Skip to main content

‹‹‹ prev (155) Page 27Page 27

(157) next ››› Page 95Page 95

(156) Page 28 -
An Gaidheal Og
An llrocli Slniil
Le EOGHANN M ACGHI LL-FH AOLAIN
IS iomadh cleachdadh iongantach agus
creideamh neonach a bha bitheanta ann an
duatharachd nan linntean a dh’fhalbh. Air
aon de na saobh-chrabhaidhean sin bha “An
Droch Shuil. ’ ’ An siud is an seo air feadh na
Gaidhealtachd bha daoine aig an robh “an
droch shixil,’’ agus cha robh each no mart no
creutair air bith eile a mhiannaicheadh iad
nach gabhadh galair seargach bais. Ach, air
a shon seo, chan fheum sinn a bhith smuain-
eachadh nach robh leigheas r’a fhaotainn do na
beathaichean truagha seo.
Thall ’s a bhos ann an cuiltean iomallach
de’n diithaich gheibhte cailleachan a chaith
greis de’m beatha anns an sgoil-dhuibh agus
do’m b’aithne geasan a chur a leighiseadh na
h-ainmhidhean. Cha robh Uibhist-a-Tuath
idir air dheireadh anns a’ ghnothach seo.
Aig bodach coir, air cnocan uaine feurach
air an Taobh-an-iar, bha mart nach robh a
leithid anns an eilean air fad. Co-dhiubh no
co-dheth, ’s ann a thainig a’ bho dhachaidh ann
an ciaradh feasgair samhraidh is coltas oirre
a bhith gle thinn, agus an aite loma-lain
cumain de bhainne beartach blath cha robh
aice air an oidhche ud ach lan cupain. Bha la
an deidh la a’ dol seachad agus, ged a gheibh-
eadh a’ bho na bha de dh’ola is de lusan leighis
ann an Innse-Gall, cha rachadh i mir na
b’fhearr, agus mar a bha an uine dol seachad
bha a sixilean a’ sior shioladh ’na ceann, a bian
a’ fas ceigeach tioram, is i gun liiths eirigh.
Bu mhor curam bean an taighe mu thimcheall
na h-aon bha, agus mu dheireadh, air feasgar
samhach Sabaid nuair a fhuair i a ceile air
falbh do’n eisdeachd, is ann a dh’ealaidh i air
a loman shocair a null gu taigh bana-charaid
sgileil aig an robh comunn ris an sgoil-dhuibh.
An seo dh’innis M6r a gnothach. Thubhairt i
gu robh amharus aice gur e an droch-shiiil a
laigh air a’ bhoin, agus gum biodh i fada an
comain Maireid nan deanadh i “snaithle” dhi
gun dail, feuch am faigheadh i dhachaidh mun
tilleadh Domhnall as an taigh-urnuigh.
THUG Mairead chuice ceithir no coig de
cheairlean snath de gach seorsa dath, agus
thoisich i air an toinneamh agus an suain-
eadh am measg a cheile is aig an aon am ag
gabhail rann neonach nach cuala Mor a leithid
riamh. Nuair a bha am figheachan sia no
seachd de dh’oirlich air fad chriochnaich i e
agus shin i do Mhoir e ag radh.
“Seo a nis, gabh dhachaidh, agus, cho luath
’s a ruigeas tu, ceangail seo mu earball na ba,
agus theid mise an urras nach bi i fada gun
fhaothachadh fhaighinn. Ma thachras nach
leighis seo gu buileach i, thig a rithist agus ni
mi snaithle eile dhuit. ’ ’
Chuir Mor a h-aghaidh air an taigh, a leth
shuil air an rathad a bha fo casan is an t’eile
air an fhrith-rathad chun an taigh-urnuigh,
agus an snaithle ann an greim bais ’na laimh,
falaichte fo sgod de a h-aodach.
Cha bu luaithe rainig i dhachaidh, is a
h-anail an aird a cleibhe, na rinn i mar a dh’iarr
Mairead, agus an sin thug i an taigh oirre feuch
an ullaicheadh i biadh Dhomhnaill. Bha an
teine air a dhol dubh as, na cearcan ’nan
grunnan aig an dorus, agus an cat a’ ruagail nan
isean tunnaig air feadh an urlair.
Leis an othail a bh’air Moir a’ tearnadh nan
isean is ag cur rian air an taigh cha d’fhuair i
suil a thoirt tuilleadh air a’ bhoin gus an robh
Dbmhnall ris an altachadh. An uair a thug, a
ghraidh mo chridhe!, nach ann a bha a’ bh6
’na seasamh is smuid aice air itheadh na seann
chonnlaich a bha aig ceann na bathcha!
Bha a’ bho cho slan, fallain is a bha i riamh,
ach chaidh corr is bliadhna seachad mun do
leig an t-eagal le Moir innseadh do Dhomhnall
ciamar a leighiseadh a’ bhruid. Nuair a chuala
esan e, ’s ann a thubhairt e;
“Nan robh fhios agamsa air sin aig an am,
bha a’ bho air a dhol do’n t-sloc mun leiginn
leat do chorra-mheur a chur air obair an Droch-
Fhir!”
Mac an t-Sronaich {pho t.d. 25)
e duine a mhort air Mol na Hearadh a bha a’
tighinn dhachaidh le deoch-bainnse. Tha
Mol na Hearadh eadar Leodhas agus crioch na
Hearadh. Ghabh e aithreachas an leanabh
beag am Pabaidh a mhort. Dh’aidich e fhein
gun do mhort e' a phiuthair ann am mearachd
an aite a companaich aig an robh neamhnaidean,
agus bha e fo aithreachas air son seo cuideachd.
B ’e Mac an t-Sronaich am fear mu dheireadh
a chrochadh an Inbhir-nis.
Litir Eachainn {bho t.d. 27)
cho leathann ri beanntaig ag amharc ’nam
aodann feuch ciod idir a bha mi ag ciallachadh
no an robh mo thiir agam!
Tha fios gle mhath nach cuala e iomradh air a
leithid de ni ri bonnach-luirg riamh; ach, air
a shon sin, is docha gu robh facal aig na bodaich
Ghallda co-ionann ris, ged nach aithne dhomhsa
e. Ma tha no ma bha, bu ghasda learn am facal
fhaotainn. Ma tha fios aig aon agaibhse air,
no ma tha fios aig aon sam bith as aithne dhuibh
air, nach faodadh sibh a thoirt dhomh.—Bhur
Caraid Dileas, Eachann MacDhughaill .