Skip to main content

‹‹‹ prev (63)

(65) next ›››

(64)
56
An Solaraiche
Tha saothair nan sgriobhaichean Eirionnach agus
Albannach, a sgriobh iomadh dan-cluiche bho chionn
beagan bhliadhnaichean ann an Gailig, a’ dearbhadh
nach ’eil iad idir faoin agus socharach a thaobh am
beachd air cor agus beusan a’ chinne-dhaonnda. Agus
ma shonruicheas sinn eisimpleir araidh de Ghaidheal
Albannach, gheibhear ann an oibribh an Ollaimh Neill
Mhic an Rothaich na ceart nithean a dhearbhas gu bheil
Arnold meallta anns a’ bhreith chlaoin a thug e.
Anns an leabhar Iain Aluinn gheibhear na buadhan
as feumaile airson dan-cluiche. Cha’n ’eil eis gliocais
air an iighdar ann a bhi a’ sgaoileadh fa chomhair
an leughadair doigh agus gne nam pearsachan fa
leth anns an leabhar. Ni mo tha cion foidhidinn
no breithneachaidh air ann a bhi cur nan tachartas
an altan a cheile. Dh’ fhaoidte dan-cluiche a dhealbh
as an leabhar ud cho grunndail, toinisgeil’s a chaidh
a sgriobhadh eadhon ann am Beurla fein, anns an
linn so. Faodar a bhi comh-dhunadh gu bheil an
t-eisimpleir so a’ toirt fianuis calg-dhireach an
aghaidh a’ bheachd aig Arnold.
A chionn ’s gu bheil faireachaidhean beothail
aig a’ Cheilteach, tha coigrich air uairibh a smaoin-
eachadh gu bheil e gu tur fo bhuaidh a chuid fair¬
eachaidhean. Cha’n ’eil sin mar sin ; gidheadh tha
aignidhean blatha cho feumail ri reusan fein ann a
bhi toirt breith cheart air beatha an duine. Tha