Skip to main content

‹‹‹ prev (267) Page 43Page 43

(269) next ››› Page 175Page 175

(268) Page 44 -
An Gaidheal Og
Litir Eachainn [bho t.d. 43)
dorus a’ mhuilinn bhig” a bu fhreagarraiche an
seo. Bha cuid a litrich ‘ ‘muileann ’ ’ mar gum
b’e “mullan” a bha ann. Bha bean a’
mhuilleir a’ tarraing as the burn, cha b’ann as
an tobar no as a’ ghlumaig, ged a dh’fhaodadh
e bhith gu robh “glumag’ ’ ahns an t-sruth gun
teagamh far an robh i a’ togail an uisge, oir is
ann far an doimhne an t-uisge ann an sruth
daonnan a bhiotar a ’ togail lan na cuinneige as.
Feumar, ged tha, am facal a ghabhail mar a
tha e againn, agus, le sin, is e “ allt ” no “ sruth ’ ’
a dh’fheumar a chur sios. Cha mho a tha took
to her heels ag ciallachadh gun do theich i
dhachaidh. Dh’fhaodadh a teicheadh a
bhith gu aite tearainte sam bith, ged nach
b’ann dhachaidh. Dheanadh “thar i as” no
‘‘thug i na buinn dhi” an gnothach, ceangal-
fhacal a tha ro-mhath mar ghnaths-cainnte,
mar a chuir moran de’n chloinn e. Ach bha na
h-uiread a fhuair an sarachadh leis an ruith-
fhacal seo.
Bha aon a sgriobh ‘‘an do-tair” mar so, is
aon no dha a chuir sios ‘‘an t-ochtair.” Tha
mi daonnan a’ toirt fainear gu bheil na h-uiread
nach ’eil a’ tuigsinn far an coir gada-ceangail
a chur an deidh na litir “t,” mar anns ‘‘an
t-uan.” Bha cuid a sgriobh ‘‘t-eine” an aite
‘ ‘ teine, ’ ’ agus mearachd ’ga dheanamh ann am
facail eile de’n t-seorsa seo. Agus chi mi
air uairean cromag air a cur an aite gada-
ceangail an deidh na "t,” mar ‘‘an t’uan.”
Tha aon doigh anns a bheil e ceart cromag a
chur an deidh na “t.” Gabhaibh beachd
air na facail seo, ‘‘thog Iain an t-uan agus
thubhairt e. ‘Aneseot’uan-sa, a Sheumais?’”
Aon sam bith nach 'eil a’ lan-thuigsinn ciod a
tha mi a’ tighinn air, sgriobhadh e chugam.
GUN teagamh sam bith is e stranger a tha
ann an ‘‘Gall,” ach chan e ‘‘Gall” a tha
daonnan ann an stranger. Mar a bha e air
a chur ann an leabhar-taibse a bha agam fein
anns an sgoil, ‘‘is e creutair da-chasach a tha
ann an giadh, ach cha ghiadh gach creutair da-
chasach!” Is e ‘‘coigreach” am facal is fearr
gu a chleachdadh an seo, eadhon ged a theireadh
iad ruibh mar a thubhairt a’ bhan-Leodhasach,
‘‘Nach tusa a tha air fas Gallda an uair is e
‘coigreach ’ a their thu ri stranger! ’ ’ Bha is e
cho math ris an te a bhuineadh do’n eilean
d’am buin mi fhein an uair a bha i ag radh cho
Gallda ’s a bha aon araidh a bha an siud an
uair is e ‘ ‘coire ’ ’ a theireadh e ris a ’ cheatal!
Chan e ‘‘blaths” uile gu leir a tha ann an
heat. Is e “teas” a tha ceart; is e warmth as
dluithe air “bl&ths.” Beachdaichibh air
“blaths na leapa” is “teas an teine.”
Is e “das” an teine a chuir balach Ileach
sios; agus tha aobhar is ciall domhain a chuir
gun deanadh e sin. Is e sgoilearachd a tha anns
an ni neonach seo a mhineachadh, seadh, mar
a tha “d” air a cur an aite “1” leis na h-Ilich,
agus nas fhaide na a thoirt fainear cha teid
mise nas doimhne anns a’ chuis an drasd,
co-dhiubh, nas fhaide na thoirt fainear gu
bheil an “d” an aite “1” r’a fhiosrachadh an
canainean eile cho math ris a’ Ghaidhlig, no
maille ris a’ Ghaidhlig; agus cha ni e gu
fochaid a dheanamh orrasan a chleachdas aon
seach aon dhiubh.
Tha sin, ma ta, ag cur criche air
paipearan-ceasnachaidh na bliadhna seo; agus
dh’fhaodainn a radh gu bheil mi lan riaraichte
leo. Rinn sibh gle mhath. Is docha nach robh
an fheadhainn a b’fhearr am bliadhna cho
fior mhath ris an fheadhainn a b’fhearr an
uiridh; ach bha an fheadhainn a b’fhaide
shios gu math air thoiseach air an fheadhainn a
b’fhaide shios an uiridh. Mar sin, leanaibh
oirbh, is ciod am fios nach ruig sibh coimh-
liontachd an iiine nach ’eil fada air falbh. Cha
robh aon do nach tug mi pass.—Bhur Caraid
Dileas,
Eachann MacDhughaill.
RANNAN BHO’N BHEURLA
Ghabh mi beachd le mo shixil
Air Iain Horner sa’ chiiil
’S e ’g ith maraig air feasgar Nollaig.
Shin e ordag a steach,
Spion e dearcag a mach,
’S thubhairt e, “Chiall! Nach mise tha ri m’
mholadh! ’ ’
Seinnibh oran sia sgillinn,
Pocaid lan de rye:
Ceithir-ar-fhichead lon-dubh
Deasaicht ’ ann am pie:
Nuair bha ’m pie air fhosgladh,
’S ann sheinn na h-e6in gu binn:
Is nach b’e sin a’ mharag bhlasd’
Gu cur fa chomhair an righ!
Bha ’n righ anns an luchairt
Ag cun'ntadh mach chuid oir,
’S bha bhan-righ anns an t-seomair
’G ith aran ’s mil gu leoir;
Bha a’ mhaighdean anns a’ gharadh
Cur lion-aodach air rop—
Seachad thainig lon-dubh
Is sgob e dhi a sron.
(Rinneadh na rannan seo an Clas Gaidhlig
an Dun-eideann, New Zealand, an 1907, agus
chaidh an clo-bhualadh air tus anns an “Deb-
Greine”).