Skip to main content

‹‹‹ prev (90)

(92) next ›››

(91)
Cuairt anns an Fhrith
83
air am bronn ’san ceannaodach ’nam poca air eagal
gu’m brathair iad. A null troimh an abhainn is
ciod e ged a bhios iad gus na cruachain innte, cha
chuir fuachd no fliuichead orra ! Leagaidh iad an
anail air a’ bhruaich thall fo dhubhar nan craobhan
feama. Theid an corn mu’n cuairt, ach facal
cha chanar, fiu—Sud ort!
Cha’n ’eil moran folaich eadar an cnocan so agus
an stuc ud thall ach dig chaorach. Feumar
faighinn a null, agus air am magan na seoid a rithis.
Tha na forsairean cho eolach anns a’ mhonadh agus
ionnas ged a robh an suilean duinte innsidh iad
duit a’ cheart aite ’sa bheil an damh ’na luighe, ged
a dh’ fhaodas fear a’ ghunna a bhi de mhuthadh
beachd. Fhuair iad a nis tearruinte, ach eabailte,
a dh’ ionnsaigh an tomain fhraoich a bha fad an latha
'san amharc aca, am measg sgarnach de chreagan
glasa. Tha iad a nis mu chiad gu leth slat bho’n
damh mhor, agus tha an t-astar aig an fhorsair cho
cinnteach’s ged a thomhaiseadh e h-uile ceum dheth.
Is i mhoille nis tha an damh ’na luighe, agus is docha
nach togair e eirigh gu feasgar, agus co an sealgoir
a loisgeadh air fiadh ’na luighe ? Cha’n fhaigheadh
e leis e ged a bhiodh a thoil aige !
Bheirear Nic Coiseam air lorn, agus feuchaidh
e ri suidheachadh air an torrag laimh ris, dh’ fheuch
ciamar a luigheas i ri ghualainn. Cha’n ’eil a choltas