Skip to main content

‹‹‹ prev (54)

(56) next ›››

(55)
47
Ddn-Cluiche Cinneachail Gailig
mhuinntir fein. Nochdaidh mi ciod e tha mi a’
ciallachadh le bhi a beachdachadh air eisimpleir
a tha tuilleadh is cumanta. Seallamaid air oganach
a chaidh a bhreith is arach ann an ceam anns a
bheil fathast an t-sean chainnt air a labhairt,
agus na sean chleachdaidhean air an cumail suas.
Gabhaidh an t-6ganach a thurus gu Galldachd, agus
cha'n fhada gus an tog e doighean a’ bhaile-mhoir.
Tha e measgachadh leis a’ chomunn, agus a’ fas
eolach air na gnathan lira a tha tachairt air. Ann
an iiine gun a bhi fada bidh e cho foghainteach,
seolta ris gach dala fear ann an comh-dheuchainn
na beatha so. Tha gnothuichean saoghalta a’
dol leis gu math, agus is aobhar uaill d'a chairdean
gu bheil e cho soirbheachail. Ach mo thruaighe,
is ro choltach gu bheil beud agus call ag eirigh dha
fein aig an am cheudna. Tha e a’ call, a chuid ’s a
chuid, nam faireachdaidhean tiorail agus am mac-
meanmna beothail a bha buailteach dha ann an
laithean a oige. Aig toiseach a thurais, bha e cleachd-
ta ri bhi cluinntinn nan sgeulachd agus na bardachd
a thainig a nuas le beul-aithris nan ginealach. Tha
fios gu math gu bheil buaidh air leth aig na nithibh
sin gu bhi foghlum nam faireachdaidhean agus am
mac-meanmna. Ach a nis, air do’n oganach so
fas ’na dhuine anns a’ bhaile-mhor, tha na h-uile
coltas gu’n do leig e na nithibh sin air dlchuimhne.