Skip to main content

‹‹‹ prev (14) Page 4Page 4

(16) next ››› Page 6Page 6

(15) Page 5 -
Aim* a5 Cliatliair
FROM THE EDITOR’S CHAIR
MIOSACHAIN GHAIDHLIG
Air a’ mhios seo tha An Gaidheai ag cur
aghaidh air an t-saoghal le deise bhriagha ur air.
Tha corr is da fhichead bliadhna bho’n rugadh e,
ach nach ann a tha e ag iarraidh a bhith ag ath-
nuadhachadh oige agus a leithid de dh’obair ’ga
fheitheamh anns na laithean ri teachd. Ri linn
a’ chogaidh b’fheudar dha a chota a chur dheth
agus cumail air as a leinidh. An diugh tha e ’ga
chomhdach fhein as ur agus ag urachadh a neirt
air chor ’s gun gabh e ceum air aghaidh a chum
leas na Gaidhlige.
Is mor agus is lionmhor na h-atharrachaidh-
ean a thainig air an t-saoghal anns na bliadh-
nachan bho thainig An Gaidheai am follais an
toiseach, “a’ togail an Deo-Ghreine ri crann.”
Is mor an t-atharrachadh a thainig air a’
Chomunn Gheddhealach fhein. Nach bu choir
dhuinn a bhith taingeil, am feadh ’s a tha
uimhir de dh’aobharan moralach air crionadh as,
gu bheil an Comunn Gaidhealach air sior fhas,
an da chuid am meud agus am buaidh!
Is iomadh Gaidheai coir—is ban-Ghaidheal
cuideachd—a chuidich leis a’ Ghaidheal a’
bhratach a chumail ri crann, agus tha iomadh
sgriobhadh priseil taisgte anns na leabhraichean
bliadhnail—corr is da fhichead dhiubh—anns a
bheil am miosachan air a chumail air mhaireann.
B’ann an 1803— faisg air ceud gu leth
bliadhna air ais—a chuireadh a mach a’ cheud
mhlosachan Gaidhlig. ’S e An Rosroine an
t-ainm a bha air, agus ’s e Mgr. Tomas
MacDhonnchaidh, am Margadh an t-Salainn an
Glaschu, a chuir a mach e, ach tha do mhair e
barrachd is ceithir miosan.
Bha lamh aig “Caraid nan Gaidheal” (an t-
Ollamh Tormod MacLeoid) anns an Teachdaire
Gaidhealach (1830 gu 1831) agus Cuairtear nan
Gleann (1840 gu 1843), le comhnadh bho Iain
MacCoinnich, fear-deasachaidh Sdr-Obair nam
Bard. Bha Fear-Tathaich nam Beann (1842 gu
1850) fo stiuradh an Ollaimh Gilleasbuig Mac a’
Chleirich, cliamhainn “Caraid nan Gaidheai.”
Trath anns an naoidheamh linn deug bha
aireamh eile de mhiosachain Ghaidhlig a thainig
am follais agus an sin a chaidh a bith an uine
ghearr—An Teachdaire Ur Gdidhealach (1835-36)
fo stiuradh Lachlainn MhicGhilleathain; Teachd¬
aire nan Gdidheal (1844) fo laimh an Urramaich
Iain Foirbeis, ughdar a’ Ghrcimair Dhubailte:
A’ Bheithir Bheuma (1844) fo laimh Iain
MhicChoinnich; An t-Aoidh Miosail (1847-48);
agus aon no dha eile, a bharrachd air An Teachd¬
aire Gdidhealach (an Astralia, 1857) is Cuairtear
na Coilte (an Canada, 1840-41), agus An Cuairt¬
ear Og Gdidhealach an Albainn Nuaidh (1851).
* * *
’Nan deidh sin thainig An Fhianuis,
miosachan Gciidhlig na h-Eaglaise Saoire.
Thoisich seo.an 1845; an 1850 sguir e; bho 1875
gu 1893 thainig e mach mar raidheachan, agus
an 1893 thoisich e a rithist mar mhiosachan,
agus chum e fhein ’s a shliochd air adhart bho
sin gus an latha an diugh—mar mhiosachain
Ghaidhlig na h-Eaglaise Saoire, na h-Eaglaise
Saoire Aonaichte, agus Eaglais na h-Alba.
O chionn iomadh bliadhna’s ann mar dhuill-
eagan Gaidhlig an ceangal am broinn miosachan
Beurla nan Eaglaisean sin a tha An Fhianuis ag
cumail a’ dol. Thoisich na duilleagan Gaidhlig
ann an Life and Work, miosachan Beurla
Eaglais na h-Alba, cho fada air ais ri 1879, agus
bho aonadh nan Eaglaisean an 1929 tha An
Fhianuis aig an t-seann Eaglais Shaoir Aonaichte
agus cuibhreann Ghaidhlig miosachan Eaglais
na h-Alba air a dhol comhla.
Dh’fhaodamaid mar an ceudna an fheadhainn
seo eile ainmeachadh—An Gaidheai (1871-77),
leth am Beurla is leth an Gaidhlig; agus The
Celtic Magazine (1876-88), The Highland
Monthly (1889), agus The Celtic Monthly (1892
’s air aghaidh)—bha iad seo am Beurla le
cuibhreann an Gaidhlig.
Cha choir diochuimhne a dheanamh air Mac
Talla a thainig a mach an Albainn Nuaidh bho
1892 gu 1904, no air Guth na Bliadhna is Alba is
An Sgeulaiche is The Celtic Review. Thainig iad
seo a mach ’nar diithaich fhein anns an da
fhichead bliadna mu dheireadh, Bha feadhainn
eile ann cuideachd.
* * *
Bu mhath fios a bhith aig Gaidheil an latha
an diugh air a liuthad oidhirp a rinn Gaidheil an
latha an de air litreachas Gaidhlig de’n t-seorsa
seo a chur an tairgse sluagh na G&idhealtachd
agus muinntir na G&idhlig aig an taigh is thall
thairis
Gidheadh is duilich fhaicinn cho gearr-
shaoghalach agus a bha na miosachain sin
uile. Bha feadhainn ann nach tug a mach fiu
aon bhliadhna fhein. Bha feadhainn eile ann a
dh’fhan bed fad aireamh bhliadhnachan, ach mu
dheireadh fhuair iad uile bis.
’S iad an fheadhainn as fhaide a mhair, agus a
tha fhathast a’ tighinn a mach miosachain nan
Eaglaisean agus An Gaidheai seo againn fhein.
Gu ma fada a mhaireas iad !