Skip to main content

‹‹‹ prev (186) Page 116Page 116

(188) next ››› Page 118Page 118

(187) Page 117 -
MOLADH UIBHIST (bho t.d. 116)
Ach nam biodh math’te dhomh sgiathan
Le comas reachdannan diadhaidh,
Gur mi gu sracadh an iarmailt gu deonach,
’S gu faighinn saors’ agus siochain
Air bheagan daors’ agus diachainn
An eilean braon-dhealtach ciar-dhaithte m’oige.
Gu faighinn slaint’ agus coibhneas,
Gu faighinn blaths agus aoibhneas,
An Uibhist ard-chorrach, oighreachd Chlann
Domhnaill,
An fhine bhuadhach neo-fhoill-chridheach
D’am bu dual a bhith saidhbhreachail
’S d’am bu shuaicheantas grinn-fhraoch na
mointich;
Buidheann gnuamha nam bratach
A bheireadh buaidh anns na batail
’S gum bu truagh fear an cearcall an torachd;
Guineach, eirbheirteach, bras-cheumach,
Ullamh, dahlia, neo-thais-chridheach,
Mar a dhearbh iad aig faich’ Inbhir Lochaidh.
7. Ach eilean uaine nan ard-bheann
’S e Uibhist chruachach a’ chaise;
Gur ann chaidh smuais bainne-mkthar ’nam
phoraibh;
Far ’m bi cuimhn’ air a’ Ghaidhlig
’S gun teid a cluinntinn gu brath ann
Cho fad ’s bhios tuinn a’ mhuir-lain feadh na
crdice;
Gu bheil de loinn ann ri aireamh
’S nach gabh e seinn ann an din dhomh,
Ged gheibhinn saidhbhreas ro-ird air son m’drain;
Eadar sgurrannan arda
Far ’m biodh na fulmairean sasaicht’
Gu aite tuinichidh a’ chri-gheoidh ’s na h-dban.
8. An t-eilean breac-loinneil greannmhor
'S am bheil a’ phiilte gun ghanntar,
’S e torrach, beartach le annlan ag cdpadh,
Gu lusach, dearcagach, planntach,
Gu duilleach, meacannach, feanntagach,
Corrach, bailc-shliosach, cam-bhusach, frdgach;
Tha sruthain thormanach, dhranndanach
Ruith le foirm feadh nan gleanntan;
Tha mullaich shorachanach bheanntan fo ched ann, •
’S tha gair aig eas-chas nan alltan
Air feadh nan creag-ghlas a’ dannsa
’S aig meud an cleas ag cur steall feadh nacdinnich,
9. Eilean braonach nan diinan
’S an robh na daoine nach cul-chaineadh,
’S fhad bho’n dhearbh iad an cliii anns gach ddigh
ann;
Bha iad earbsach gun diumbadh,
'S gun tug iad tearmann do’n Phrionns’ ann,
An uair bha armailt a’ Chriiin ag cur tdir air;
Bha iad ainmeil le ’n geur-lannan,
Cha robh cealgaireachd fhein annta,
Mar a dhearbhas an t-euchd a rinn Fldraidh;
'S cho fad ’s bhios seanachas ’ga leughadh,
’S cho fad’s bhios Alba ri cheile,
Gu faigh a h-ainm-sa gach leirsinn bu chdir dha.
10. Chi thu rdsan ro-bhuadhach ann
’S iad ag cdmhdach nam bruachan ann;
Chi thu ’n t-sdbhrach's an cluaran's an nedinean;
Chi thu seamragan snuadhmhor ann;
Chi thu sealbhag air cruadhlach ann,
Chi thu geala-ghucag shuairce nan Ion ann;
Chi thu fraoch agus luachair ann,
Lus nan laogh agus buadhghallan,
Chi thu caorannan uaine ann ’s a’ shorpunn,
Chi thu coirce ri bhuain ann,
. ’S gu faigh thu crotAl gu tuar ann,
’S tha mhil an copain bheag ruadh feadh an fhedir
11. Gheibh thu uachdar gu annlan ann
’S gheibh thu ’n cuaich bainne geamhraidh ann,
Toradh luachmhor neo-ghann a’ chruidh dig ann;
Chi thu buailtean fo ghamhn’ ann,
'S iad loireach, luath-chasach, fann-gheumach,
’S chi thu buachaill’ san t-samhradh ’gan crddhadh
’S chi thu cluainteagan fianaich ann,
Chi thu ruadh-chuiseag fhiadhaich ann,
Chi thu fuarain de’n fhior-uisg’ ion-redt’ ann,—
Deoch as uaisle na am fion e
’S e tighinn an uachdar bho’n t-siorr’achd aijn,
’S gheibh thu fuasgladh bho phian le bhith 'g dl
12. Chi thu aibhnichean beucach
A' tighinn ’nan deann-ruith le Geideabhal,
Greannach, dranndanach, dreineasach, tdiceach;
Cobhar ban air gach leum dhiubh,
Gu boinneach, g&ir-uisgeach, breun-ghuthach,
Linneach, dthanach, feitheanach, rdgach;
Buille is biiirean is fuaim aca
’S tuil a’ bruchdadh mu’m bruachaibh ann,
Sruthach, limn-ruighteach, cuartagach, grdcach;
’S iad ag giulan le nuallan
Gu mear a dh’ionnsaigh nan cuantan
Gach boinne dhriiidheas air guaillean nan ced-
bheann.
13. Chi thu traigh shleamhainn mheanbh-shligeach
’S chi thu dekrrsadh mar airgead i,
’S chi thu blath-bhilean fairge 'ga pdgadh;
Chi thu saothair nan garbh-thonnan
Ann an aodann nan sgarbachdan
Far na ghaoir iad bho’n aimsir aig Ndah;
Chi thu faochagan dealrach ann,
Chi thu laomannan carraigean ann,
Chi thu raontainnean arbhair is fedir ann;
Chi thu sgaothannan sgarbh ann
'S am bradan maol-cheannach tarra-gheal,
’S e ruith is sraon air bho fhairge gu mdintich.
14. Chi thu faoileagan ciar-cheannach
’S- iad ag glaodhaich ’nan ciadan ann;
Chi thu naoisg, lachainn riabhach, is gedidh anil;
Chi thu ’n crd-ghiadh san t-sialta,
’S an lacha-bhldr anns na feur-lochain
’S eala bhan ann 's i ’g iasgach le a sgdrnan;
Chi thu riarachadh pailt
Do na h-uile eun anns an ealtainn aiin,
Gheibh iad dion agus fasgadh do’m pdr ann;
Chan 'eil pian ’s chan ’eil airc ann
’S chan fhairich Criosdaidh an t-acras ann,
Fad 's bhios lionmhorachd bhreac air Loch Rdag.
15. Tha monadh luachrach fo chaoraich,
'S tha gnopain chruaidhe fo fhraoch ann,
’S tha machair uaine fo chraobhagan edrna;
’S chan ’eil teirce ri fhaotainn ann,
’S chan ’eil leisg air na daoine th’ann,
Ach gu freasgairteach, saothrachail, sedlta;
’S am baile beag Pheighinn-nan-aoirean
A chaidh mo chead a thoirt saor dhomh
’Nam leanabh breab-bhuilleach, caoin-shuileach,
dedghalach;
Is chan ’eil bad feadh an t-saoghail
A thogadh m’aigne cho aotrom
Is ann an caidlinn cho saor bho gach doltrum.
(An cbrr air t.d. 118)
- 117 -