Skip to main content

‹‹‹ prev (60)

(62) next ›››

(61)
53
Dan-Cluiche Cinneachail Gailig
mi, rinn e greim air an ionnsachadh sin a bha fos-
gailt dha. Rinn e greim air an ionnsachadh sin,
cha b’ann a chionn gu’n robh e ni b’ airde na foghlum
a shinnsir fein, ach a chionn nach robh e cho duilich
dha na cainntean sin a thogail a bha coitchionn da
iomadh cinneach eile mar an ceudna. An deidh
na h-uile ni, is e a ghliocas duthchasail fein is na-
durraiche gu mor do’n Ghaidheal. Tha an seann
eideachadh Gaidhealach a’ taisbeanadh gu soilleir
nam buadhan araidh a tha comh-cheangailte ris a'
Ghaidheal. Bu choir gu’m biodh sud cho taitneach
leis agus cho buannachdail dha ri gaoth fhiorghlan
nam beann. Ged a ni Beurla a’ chuis do’n Ghaidheal
ann an gnothuichean malairt, gidheadh tha ni eiginn
'n a nadur nach urrainn do chainnt nan Gall a
shasuchadh. An trusgan cainnte anns an robh
spiorad a’ Ghaidhil air eideadh air tus, a bheilear
a nis a’ dol a thilgeadh an trusgain sin air falbh
mar ni nach fiu, agus an dean sinn oidheirp air
spiorad a’ Ghaidhil eideadh ann an culaidh nach
’eil dualach dha ? Ged a tha litreachas nan Gall
gun teagamh mor agus cumhachdach, gidheadh tha
buadhan anns a’ Ghaidheal nach ’eileas idir a’ gairm
am follais le litreachas nan Gall. Agus is ann mar a
bhios an Gaidheal ann am beo-cheangal ri inntinn
a shinnsir fein a bhios e comasach air a bhi a’ nochd-
adh a bhuadhan sonruichte—mar ata deothas a