Skip to main content

‹‹‹ prev (102) Page 60Page 60

(104) next ››› Page 62Page 62

(103) Page 61 -
Anns a* C'liatliaii*
CAMANACHD
AIR an dearth latha air am
faca suas ri ceud mile neach
gillean na h-Albann a’ toirt
buaidh air na Sasannaich aig
cluich ball-coise, bha deich mile
cm inn an achadh breagha an
Glaschu agus sgioba Ceilteach an
Obain is sgioba Bhaile Ur an
t-Sleibhe ag iomain air son ard-
urram na camanachd.
Mar a dh’fhaodas fios a bhith
aig gach neach a leughas na briath-
ran seo, ’s e sgioba an Obain a
choisinn a’ bhuaidh. B’e seo an
dara turns dhaibh an Cupa a
chosnadh. Choisinn balaich Bhaile
Ur an t-Sleibhe e deich tursan
cheana, is ged a dh’fhaodas iad a
bhith faireachadh car lorn as aonais
air an t-samhradh seo, cha mhisde
iadsan no aobhar na camanachd
gum faicear an Cupa car tacain
an caochladh chearnan eile de’n
diithaich.
Tha atharrachadh mor air tighinn
air an iomain, mar air gach ni eile.
Air latha na cluiche moire an
Glaschu thug paipear Ghlaschu gu
m’ chuimhne iomradh air caman¬
achd mu’n do sgriobh Mkiri Mhor
nan Oran, agus chuir sin mi a
thoirt sula air an leabhar-oran aice.
THA Mairi, ma th&, ag innseadh
dhuinn mu chamanachd mhoir
a bha an Glaschu aig a’
bhliadhna iiir, 1876. Ann an litir
a chuir i gu caraid san Eilean
Sgitheanach sgriobh i mar seo:—
“Tha sinne a’ falbh am maireach
gu Pairc na Ban-Righ—tri fichead
gille tapaidh Gaidhealach, deich
thar fhichead fo’n fheile, agus
deich thar fhichead le brigisean-
gliiine, le an cuid camanan air an
guaillean, piobairean romhpa agus
as an deidh, agus mi fhein le each
agus c&rn lan chliabh bhonnach,
mulchag chaise uiread ris a’
ghealaich, agus deur beag de’n
Tbisidheachd a chur spreigidh anns
na gillean. ’ ’
“Innsidh mi dhuit mu’n
chamanachd an uair a bhios i
thairis,” ars ise. “Bheir i ’nad
chuimhne laithean ar n-dige, an
uair a b’abhaist do thuath Sgiatha-
bost is Charabost a bhith air a’
bhiith-mhor le buideal air gach
ceann de’n raon agus pailteas
bhonnach agus caise.’’
“Nam bithinn cho beairteach ’s
a tha mi bochd,’ ’ ars ise, ‘‘bheirinn
punnd Sasannach gum biodh tu
far a bheil mise an nochd, ann an
Talla M6r nan Gaidheal an Glaschu,
mo dhk mhuilichinn gu m’
ghuaillean, is am fallus ’gam
FROM THE EDITOR’S CHAIR
dhalladh a’ fuineadh agus a’
bruich bhonnach do na gillean-
Callainn, ceann-suidhe na fardaich
’na shuidhe ann an teas-meadhoin
tri fichead caman, ’gan cur air
doigh air son an Ik maireach.’’
An sin shin Mairi Mhor air oran
mu’n Chamanachd:—
’S iad gillean mo ghraidh
Tha ’n Glaschu nan sraid;
Is fhada bho ait ’ an eolais iad.
’S ann goirid roimh ’n Challainn
A chruinnich an comunn,
’S a chuireadh an iomain an
ordugh leo.
Nuair thkinig an t-am
Gun chruinnich na suinn,
’S bha caman an laimh gach
oigeir dhiubh.
’S e sealladh as breagh’
A chunnaic mi riamh,
Gach oigear gun ghiomh’s a chota
dheth.
Gach fleasgach gun mheang
’S a chaman ’na laimh,
'S a’ chnapag le srann 'ga fogar
Bha cuid diubh cho luath
Ri feidh air an ruaig,
’S cha chluinnt’ ach “A suas i,
Dhomhnaill,’ leo.
’S ann ann a bha ’n eadhlain
Le glagadaich chaman
’S gach curaidh cur fallais is
ceothainn deth.
Nuair chuireadh am blar
Gun choisich na sair
Le piob gu Sraid an Ddchais leo.
Rinn Mairi Mhor oran eile mu
chamanachd Ghrianaig, "aig an
t-seann Challainn, 1877, eadar tri
fichead de Ghaidheil Ghlaschu
agus an t-aireamh ceudna de
Ghaidheil Ghrianaig.’’
Aig an dm ud agus greis an deidh
sin dh’fhaodadh kireamh sam bith
dol an sas anns a’ chluich, ach a
mhain gum feumadh an aon
aireamh a bhith air gach taobh.
After Twenty-Five Years
WHAT is the position now,
after twenty-five years of
our own rule ?
There is a debit side and a credit
side. On the debit side I would
put first that, though Irish is
holding its own as a spoken tongue
in the Irish-speaking districts,
Tha a’ chluich an diugh fo riaghail-
tean gle theann, agus cha mhisde
an gnothach sin, oir an dk chuid
ann an cluich agus ann an nithean
as cudthromaiche is truagh a’
bhuil ma cheadaichear do gach
neach riaghailtean a dheanamh dha
fhein agus riaghailtean eile nach
cord ris a bhriseadh.
IS e iomain chaman, faodaidh
sinn a rkdh, a’ chluich as sine
a tha againn an Albainn, no
eadhon (’s docha) anns an Roinn-
Eorpa gu leir. Tha iomradh air
ann an seann eachdraidh is seann
bheul-aithris nan Ceilteach, an dk
chuid an Eirinn agus an Albainn.
Anns na sgeulan a tha againn mu
Chu-chulainn is mu Dheirdre is
Fionn is Calum-cille tha iomradh
air seann chluichean bho’n d’fhks
an iomain chaman as aithne
dhuinne.
Mar a dh’eirich do iomadh
cleachdadh eile air a’ Ghaidhealt-
achd thkinig miithadh air iomain
an deidh bliadhna Thekrlaich, agus
air feadh dara leth an ochdamh linn
deug agus a’ cheud chuid de’n
naoidheamh linn deug is iad na
gillean beaga am bitheantas a bha
ris a’ chamanachd. Ach aig
amannan sonraichte de’n bhliadhna,
mar air La na Bliadhna Uire,
bhitheadh fir a’ bhaile, scan is
6g, a’ toirt a’ bhlkir-iomain orra,
baile an aghaidh baile, sgir an
aghaidh sgire, ann an cath-cluiche
a mhaireadh bho mhoch gu dubh.
’S e Comunn Ceilteach Ghlaschu
saoilidh mi, agus an deidh sin
Comunn na Camanachd, a chuidich
gu mor ann a bhith ag aiseag na
camanachd gu kite urramach agus
gu speis am beachd nan Gaidheal
mu thuath is mu dheas.
'S ann air tir-mor siorrachdan
Earraghaidheal, Inbhir-nis, agu^
Rois, agus anns an Eilean Sgith¬
eanach agus an Glaschu is Duh-
6ideann a tha na sgioban iomain an
diugh. A bheil gin anns na
h-eileanan a muigh ’s an He ’s am
Muile, air neo an e ball-coise a
mhkin a tha iad sin a’ leantainn ?
largely because of the schools
(and the Free State did not come a
moment too soon in this regard),
yet the Gaeltacht is rapidly be¬
coming bilingual. There seems
no help for this, what with tourists,
the radio, buses, the expansion of
administration, the great impor-
(Continued on page 63)
Language Revival in Ireland (Continued from page 58)
— 61 —