Skip to main content

‹‹‹ prev (199) Page 125Page 125

(201) next ››› Page 127Page 127

(200) Advertisement -
(bho t.d. 125)
mhor ann. Bha sinn ag gabhail
sios sraid mhor na Tairbeairt an
aghaidh na gaoithe, an uair thug
sinn fainear gu robh coigreach ri
ar taobh, a’ bruidhinn ruinn:
“Nach sibhse cairdean
Chaluim?” arsa esan gu h-iosal.
Mu am b’urrainn duinn freagairt
a thoirt dha, thuirt e a rithist:
“Is ann as an Scarpa a tha mise
cuideachd. Is e mac dhomhsa
Calum. ’
A nis, dh’aithnich sinn co e—
athair Chaluim Dhomhnaill Oig—
Domhnall Og fhein—Hearach
laghach, cairdeil. Bha feusag
ghoirid, dhubh air, agus bha a
shiiilean donn agus dealrach, lan
toinisg agus coibhneis. An uair
bhruidhneadh e ribh, chuireadh e a
ghuala faisg air bhur gualain fhein,
shealladh e oirbh an clar an
aodainn, agus gach ni a theireadh e
ribh, bhitheadh ciall agus gliocas
ann.
Is mor am beud nach ’eil Domh¬
nall Og beo an diugh; gu dearbh,
is m6r, mor am beud.
CO dhiiibh, tha a’ chuid as
motha de na Gaidheil eolach
a nis air Calum fhein—air
Calum Dhbmhnaill Oig—air an
Urramach Calum MacGilleathain,
M.A., oifeagach foghainnteach leis
na Camshronaich anns a’ cheud
chogadh mhor, agus oifeagach
diadhaidh na h-eaglaise anns a’
chogadh mu dheireadh; foghlum-
aiche sonraichte an Oil-thaigh
Dhun-eideann, ministear na
Comraiche, agus a nis ministear
Drochaid Chonain, rathad Inbhir-
Pheofharain. Is mor am meas a
tha aig a shluagh fhein agus aig
a luchd-eolais air fad air Calum.
Choisinn e deagh dhiirachd nan
Ga idheal gu leir dha fhein—is
Calum a choisinn. Tha e a’
deanamh moran—bho mhadainn
Di-luain gu Latha na Sabaid—an
dk chuid air sgkth a -eaglaise agus
a r sgath a chanain, agus chan ’eil
a bhean laghach, thap'aidh,
fhialaidh a bheag ’na dheidh.^
Chan ionghnadh leinn idir, ma
ta, gun do choisinn nighean
Chaluim—ogha Dhomhnaill Oig—
an duals as airde agus an t-urram
as motha am measg nan lighichean
oga an Oil-thaigh Dhun-eideann
an latha roimhe. Seo an dealbh
aice—agus nach abair sibh gu bheil
i bbidheach, gu bheil i maiseach ?
Nach ’eil ailleachd air a h-aghaidh,
cho maith ri gliocas ’na ceann ?
Nach ’eil sibh a’ tuigsinn car son
a thuirt sinn gur mor, mor am beud
nach ’eil Domhnall Og fhein beo
{An ebrr air t.d. 136)
DR. UNA MACLEAN
Distinguished Medical Graduate
(See September Number, page 108)
By courtesy of ‘‘The Glasgow Herald”
The KILT . i .
OTILL retains its charm and
usefulness, and has a
greater appeal than any
other form of dress.
A Highland outfit by Thomas
Gordon is a combination of
fine quality materials and
the craft of the expert
tailor.
THOMAS GORDON
AND SONS, LIMITED
100 Cowcaddens Street
GLASGOW
Telephone: DOUglas 2066
XMAS GIFTS
LET’S SEE THE WEST HIGHLANDS
LET’S SEE THE ISLE OF SKYE
LET’S SEE THE NORTHERN HIGH¬
LANDS
LET’S SEE THE ORKNEY ISLANDS
All 64 Pages of Pictures
3/6 Limp ; 5/- Stiff Covers
LET’S SEE GLENCOE AND LOCH
LEVEN, 32 Pages, 2/-
No Tax on above
The SCOTTISH HIGHLANDS CALENDAR,
27 Views, Many in Colour, 3/2,
posted abroad 2/6
HIGHLAND VIEW GAELIC/ENGLISH
XMAS CARDS, all different, Six
for 5/- Postage on above,. 3d.
FROM
WM. S. THOMSON
3 CAMERON SQUARE
FORT WILLIAM
— 126 -