns na
seann laithean, agus, gus an tug
Achd nan Croiteirean anns a’
bhliadhna 1886 coir chinnteach
dhaibh, bha iad toilichte fasgadh
a ghabhail anns na dachaidhean
bochda a bha aca o bhliadhna gu
bliadhna. O’n latha ud thoisich
iad a’ togail thaighean na b’fhearr
agus na bu chomhfhurtaile anns
gach doigh, gus an tainig an linn
a tha againn a nis—linn nan
taighean geala.
Suarach an uine tuilleadh gus
nach fhaicear taigh dubh le cagailt
bhlcith agus le comhlan de chloinn
oig, shona a’ fhs suas ann. Tha
iad ’gam eisdeachd an nochd a
dh’hraicheadh ann an dachaidh
de’n t-seorsa seo, agus leis am bu
mhithich ath-chuimhne a bhith
aca air Ihithean an 6ige agus an
sonais—air a’ chuideachd a bha
leotha anns a’ chlachan, an dhimh
’s an carthannas a bha an dluth
’s an cur an naduir, an coibhneas
agus an fhialaidheachd leis am
failticheadh iad am- fear-tadhail,
an dilseachd, an iochd agus an
cridhealas.
Dh’iarrainn anns an iiine
ghoirid a th’agam carragh-
cuimhne a chur suas air an taigh
dhubh air son dk aobhar:
An toiseach, gu bhith ag
cumail bed ainmean a tha co-
cheangailte ris an aitreabh fhein,
agus ris an acfhuinn oibreach
leis na choisinn an luchd-kitich
an teachd-an-tir.
Agus a rithis, gu bhith
deanamh ge&rr iomradh air
subhailcean na muinntir a
dh’&raicheadh ann.
GED ma dh’fhaoidte nach robh
an taigh dubh maiseach ann
an suil coigrich, bha a
dhreach ’s a chumadh co-fhrea-
gradh ri sealladh is cumadh na
tire, direach mar gum fhsadh e
mach a slios a’ chreagain air an
robh e ’na sheasamh. Bha e
daonnan seasgair, neo-ghluasa-
dach, air a thogail gu bonnchar
le dachairean turail, lamhcharach
a’ chlachain fhein a bha uasal
a obair an Ihmh. Anns an latha
ud cha robh baile gun luchd-
ceciirde.
Bha dk ni sdnraichte anns an
t-sealladh ann a bhith roghnachadh
larach an taighe—an robh e
goireasach do’n rathad mh6r,
agus an robh e fasgach ri am
gaillinn. Fhad ’s a bhiodh
fasgadh ann ri £m an fhaoillich
agus aghaidh an taighe faisg air
rathad an righ, eireadh a’ ghrian
far an togradh i! Cha robh uidh
mh6r ann an gathan fallain na
greine, no ionndrainn orra.
Bha an taigh air a chumadh
air a leithid de dhdigh ’s gun
sitheadh a’ ghaoth bu chruaidhe
sheideadh dheth mar a bhuaileadh
i air. Bha na ballachan iosal
agus leathann air an togail le
clachan cladaich no talmhainn
agus le troighean de ghlutadh
eadar an da bhalla. Le tighead
an tughaidh troimh .nach fhaigh-
eadh gaoth no sileadh an uair a
bha e air gabhail aige gu math le
lion is sioman is acraichean, bha
mullach an taighe cruinn, air
siaradh o gach cekrnaidh.
Spionadh a’ ghaoth na cnuic as
an aite mus gluaiseadh an taigh-
dubh. ’Na bhroinn bha blaths is
seasgaireachd. Bha tallain
chloiche no fiodha a’ roinn an
taighe ’na sheomraichean. B’e
a’ chiilaist an t-&ite cadail, agus
an teine le a ghealbhan math
monadh am meadhon an lair
kite na h-oibreach agus na cuid-
eachd, aite a’ bhlaiths agus a’
charthannais.
Cha robh airneis an. taighe
air a chiallachadh air son daoine
diomhain, toigheach air fois is
socair. ’S e sgios na h-oibreach
a dh’fhagadh a’ bheing dharaich
socrach air son cadal-cekrnach.
A thuilleadh air leapannan, being,
s6is, stiiil, is dreasair, bha
cisteachan mine agus aodaich,
biiird is cathraichean cruaidhe,
loinnireach anns gach taigh.
Cha robh gainne, mar bu
trice, air goireasan eile ri Ihimh an
fhir oibreach. Bha 16ban ann gu
gleidheadh sll, ciosan air son
mine, coidhean air son ime,
noigean gu cumail bainne, muidhe
no biota air son barra, loinid is
roineachan, cuach shiucair agus
spainnean air dheagh liomhadh.
Bha cuibhle ann gu sniomh,
cardan gu cireadh, cuigeal gu
toinneamh, crois iarna, liathra
gu tachrais an t-snath, spkl gu
fighe. Cha robh ni a bha feumail
air son calanais nach fhaighte.
Bha acfhuinn aitich is buain
is iasgaich anns gach dachaidh—
spaidean is gr&pa, cliath is corrain
is speal, toirsgian is cliabh; agus
innealan iasgaich de gach seorsa,
lion beag, lion mor, agus lin
sgadanach.
II.
IS iomadh duine uasal agus
bean uasal a thogadh anns an
taigh dhubh. Dh’fhoghluim
iad o’n 6ige a Bhith toilichte le’n
staid. Cha robh maoin an
t-saoghail ’na eire thruim orra.
Fhad ’s a bhiodh a’ chiste mhine
Ikn agus bunthta anns an t-sabhal,
iasg air sioman agus sgadan anns
a’ bharaille, caoraich a’r sliabh,
crodh-laoigh air an todhar, no
cearc air spiris, thugadh an
sporan Taigh Iain Ghrot air!
Bha iad neo-eisimeileach air
sluagh an t-saoghail a thaobb
bldh, aodaich, agus connaidh.
Chuir iad gu ire an connadh a
bha saidhbhir mu na dorsan aca.
Rinn iad aodach de chloimh nan
caorach aca fhein. Chireadh is
chiirdadh, shniomhadh is dh’fhigh-
eadh iad mu’n chagailt na dh’
fheumadh iad. Dheanadh
griasaiche a’ chlachain cas-
bheairt geamhraidh dhaibh, agus
chaomhnadh craiceann nam bonn
an c6rr.
Dh’fheitheadh iad ri bhith
sona, agus b’e an obair Ihitheil
mar bu trice am fearas-chuid-
eachd, agus b’e comunn a ch^ile
am miann. Cha robh uine aca
air son fadal altruim. Nuair a
bhiodh saothair an latha seachad,
bha an taigh-c6ilidh fosgailte do
gach neach leis am b’kill a
thadhal. Nuair a chruinnicheadh
an luchd-ceilidh mu’n teine air
oidhche gheamhraidh chan
fhairichte an uine fada. Bhiodh
na bodaich a’ deanamh ath-
luaidh air na seann Ikithean, ag
(An cbrr air t.d. 26)
— 19 —