Skip to main content

‹‹‹ prev (82) Page 14Page 14

(84) next ››› Page 16Page 16

(83) Page 15 -
An Gaidheal Og
Utii* Eacliainn
IS ann air blathan, no flurain, a tha a’ chuid
as motha de m’ sheanachas ri bhith air a’
mhios seo. “Nach tu a thuit bho’n airde
air an robh thu air a’ mhios a dh’fhalbh, an
uair a bha thu shuas na b ’airde na na speuran ! ”,
tha mi an duil gu bheil mi ag cluinntinn aon-
eigin ag radh ! Ach ged a bhiodh sin mar sin
fein, cha bu mhise a’ cheud fhear a thuit bho
a leithid sin de airde, agus gle ealamh. Tha
mi cinnteach gun cuala sibh mu’n “upraid
a rinn Uisdean MacUisdein, a thuit anns an
diman ’s a shuil air a’ ghealaich !”
Co-dhiubh, tha mi a’ dol a sheanachas mu
bhlathan, agus ni a dhuisg mo smuaintean gu
a leithid seo de sheanachas beag a bhith againn,
b’e a bhith ag eisdeachd air an fhritheud
{radio) bho chionn ghoirid an seo. Dh’fharraid
esan a bha air ceann a’ chomhraidh de’n luchd-
eisdeachd an robh aon aca a b’urrainn ceithir
ainmeannan nighean a thoirt seachad a bha air
an togail bho ainmeannan bhlathan no fhlurain.
“Rose,” arsa mi fein, mun do fhreagair aon
sam bith air an fhritheud; agus mar gun
cluinneadh e mi, eadhon mar gum freagaireadh
am mac-talla mi, “Rose,” arsa aon dhiubh !
‘‘Heather,’ ’ arsa mise; is a’ cheart cho ealamh,
“Heather” arsa am fritheud ! “Pansy,” arsa
mise, is “Pansy” arsa aon eile. Cha dubhairt
mise an corr, oir aig a’ cheart mhionaid theirig
na h-ainmeannan orm; agus bha an gnothach
a bha ann air fas cho iargalta ’s gu robh mi am
beachd gum b’fhearr dhomh a’ chuis fhagail
aca fhein is gun dol na b’fhaide ’nan “toit no
’nam maorach, ’ ’ mar a theireadh mo
mhathair. Chan ’eil cuimhne agam ciod an
ceathramh ainm a thugadh seachad; ach chuir
e iongantas orm a rithist nach do smuainich mi
fein no aon de na bha a’ freagairt air an ainm
chumanta, ‘ ‘Daisy. ”
Bho seo theann mi ri meomhrachadh ’nam
inntinn fhein feuch a bheil aon chuid ainm
nighinn againn anns a’ Ghaidhlig a tha air a
thogail bho ainm flurain, no ainm flurain a tha
air a thogail bho ainm nighinn no boireannaich.
Cha d’fhuair mi ach aon a mhain; agus chan
e “Ros” a tha mi ag ciallachadh, oir ged is e
“Ros” a their sinn anns a’ Ghaidhlig ri “Rose’ ’
mar ainm nighinn no mnatha, cha bhuin an
t-ainm do’n Ghaidhlig idir , ged a gheibhear e
air uairean air a thoirt do nigheanan
Gaidhealach.
Am Bearnan-Bride.
An t-aon ainm flurain anns a’ Ghaidhlig as
aithne dhomhsa a tha air a thogail bho ainm
nighinn no boireannaich, is e am bearnan-
bride, flur as fior thoigh leamsa, ged a tha cuid
air atharrachadh sin. Is docha gu bheil aobhar
agamsa air a bhith toigheach air a’ bhearnan-
bhride; ach tha an t-aobhar sin ro dhluth do m’
chridhe gu a tharraing a steach an drasd. Cha
mhise a’ mhain a ghabh beachd air an fhluran
seo. Air aon de na h-iomadh lus is blath eile a
fhuair Donnchadh Ban an Coire Cheathaich a
ruin bha am fluran seo.
“Am bearnan-bride’s a’ pheighinn rioghail,
’S an canach min-gheal, ’s am mislean ann;
’S a h-uile mir dheth, o’n bhun as isle,
Gu h-ionad cirean na crich hs aird. ’ ’
Agus Mairi Mhor choir, aon bhoireannach cho
Gaidhealach ’na cruth ’s ’na cridhe ’s a rugadh
riamh, nach e seo a thubhairt ise.
“Bha buadhan m’inntinn a’ triall le sinteig,
Le suil mo chinn faicinn loinn gach poir:
Bha ’n t-sobhrach mhin-bhuidh ’s am
bearnan-bride,
An cluaran rioghail is lus an oir,
'S gach bileag aoibhneach fo bhraon na
h-oidhche,
Toirt ’na mo chuimhne nuair bha mi 6g ! ”
Mum fag mi am bearnan-bride, dh’fhaodainn
a thoirt fainear gu bheil e air blath an da chuid
cho trath is cho anmoch anns a’ bhliadhna ’s a
chi ar suil. Tha balla taobh a mach nan
garraidhean beaga a tha ciil an rath thaighean
anns a bheil an taigh seo. Tha e ri aghaidh na
h-airde an eara-dheas, agus an uair a tha a’
ghrian ’ga leigeil fhein ris, tha i air aghaidh a’
bhalla seo gus gu math seachad air meadhon-la,
agus mar sin tha e daonnan blath ’na thaic
seach an raon fosgailte. Bha am bearnan-
bride fo bhlath ann re an t-samhraidh ’s an
fhoghair an uiridh, is ged a bha gach blath
dhiubh an deidh a cheile a’ ruith gu fras, bha
feadhainn lira ag gobachadh a mach as an aon
bhun.
Am fear mu dheireadh a chunna mi an uiridh
b’ann gle dhluth air deireadh mios na Samhna,
mu’n am san tainig a’ cheud reodhadh cruaidh
oirnn. Mharbh an reodhadh seo am blath, is
cha do ghobaich aon eile a mach gus an robh e
suas ri deireadh a’ Ghearrain. Thainig an sin
latha lurach, grianach, “latha eadar dha
shion,” mar a theireadh na seann daoine ris,
agus air dhomh tighinn mun cuairt cul nan
garraidhean, bha an siud aon bhearnan-bride
beag, boidheach, le a bhileagan fosgailte ris a’
ghrein, is e cho glan, lurach ’s ged a bhiodh e
air ionnlaid ann an uisge bir ! Rinn mo chridhe
gairdeachas ris, ged a thog smuaintean eile suas
’nam aigne mar an ceudna.
— 15 —