Skip to main content

‹‹‹ prev (264) Page 174Page 174

(266) next ››› Page 42Page 42

(265) Aireamh 11, Supplement - Gaidheal Og
AN GAIDHEAL 04»
MIOSACHAN COMUNN NA H-OIGRIDH
Leabhar I AN DUBHLACHD, 1949 Aireamh 11
An Trosg* Mor
Le GILLE-PADRAIG
NAM biodh agam slat is dubhan
Bheirinn sgriob a dh’iasgach;
Nam biodh agam slat is dubhan,
Rinn is gaine iarainn,
Bheirinn dhachaidh cudaigean,
Bheirinn dhachaidh ciadan,
Trosg is langa ’s ugsaichean.
Is tiugainn thusa a dh’iasgach!”
Bha Bus-dubh a’ seinn aird a’ chinn is e a’
tighinn a cheilidh air an tarbh. Ach chuir
Bl&ran clos air.
“Coma learn de do cheilearadh ort! Car son
nach dean thu air do shocair mun tog na
sidhichean thu? Cha do dhuirig mi fhein
nuallan a dheanamh o leugh mi iomradh air
Coma-Co-Dhiubh anns a’ Ghaidheal. Ma
thogas iad thu chan ’eil fhios nach ann an
Hiort a stadas tu, agus co chluinneas do chomh-
artaich an eilean Hirt? Cuimhnich thusa,
ged a thigeadh do Rob Bonn a bhith ag bran
cha tig sin cho maith do na h-uile fear. Ca
bheil thu dol an diugh, a thruaghain ? ’ ’
“Tha mi dol a dh’iasgach. Tha iad ag
radh gu bheil pris mhor air iasg, dubh is geal.
A bheil fhios agad de tha ann an trosg-creige ? ’ ’
“Tha mi an duil gur e leth-bhrathair do’n
mhuic-creige a tha ann, ach dh’fhaodainn a
bhith air mo mhealladh.”
‘ ‘ Abair a bhith air do mhealladh, a Bhlarain!
Chan ’eil anns an trosg-creige ach biorach air a
feannadh agus i ’ga reic anns na buthan anns na
bailtean mora. Is beag a tha dh’fhios aig
muinntir Ghlaschu gur i granndag a tha iad ag
itheadh agus duil aca gur e an trosg a tha aca. ’ ’
“Mas ann mar sin a tha, chan ’eil san trosg-
creige ach brathair-mathar do’n dallaig. An
uair a bha mise san Eilean Sgitheanach bhiodh
iad a’ dol a dh’iasgach an uair nach biodh an
corr aca a dheanadh iad.”
“Is e foidhidinn maith a ni an t-iasgach,”
arsa Bus-dubh.
“Cha dean a chaochladh e. Ach, nan
creidinn-sa na bodaich a bha rathad Ghleann-
dail, bha uair a bha an t-iasg cho gorach agus
gun tigeadh e air tir leis fhein. ’ ’
“Nam bu mhuc bu rud-eigin,” arsa Bus-
dubh.
“Car son muc?” arsa Blaran.
“Air son nach ’eil anns a’ mhuic-mhara
ach miol no braid mar thu fhein. Seo mar
a chuir an leabhar-sgoile dhomhs’ e: ‘Chan
’eil anns a’ mhuic-mhara ach ainmhidh blath-
fhuileach ’ ”
“Blath-shuileach! Nach i a’ Ghaidhlig
iir a tha lan-ghuthach! Ciamar eile a bhiodh
a suil ach bl&th?”
“Nach bitheadh cho fuar ri sixil na gaoithe ?
Ach ciamar a chaidh an t-iasgach leo san
Eilean ? ’ ’
“Thainig gille Gallda agus chaidh e a
dh’iasgach agus thill e gun deargadh aige
ach naidheachd an ‘fhir mhaoil gun fhalt’ aige
air trosg a chunnaic e. Chaidh rud-eigin an
sas agus thug e steach e gu reidh socair, mar a
dh’iarr an leabhar sin air, ach am bob! boidh!
cha luaithe a nochd an trosg mor na thill e
sios an taobh as an tainig e! ”
“Chaill e e,” arsa Bus-dubh.
“O! leig e oidhche mhaith leis,” arsa
Blaran, “agus an uair a bha e deanamh an
t-seanchais thuirt Alasdair Crotach, ‘De chaidh
cearr?’ ‘Dh’fhosgail e a bhial is leig e as an
dubhan, ’ arsa an gille Gallda! ’ ’
\«i Kaird (nliaidliealacli A
H’Aitline IMiomli
Le IAIN N. MACLEOID
7. Domhnall Maclomhair
RUGADH Domhnall Maclomhair, no
‘ ‘Domhnall Ruadh Phabail, ’ ’ mar a
chanadh iad ris, an sgire Uige an Leodhas
anns a’ bhliadhna 1857. Bha a’ Ghaidhlig
siubhlach an uair sin, mar a tha i an diugh, an
sgire Uige, agus an aite a’ chanain mhathaireil
a bhith ’na cnap-starraidh dha is ann a bha e
faicinn gach la a’ chuideachaidh mhoir a bha i
a’ toirt dha an cursa fhoghluim. Is'iomadh
uair a dh’aidich e fhein sin domh.
Bha e ’na mhaighstir-sgoile an Leumrabhagh
an sgire nan Loch agus am Breascleit an sgire
Uige, agus anns a’ bhliadhna 1896 chaidh e do
sgoil Phabail anns an Rubha, agus shaothraich
e gu soirbheachail anns an sgoil sin gus an do
leig e dheth a dhreuchd. Bha e glic, dlcheallach,
eifeachdach, mar fhear-teagaisg, agus bha
smachd agus iighdarras ’na chois an comhnuidh
anns an sgoil.
(An cbrr air t.d. 42)
— 41 —