Skip to main content

‹‹‹ prev (78) Page 44Page 44

(80) next ››› Page 46Page 46

(79) Page 45 -
Ahum a* t'liatliaii'
FROM THE EDITOR'S CHAIR
BEATHA IS BARDACHD
HA iad ann ’nar latha—agus
chan ann idir tearc a tha iad—
a tha ceart coma co-dhiubh
bhitheas no nach bi a’ Ghaidhlig
air a labhairt, agus aig a’ cheart
am tha iad sin ag gabhail uidh
anns a’ cheol Ghaidhealach. ’Nam
bheachd fhein, tha a’ Ghaidhlig
agus a litreachas agus a ceol a’ dol
comhla. Tha iad suainte ri cheile
ann an ceanglachan na beatha. Ma
dh’fhalbhas aon dhiubh, bithidh
easbhuidh mhor air na dha eile.
Tha spiorad is dreach sonraichte
agus air leth air gach canain, agus
bithidh an saoghal moran nas
bochda na tha e ma thig an latha
anns nach clu'innear tuilleadh a’
Ghkidhlig air beul an t-sluaigh.
Ann an seagh cha bhasaich a’
Ghaidhlig am feasda, cho fad ’s a
mhaireas an saoghal fhein. Ged a
rachadh i a feum cumanta am
measg an t-sluaigh, bithidh i
fhathast air mhaireann ann an
leabhraichean, agus bithidh daoine
foghluimte fad iomadh linn ’ga
leughadh is ’ga rannsachadh, mar a
tha iad a’ deanamh an diugh air an
Laideann agus air an t-seann
Ghreugais. Faodaidh i bhith air
mhaireann mar chuspair-foghluim
anns na h-oil-thaighean, ach
bithidh i marbh, agus anns an
staid mhairbh sin caillidh i a
brigh agus a buaidh. Is ann air
meomhair agus teanga an t-sluaigh,
agus chan ann an leabharlann nan
daoine foghluimte, a dh’iarramaid
uile gum maireadh a’ Ghkidhlig
beo.
THA rud eile ann a tha mar
chomharradh air c&nain bheo,
agus ’s e sin gum biodh i a’
sior chur ri a litreachas, aon chuid
litreachas-beoil no litreachas-pinn
no an da chuid. Mur bi anns a’
GMidhlig no an canain air bith eile
ach meadhon-comhraidh ann an
cuisean na beatha l&itheil, chan
fhearr i na canain nan ceard no
eadhon comhartaich nan con. Ach
ma tha inntinnean sluaigh a’ dol
an gleus air cuspairean-smuain os
cionn gnothaichean dripeil na
beatha laitheil, agus ma tha na
smuaintean is na beachdan sin air
an cur an ceill am briathran
snasail uasal, an rosg no am
bkrdachd, ’s ann mar sin a tha
litreachas a’ teachd gu bith.
Faodaidh an litreachas—agus gu
dearbh bu chbir dha—eirigh a
mach a cuisean na beatha l&itheil,
ach tha e mar gum b’eadh ag
eirigh air sgeith os cionn nan
nithean cumanta agus dicmbuan
agus ag gabhail seallaidh am fad
is am farsaing air na ceistean
diomhair sin a thaobh bith is
beatha a tha ’nan ceistean air gach
ginealach.
Ann am bardachd agus ann an
sgeulachd agus ann an seanfhacal
thug an Gaidheal am follais na
beachdan agus na faireachdainnean
agus an tuigse a bha aige a thaobh
nan nithean sin. Ach tha barrachd
ann an litreachas na na smuain¬
tean a tha e ag cur an ceill. Is leth
a luach a’ chainnt anns a bheil na
smuaintean sin air an comhdach.
Bha an t-Ollamh Sasannach,
Somhairle Maclain, de’n bheachd
nach robh anns a’ Ghaidhlig ach
“canain neo-ghrinn cinnich
bhuirb,” le beag-smuaintean a
chuireadh iad an ceill agus beag-
ealdhain leis an cuireadh iad an
ceill iad.
Is ann a tur-aineolas a dh’eirich
claon-bhreith Mhiclain. Nam
b’aithne dha eadhon na tha againn
ann an Leabhar Dheadhan Liosmor,
thuigeadh e cho ealanta agus a bha
na bciird Ghaidhealach ann a
bhith a’ snaidheadh rann is a’ fighe
fhacal an sreathan grinn.
CHAN ’EIL na bkird idir
marbh. Tha iad ann an
diugh, agus is math gu bheil,
agus tha daoine ann cuideachd a
ni seanchas. Air uairean ’s docha
gu bheil bias an lochrain is aileadh
an t-seomair-fhoghluim air moran
de litreachas Gaidhlig ar latha-ne,
agus sin a chionn ’s gu bheil
. sgaradh air tighinn eadar beatha
Ikitheil a’ bhkird no an fhir-
sgriobhaidh agus cuspair a smuain.
Air litreachas Mhic Mhaighstir
Alasdair is Dhonnchaidh Bhain is
Iain MhicCodrum tha bias na mara
Am b’ann le a dheoin agus
le mi-rim a chuir sgiobair a’
bhata-smiiide an soitheach fodha,
no am b’ann le tubaist a thachair
dha a bualadh ? Chan ’eil fhios air
sin, oir cha deachaidh a thoirt gu
cuirt riamh. Ach is cinnteach, ma
bha dad idir de chneasdachd ann
an aigne an duine, gum bitheadh
agartas a chogais fein ’na pheanas
trom gu leor air.
“Sin agadsa, ma ta,” ars Iain,
agus e a’ sparradh na snathaid leis
an robh e ag obair ’na phoca agus
a’ toiseachadh air pasgadh nan
lion gu boidheach reidh air an
comhair-mhogul air a’ chladach;
“sin agad, a laochain, mar a
thainig agus mar a dh’fhalbh a’
agus aileadh nam beann, oir aca-
san bha dluth-cheangal. eadar
beatha is bardachd. Tha eadar-
dhealachadh mor eadar bard a tha
fuireach am baile Ghlaschu- agus,
air dha tighinn dhachaidh bho
obair-latha agus a thea a ghabhail,
a shuidheas sios a dheanamh pios
bardachd mu ’n ghleann san robh
e 6g no mu’n eilean uainea dh’fhag
a sheanair—tha moran eadar-
dhealachaidh eadar sin agus bard
a tha gach latha a’ saothrachadh
am measg nam beann no ri taobh
na fairge agus aig a bheil a mhac-
meanmna air a ghluasad leis na tha
fa chomhair. Chan e nach ’eil
baird ann a tha, eadhon ami; a’
bhaile-mhor agus fada bho’n
Ghaidhealtachd, air an gluasad gu
bardachd, chan ann le cuimhne
air seallaidhean Gaidhealach a tha
fad as bhuapa aig an dm, ach le
seallaidhean is fuaimean a’ bhaile-
mhoir fhein.
Tha da chunnart fa chomhair na
Gaidhlig. A h-aon dhiubh, gum
bi i mar ch&nain fo ghlais aig na
daoine foghluimte, an fheadhainn
a sgriobhas leabhraichean-gramair
is faclairean (ged is feumail iad
sin); agus an t-aon eile, nach bi
innte ach cknain thana leibideach
anns nach dean daome ach an latha
a bheannachadh d’a che'le. Ma
tha a’ Ghaidhlig ri a buaidh is a
brigh a ghleidheadh, feumaidh
daoine a bhith stri ri a laimh-
seachadh mar inneal tre an toirear
am follais smuaintean is ruintean
mora is diomhair.
Tha na bdird ri am moladh agus
ri am nrsneachadh, agus chan iad
na baird a mhain ach gach neach
a tha feuchainn ri cur ri litreachas
nan Gaidheal.
bhuaidh luachmhor iongantach a
bha air na bataichean ainmeil ud,
agus mar a chaidh giorrad saoghail
a chur air an fhear mu dheireadh
de shliochd nan Saor Mora: agus,
gu dearbh, a reir tuairisgeil, cha
b’e am monar e fhein.”
WANTED
AGENTS TO SELL
“AN GAIDHEAL”
IN THE ISLANDS
Generous Commission
Write to Circulation Manager
NA SAOIR MHORA (bho thaobh-duilleig 43)
— 45 —