Skip to main content

‹‹‹ prev (114)

(116) next ›››

(115)
Donnchadh Bdn agus Mac Mhaighistir Alasdair 107
Ann a' “ Moladh Moraig ” tha ealantachd is
duanachd anabarrach sgileil ri faotainn. A thaobh
sin tha na h-uile aontaichte is tha sinn a rithist a
breithneachadh le h-iongantas air na talantan a
b’ urrainn dan cho eireachdail, binn, agus a reir
coslais, treibhdhireach, a sgriobhadh.
Tha am bard 'ga chall fhein ’na smuaintean, tha
inntinn is a reusan a’ nochdadh gu neulach fo bhuaidh
na h-aignidhean a th’ air am bras-bheothachadh le
grinneas Moraig. Maille ri mac-meanma air a
bhlath-dheachdadh le spiorad a’ Ghaidheil cha’n
’eil e mi-choltach nach robh iirghluasad cridhe air
siubhal a’ bhaird—gluasadtha faicsinneach o thoiseach
gu deireadh an duain aighear so.
Ma tha MacDhomhnuill ag geilleadh do Dhonn-
chadh Ban a thaobh caomhalachd daingeann,
dlleas ’na oran mor gaoil, cha’n ’eil sin r’a thagairt
air a thaobh ranntachd no snas mhorachd bhriathran.
Tha sgod ro mhi-thlachdmhor r’a chur as leth Bard
Mhuideirt agus is e sin am ‘ mi-mholadh ’ a rinn e
air a chuspair a dh’ airdich e roimhe le uiread de
urram.
Ge b’e air bith ciod e an t-aobhar brosnachaidh a
fhuair e bho “ Shine ” cha’n urrainn duinn
mathanas a bhuileachadh air, air son a’ chliu ghraineil
a bha e a’ toirt air neach a bha gu leir neo-chiontach.
Tha cumhachd eanchainn an Domhnullaich na's