Skip to main content

‹‹‹ prev (87)

(89) next ›››

(88)
80
An Solaraiche
ghreim. Thug iad mu dheireadh gu talamh e, is
ged a dh’ fheuch e ri eirigh cha d’ fhuair e tuilleadh
air a chasan. An uair a rainig a’ chuideachd bha
am fear croiceach marbh, a dha ghlim a alt, a sgoman
air a reubadh’s a chliathaich air a stroiceadh. Cha
b’urrainn a thuigsinn ciamar a chaidh a chur
a alt, mur an ann a’ strith ri eirigh, oir bha an grunnd
far an do thuit e reidh, comhnard. Bha Buscar
air toirt thairis le sgios, air chrith eadar cheann is
chasan, ach dh’ eirich e an uair a thainig a’ chuid¬
eachd air an aghaidh. Bha e dol mu'n cuairt a’
chairbh ri gruanail fheargach 's gun e toileach iad
a thighinn a choir an fheidh. Cha robh fiu sgrobadh
air, ach cha b’e sin e do Bhran bochd. Bha uidhir
oirlich a aodann na lurga aige a bha a’ nochdadh
a’ chnaimh, agus bun de fhraoch loisgte troimh na
chas aige. Bha am fiadh seachd-clacha-deug air
chudthrom, agus ghiiilain na gillean sgairteil e mu
dha mhile a dh’ ionnsaigh na h-uamha. An sin
ghabh iad an t-aiseag air ais do Cholosa, lan riaraich-
te leis an fhaghaid agus treuntas nan con. Cha’n
’eil an sin ach aon de ghniomhan treuna Bhuscair,
a mharbh agh ’na lan mheudachd leis fein mu’n
robh e bliadhna dh’aois.
Is e sealg a bha sin, agus cha’n e an seorsa muirt
a tha moran a’ deanamh an diugh. Cha b’ioghnadh
am bard a radh mu fhaghaid an fheidh.