Skip to main content

‹‹‹ prev (84)

(86) next ›››

(85)
Cuairt anns an Fhrith
77
Siiil mar airneag, cluas mar dhuilleag,
Uchd mar ghearran, speir mar chorran,
Meadh’ leathann an cliabh leabhar,
’S an t-alt cuil fada bho’n cheann.
Bha fionnadh min, fada, buidhe air Buscar,
agus b’e so a mheudachd:—airde aig an t-slinnein,
ochd oirlich fhichead ; ddmhlad a bhroillich, da-
oirleach-dheug-thar-fhichead ; a chudthrom, coig-
agus-ceithear-fichead punnd. Is e so a nis meudachd
feidh a bha aig a chinneas agus an culaidh mhaith :—
airde aig an t-slinnein, tri troighean ach tri-cheath-
ramh an oirlich ; domhlad a bhroillich, ceithear
agus tri-cheathramh an oirlich ; airde bho mhullach
cinn gus a’ chas thoisich, coig troighean gu leth ;
fad adhairc, da throigh gu leth; bho bharr na
h-adhairc gu ruig an grunnd, seachd troighean agus
deich oirlich ; a chudthrom, tri chiad punnd ’s a
h-ochd. An uair a bheachdaicheas sinn air na
toimhsean sin agus a shamhlaicheas sinn r’a cheile
an cu agus am fiadh, nach ann is iongantach gu'n
tugadh an cii gu talamh am feasd e. Leumaidh
am fiadh air a h-uile sinteag, fichead troigh, agus
leumaidh am miol-chu troigh-ar-fhichead. Ann
an astar fada is mor am buidhinn sin do’n chu.
Bheir mi nis iomradh air sealgach ann an Diiira
le Bran agus Buscar. Air feasgar boidheach dh’