Skip to main content

‹‹‹ prev (111) Page 65Page 65

(113) next ››› Page 67Page 67

(112) Page 66 -
An A 'homlinirlo
CH U M A D H Coinneamh
Ghaidhlig na h-Ard-Chomh-
airle air Di-haoine an
t-ochdamh la de’n Ghiblean , 1949,
ann an seomar an Caisteal Inbhir-
nis.
Cha robh e comasach do’n
Cheann-suidhe, an t-Ollamh Iain
Camshron, LL.B., a bhith an
Ikthair, agus ghabh Mgr. Iain M.
MacGille-na-brataich, lar-Cheann-
suidhe, a’ chathair. Bha seachd
bn ill dheug an liithair.
Aig toiseach na cbinneimh
labhair Fear-na-cathrach mar a
leanas:—
A’ Bhean-uasal Chamshron
“Is beag a bha dull againn an
uair a shocraich sinn an Glaschu,
le cridheachan aotrom, an ath-
choinneamh a bhith an Inbhir-nis,
gun tigeadh sgaradh cruaidh ann
am bas a cheile caomh air ar Ceann-
suidhe gradhach, an t-Ollamh Iain
Camshron. Bha dliith-eolas aig a’
chuid as motha againn air a’ Bhean-
uasal Chamshron, gu sonraichte
bho’n am anns an thinig an
t-Ollamh gu bhith ’na Cheann-
suidhe, oir sheas i ri a thaobh gu
dicheallach aig gach m6d is
coinneamh agus anns an obair
chudthromaich a ghabh e os Ikimh.
Bha i 'na ciil-taic agus ’na co-
chuidiche anns gach ni a rinn e,
agus cha do chuir e iongantas idir
orm an uair a dh’innis e dhomh an
Ih roimhe nach biodh e comasach
dha a bhith an lathair an diugh.
“Tha ar co-fhaireachdainn
domhain, diirachdach leis aig an
dm chraiteach seo, agus • leis an
nighinn big a chaill a mdthair.
Tha mi cinnteach gur h-e iarrtas
na coinneimh seo gun cuirte litir
a dh’ionnsaigh a’ Chinn-suidhe,
ag cur an ceill ar co-fhulangais ris
fhein agus ri a nighinn, Anna, anns
a’ bhrbn dhorainneach a thainig
orra le chbile. Tna sinn ag guidhe
gum bi comhfhurtachd Dhe
leotha. ’ ’
An deidh nam briathran seo agus
air iarrtas Fhir-na-cathrach, sheas
a’ chuideachd iiine bheag ann an
umhlachd fhaireachail.
Leugh an Runaire litir bho’n
Cheann-suidhe a’ toirt taing do
bhuill a’ Chomuinn air son am
mor-choibhneis agus an co-
fhaireachdainn a nochd iad da
fhein is d’a nighinn aig am am
broinn, agus air son nan tiodhlacan
de bhldthan lurach a chuir iad
thuca mar chomharradh air an
co-fhaireachdainn.
Ceap Breatainn
»x t A litir thug an Ceann-
1^1 suidhe sanas gum biodh a
^ thri bliadhna an dreuchd
Ceann-suidhe a’ Chomuinn a’
tighinn gu crich aig an ath choinn-
eamh bhliadhnail agus gum biodh
e iomchuidh beachdachadh air
neach a ghabhas an dreuchd sin ’na
dheidh. Thubhairt e mar an
ceudna nach urrainn dha a nis dol
a null gu Ceap Breatainn, mar a
bha e runachadh, ach bha e an
dochas gun toir muinntir na
Colaisde Gaidhlige an Ceap Brea¬
tainn cuireadh do neach-eigin eile
de luchd-dreuchd a’ Chomuinn
a dhol a null ’na kite gu frithealadh
aig a’ mhod bhliadhnail an .St.
Ann’s. Fhuaradh fios gun gabhadh
iad gu toileach ri riochdair bho’n
Chomunn.
Bha a’ Chomhairle duilich nach
robh e comasach do’n Cheann-
suidhe an turns a ghabhail gu
Ceap Breatainn agus gu robh e a’
leigeil dheth dreuchd Cinn-suidhe.
Air iarrtas Mhgr. MhicGhille-na-
brataich chaidh aontachadh gu
h-aon-ghuthach gun iarrteadh air
an Runaire agus a cheile an Comunn
a riochdachadh aig M6d, Cheap
Breatainn, agus dh’earbadh ris a’
Chomhairle Earalaich gach ullach-
adh a dheanamh fa chomhair an
turuis seo. Thug an Runaire taing
do na buill air son an urraim a bha
iad ag cur air fhein agus a cheile.
Thug gearr-sheanchas coinneimh
de Chomhairle an lonmhais mion-
chunntas air rian-pkidhidh do
luchd-seirbhis a’ Chomuinn, an
deidh bliadhnachan an saothrach
a bhith seachad, agus mholadh gum
biodh sin iomchuidh do chor a’
Chomuinn agus gur h-e kireamh
bheag co-dhiubh a thig fo a leithid
de shochair.
Thugadh aithisg gur e an t-suim
iomlan a tha corr air Mod Ghlaschu
£5,446, ni a tha air a mheas le
mor thaitneas. Chuir a’
Chomhairle an c6ill am m6r-
thaing dhaibh-san uile a shaoth-
raich cho dealasach anns gach
oidhirp a thug seo gu buil.
An Sgoil Shamhraidh
LEUGHADH gekrr-sheanchas
co-choinneimh de Chomhairle
an Fhoghluim agus de Chomh¬
airle a’ Ghniomhachais is nan
Ealdhain, anns an do chlihthaich-
eadh gu h-aon-ghuthach gun dol
air aghaidh leis an Sgoil Shamh¬
raidh air a’ bhliadhna seo, agus
sin a chionn ’s nach do chuir
kireamh m6r gu leoir a steach an
ainmean ag rkdh gum frithealadh
iad an Sgoil. Chuireadh air
mhaireann anns a’ ghekrr-sheanchas
mor-bhuidheachas do’n Ollamh
Iain A. MacGilleathain, Fear-
stiuraidh an Fhoghluim an Siorram-
achd Inbhir-nis, air son gach
cuideachaidh a rinn e anns a’
chuis seo.
Thug gekrr-sheanchas coinneimh
de Chomhairle a’ Chraobh-sgaoilidh
aithisg air obair nam Fo-chomhairl-
ean fa leth agus mu na modan
diithchail a tha ri’n cumail air a’
bhliadhna seo.
Ann an gekrr-sheanchas coin¬
neimh de Chomhairle a’
Ghniomhachais is nan Ealdhain
thugadh aithisg air clkr-eagair
agus co-fharpaisean na bliadhna
1950.
Leughadh gekrr-sheanchas air dk
choinneamh de Chomhairle a’
Mhoid ’s a’ Chiuil. Thugadh
aithisg gun d’fhuaradh Cupan
Airgid mar chuimhneachan air an
Ollamh Seoras U. MacAoidh a bha
’na Cheann-suidhe air a’ Chomunn.
Theid an Cupan a thoirt do’n
bhalach no do’n chaileig as fhekrr
an co-fharpaisean sonraichte beul-
aithris an Earrainn na h-Oigridh.
Bheachdaich a’ Chomhairle air
clkr-eagair Mod 1950, agus tha iad
a’ deanamh oidhirp air ceol nan
coisirean a bhith ullamh an deagh
km.
Bord an Fhoghluim
AN co-cheangal ri gekrr-
sheanchas coinneimh de
Chomunn na h-Oigridh
leughadh iomradh air coinneamh
de fhrith-chomhairle na Comhairle
sin, agus mar an ceudna litir bho
Mhgr. Band, an ainm Bord an
Fhoghluim an Dun-eideann.
Dh’aontaich a’ Chomhairle gu
robh iad toilichte leis an tairgse a
bha Ard-riaghladh an Fhoghluim
a’ toirt seachad, an co-bhann ri
cornu inn-fhoghluim nan ceithir
siorramachdan Gaidhealach agus
ris a’ Chomunn Ghaidhealach, agus
gum biodh iad leagte ris an run a
bha air a chur sios anns an litir aig
Mgr. Band, nam biodh Comhairle
Co-bhoinn ag comhairleachadh a’
Chomuinn Ghaidhealaich a thaobh
dleasnais an luchd-deilbhe.
Bh’fhoillsich gekrr-sheanchas
coinneimh de Chomhairle a’
Chu imhn eacha in ’s a’ Bhreith-
bhuidheachais an t-ullachadh a
thktar cheana a’ deanamh fa
chomhair i:a Feille Moire a tha ri
a cumail an Glaschu aig toiseach
an Og-mhios 1950. Tha fo-
chomhairlean air an cur air bonn
gu bhith toirt gu buil .na tha anns
an amharc.
Ghuidh a’ Chomhairle deagh
dhurachd do Mhgr. Calum Iain N.
MacLeoid a tha gu bhith ’na
Oide Gkidhlig an Colaisde Gkidhlig
Cheap Breatainn. Thug Mgr.
MacLebid taing do’n Chomhairle
air son an deagh dhurachd.
Thugadh a’ choinneamh gu crich
le taing chridheil a thoirt do Fhear-
na-cathrach.
— 66 —