Skip to main content

‹‹‹ prev (128) Page 78Page 78

(130) next ››› Page 22Page 22

(129) Aireamh 6, Supplement - Gaidheal Og
AN GAIDHEAL OG
MIOSACHAN COMUNN NA H-OIGRIDH
AN T-OG-MHIOS, 1949 Aireamh 6
Leabliar Gaidlili^ A
Leugh ^li
Le “ UIULEAM ”
(Tha seanfhacal againn a tha ag radh, “Mas math
leat do mholadh, faigh bis. ” Is fheudar gun deach-
aidh an seanfhacal sin a dhealbh le neach-eigin a bha
faireachadh car searbh mu cho beag iiidh 's a bha
daoine cur as oidhirpean. Ach seo agaibh moladh
ir ‘ ‘ Alasdair M6r ’' a tha fhathast an tir nam beo agus
au foghainteach mar an ceudna. Sgriobhadh na
leanas le “Uilleam’’ aig ceasnachadh ann an sgoil
air an hird-an-iar. Ged a bha “Uilleam’ ’ aon bhliadhna
dheug mum b’urrainn dha Gaidhlig a bhruidhinn, is
toigh leis a nis, aig aois seachd bliadhna deug, a
bhith leughadh gach leabhar Gaidhlig a gheibb e.
Chan ann gu foghainteachd “Uilleim’’ a shealltainn
a tha seo sgriobhte air an duilleig seo, ach mar
bhuidheachas do “Alasdair M6r’’ air son na thug e do
Ghaidheil oga is sheana de thlachd le a sgriobhaidhean
grinn. Guma fada beo ar caraid agus guma fada a
bheir a litrichean agus a sgriobhaidhean toileachadh
do na leughas iad!)
CHA do leugh mi leabhar Gaidhlig fhathast
a chord rium cho fior-mhath ri “Litrichean
Alasdair Mhdir.’’ Gun teagamh, chan e
an aon chuspair a tha aig an leabhar seo air fad,
ach ’s e cruinneachadh a tha ann de litrichean
a sgriobh bodach Leodhasach do ’n phaipear sin,
Gazette Steornabhaigh, fad iomadh bliadhna.
Thoisich e air sgriobhadh nan litrichean seo
an uair a thainig am paipear a mach an toiseach,
agus lean e air, a’ sgriobhadh litir gach seachd-
ain nam b’urrainn dha idir, fad coig bliadhna
deug.
Air an doigh seo dh’innis e a h-uile ni a bha
dol air aghaidh anns a’ chearn de Leodhas anns
an robh e—Bearnaraidh. Dh’innis e a h-uile
rud a bha e fhein ’s a bhean—Sine—agus a
chairdean a’ deanamh, agus tha e a’ toirt
dhuinn dealbh soilleir air na tha a’ dol air
aghaidh ann am baile beag mar a tha
Bearnaraidh fad na bliadhna.
Cha mh6r nach saoil sinn gum b’aithne
dhuinn fad ar beatha na daoine a tha anns an
aite—Scottie is Calum Sheorais is Bean Bhill.
Tha na naidheachdan aig Alasdair Mor air an
cur sios ann an doigh cho fior-mhath agus gu
bheil na daoine sin a’ tighinn beo mu’r
coinneamh.
A bharrachd air na litrichean a bhith air an
cur sios cho math, tha a’ Ghaidhlig cho neo-
mhearachdach 's a sgriobhadh sgoilear sam
bith an diugh, agus sin bho sheann duine a tha
ag aideachadh nach d’fhuair e riamh moran
sgoile!
Aithnichidh sinn bho na litrichean gur e
duine lan creidimh a tha ann an Alasdair M6r,
agus chan e a mhain Alasdair Mor ach muinntir
an eilein air fad. Tha e ag innse dhuinn mu na
deasbadan a bhios aige fhein ’s-aig na daoine
a bhios a’ tighinn air cheilidh air mu rudan a
leughas e anns a’ Bhiobull. Ach cha saoil sinn
uair sam bith gu bheil e a ’ toirt dhuinn searmoin.
Bithidh Alasdair M6r ait gu lebir an uair a
thogras e fhein cuideachd, ach ’s e gl6 bheag
air nach biodh snodh-gaire an uair a bhios e ag
innse mu an turus a thug e do'n Ghalldachd a
dh’iarraidh speuclairean agus gun aige ach gle
bheag de Bheurla.
ICigii nan Enn
Le IAIN N. MACLEOID.
Bha iolair ag argumaid ri dreathann-donn,
agus thuirt i : “Is mise Righ nan Eun.
Ciamar a tha de bhathais agad bruidhinn
riumsa air mhodh mhi-mhodhail?’’
“Car son a tha thu ag radh gur tu Righ nan
Eun?’’ dh’fhoighnich an dreathann-donn.
Fhreagair an iolair gu h-uailleil, “A chionn
gun teid mi suas air iteig nas ciirde na eun sam
bith eile.’’
“Chan ’eil mi cho cinnteach,’’ arsa an
dreathann-donn.
“Gle mhaith,’’ arsa an iolair, “feuchaidh
sinn direach an laraich nam bonn ar comasan
anns a’ chuis sin.’’
Chaidh an dreathann-donn suas direach air
iteig anns an adhar, agus dh’eirich an iolair is
i deanamh chuairtean mor a.
Cha robh fada gus an d’fhas an dreathann-
donn sgith, agus an sin shuidh i air druim na
h-iolaire, agus, a chionn gu robh i cho aotrom,
cha d ’fhairich an iolair idir gu robh i air a druim.
Dh ’eirich an iolair air a sgeith gle ard anns an
speur agus dh’aithnich i nach b’urrainn do an
dreathann-donn a dhol suas na b’airde, agus
dh’eibh i: “0, a dhreathann-donn, cbite
bheil thu nis ? ’ ’
Dh’eirich an dreathann-donn air iteig o
dhruim na h-iolaire sgithe agus fhreagair i,
“Tha mi an seo, fada fada os do chionn !’’
Rinn an dreathann-donn a’ chuis anns an
t-stri agus thagair ise gum b’i Righ nan Eun.
Faodaidh na daoine as moralaiche agus as
glice a bhith air am mealladh le cleasaiche beag,
— 21 —